|
Am Prionnsa Teàrlach
Tha an aithris seo air a h-ath-sgrìobhadh
bhon aithris a chaidh fhoillseachadh ann an Leabhraichean-leughaidh
Blackie, leis a' Chomunn Ghaidhealach.
Air an là mu dheireadh dhen bhliadhna 1720,
rugadh leanabh rìoghail anns an Ròimh. B' e balach
beag a bha seo agus b' e esan Teàrlach Eideard Stiùbhart,
oighre dligheach Crùn Bhreatainn. Bha mòran dhaoine
toilichte le naidheachd a bhreith oir bha seo a' toirt dòchas
ùr do na Seumasaich gum faigheadh iad an Crùn air
ais a-rithist. Chaidh am Prionnsa a thogail na fhògarrach
fada bho Bhreatainn. Bha fhios aige bho bha e glè òg
mu chòir a theaghlaich air Crùn Bhreatainn - dùthaich
far nach fhaodadh e a dhol. Chuir e roimhe gum faigheadh e air ais
e nuair a bhiodh an t-àm ceart.
Tha ceangal mòr eadar ainm Theàrlaich
agus na Gaidheil. Bha earbsa aig Teàrlach annta agus dhearbh
iad sin dha. 'S ann nuair a bha e còig bliadhna air fhichead
a dh'fheuch Teàrlach ri Crùn a shinnsirean fhaighinn
air ais. Dh'fhàg e an Fhraing mu mheadhan an t-samhraidh,
1745, agus cha b' fhada gus an robh e air tìr ann an Alba.
Chruinnich na Gaidheil còmhla ris airson sabaid airson còir
a theaghlaich.
Air
an naoidheamh là deug dhen Lùnastal, chaidh bratach
rìoghail nan Stiùbhartach a thogail ri crann ann an
Gleann Fhionghain. Ghluais iad chun an ear gun dàil agus
ràinig iad Coire Ghearraig ach cha robh sgeul air na Sasannaich.
Ràinig iad Peairt agus an sin chaidh am Prionnsa a ghairm
na Rìgh an àite athar, Rìgh Seumas VIII. Ràinig
iad Dùn Èideann agus bha am baile sin aca gun strì
sam bith agus bha na daoine toilichte fàilte a chur air Teàrlach.
Mu dheireadh, choinnich na Seumasaich ri na Sasannaich. Air madainn
foghair air Sliabh a' Chlamhain, chaidh an t-arm dearg, le Iain
Cope air an ceann, a ruagadh.
Bha Alba a-nis fo bhratach a' Phrionnsa agus cho
luath agus a bha a h-uile càil an òrdugh, thionndaidh
e aghaidh air Sasainn. Chaidh iad a-null air a' chrìoch agus
ràinig iad Carlisle. An dèidh sin chùm iad
orra gu Darbaidh agus cha do dh'èirich na Sasannaich nan
aghaidh mar a bha dùil. Cha bu mhò a thàinig an
cuideachadh a chaidh a ghealltainn dhaibh às an Fraing. Bha
arm Theàrlaich a-nis mu 130 mìle à Lunnainn
agus chuir seo eagal air Rìgh Seòras agus muinntir
a' bhaile.
Ach bha Diùc Uilleam air ceithir feachdan
dhen arm dhearg a chur ann an ceithir bailtean sònraichte
airson na Seumasaich a chuartachadh. Thuig am Morair Seòras
Moireach dè a bha nam beachd. Ghairm e comhairle-chogaidh
agus chomhairlich e dhan Phrionnsa tilleadh gu tuath sa bhad. B'
fheudar dhan Phrionnsa sin a dhèanamh. Lean na Sasannaich
iad gu tuath gus mu dheireadh choinnich an dà arm aig Cùil
Lodair. B' ann sa bhlàr fhuilteach sin a thàinig crìoch
air cùis nan Stiùbhartach.
An dèidh a' bhlàir sin thòisich
an sgrios. Bha airgead-cinn de £30,000 air Teàrlach
ach cha bhrathadh na Gaidheil e. Air an fhicheadamh là dhen
t-Sultain, 1746, fhuair e air bòrd bàta Frangach agus
cha do thill e air ais a dh'Alba tuilleadh. Bha dùil aige
tilleadh agus bha dòchas aig mòran de na Gaidheil
gun tilleadh e ach chaidh na bliadhnaichean seachad agus cha do
thachair càil.
Mu dheireadh chan fhaodadh Teàrlach fuireach
anns an Fhraing fhèin. Chaill e a dhòchas, dh'fhàs
e brònach agus dubhach; dh'atharraich a nàdar; cha
robh mòran chàirdean aige air fhàgail; dh'fhàs
e aosta agus nuair a bhàsaich e thàinig crìoch
air an teaghlach rìoghail dom buineadh e. Chaill e a mhisneachd
agus is beag an t-iongnadh.
Bhàsaich e anns an Ròimh,
am baile san d' rugadh e air an là mu dheireadh dhen gheamhradh
1788, gun chloinn a thogadh cùis a shinnsirean fhàgail
na dhèidh. Ach dh'fhàg e ainm agus cliù nach
tèid a dhìochuimhneachadh le Gaidheil airson iomadh
linn.
© na dealbhan Christine Campbell &
GRD
|