GRD > Leabhraichean-leughaidh Blackie > An Saor MacPhì
Beul-aithris - Leabhraichean

An Saor MacPhì
Tha an sgeulachd seo air a h-ath-sgrìobhadh bhon sgeulachd a chaidh fhoillseachadh ann an Leabhraichean-leughaidh Blackie, leis a' Chomunn Ghaidhealach.

O chionn fhada, bha saor a' fuireach faisg air Ceann Loch Gilb, ris an canadh iad an Saor MacPhì. B' e an saor a b' fheàrr a bha riamh roimhe ann an Alba; agus tha e ro-choltach nas fheàrr na saor a bhios ann gu bràth tuilleadh na dhèidh. Chualas iomradh air cho math is a bha an Saor MacPhì anns a h-uile ceàrnaidh de Alba, anns gach ceàrn de Shasainn, de Èirinn agus Lochlann.

Bha e air a mheas aig an àm sin, gum b' iad na saoir Lochlannach saoir mòran a b' fheàrr, na na saoir Èireannach, Albannach no Shasannach. Agus nuair a chuala na saoir Lochlannach iomradh air cho teòma, ealanta 's a bha an Saor MacPhì, smaoinich buidheann de na saoir a b' fheàrr dhiubh gun deigheadh iad do Alba ga fhaicinn, agus a dh'fheuchainn snaidheadh ris, gus faicinn an robh e cho math is a bha a chliù.

Chuir iad fios romhpa chun an t-Saoir MacPhì, gun robh iad a' tighinn ga fhaicinn agus a chur deuchainn air, agus gum feuchadh iad am b' iad na saoir Albannach no na saoir Lochlannach a b' fheàrr air an ealain shaorsainneachd nuair a thigeadh iad; agus gur ann a' marcachd air eich mhaide a dheigheadh iad thar a' chuain, agus suas Loch Fìne, agus gun aithnicheadh e iad nuair a chitheadh e iad a' tighinn suas Loch Fìne air an dòigh sin.

Greis an dèidh don t-Saor MacPhì am fios sin fhaotainn o na saoir Lochlannach, bha e fhèin 's a ghille ag obair anns an taigh shaorsainneachd, agus sùil dhan tug an Saor MacPhì a-mach, chunnaic e na saoir Lochlannach air druim a' chuain a' tighinn a-steach Loch Gilb, agus iad a' marcachd air eich mhaide.

Thuirt e ri ghille, "Tha mi a' faicinn nan saor Lochlannach an siud a' tighinn, 's iad a' marcachd air eich mhaide a-null air druim a' chuain. Tha iad a' tighinn a dh'fheuchainn an e iad fhèin no sinne as teòma air an ealain shaorsainneachd; ach tha mi a' gabhail eagal gun dèan iad a' chùis òirnne; ged a bhios sinne teòma air cuid de ghnothaichean a dhèanamh. Ach innsidh mise dhut mar a nì sinn.

Bidh thusa nad mhaighstir ormsa an-diugh, agus bidh mise nam ghille agadsa. Cuir thusa ort an t-aodach agamsa agus cuiridh mise orm an t-aodach agadsa. Thoir thusa na h-òrdughan dhòmhsa, gur bith dè tha mi a' dèanamh agus bidh mise a' dèanamh mar a dh'iarras tu orm. Ma their iad riut gu bheil iad dol a dh'fheuchainn strì riut, can riutha, gu bheil gille agad a tha faisg air a bhith cho math riut fhèin; iad nas fheàrr a dhèanamh na do ghille an toiseach, agus ma nì iad sin, gum feuch thu fhèin riutha. Ach air na chunnaic thu riamh, na cuir do làmh ris an acfhainn, ach leig eadar mise is iad: agus na toir thusa oidhirp air nì air bith a dhèanamh; ach seas, agus cùm seanchas ri na saoir Lochlannach."

Chaidh an Saor MacPhì na ruith, agus bha e deiseil mun tàinig na saoir Lochlannach air tìr. Chuir am maighstir air aodach a' ghille, agus chuir an gille air aodach na bu rìomhaiche agus na b' fheàrr na bha air a mhaighstir. Agus thòisich na saoir ri obair.

Ràinig na saoir Lochlannach a' bhùth-obrach, agus chuir an gille fàilte orra ann an riochd maighstir, agus thòisich e a' bruidhinn riutha, ag ràdh, "Fàilte oirbh, a bhràithrean ceàird o Lochlann, is mi a tha toilichte ur faicinn, agus tha dùil agam, gu bheil gille a tha agam an seo, cho toilichte ur faicinn rium fhèin."

Chuir na saoir Lochlannach fàilte air, agus thuirt am fear-labhairt aca, "Chuala sinn iomradh air do chliù ann an Lochlann, agus thàinig sinn a chur deuchainn an robh thu cho math ri do chliù, agus gum feuchmaid am bu tu fhèin no sinne as teòma air an ealain shaorsainneachd."

Thuirt an gille, "Chan eil e mar chleachdadh agam fhìn obair a dhèanamh an là a thig aoigh gam fhaicinn. Feuchaibh rim ghille, agus ma nì sibh nas fheàrr na esan an-diugh, feuchaidh mi fhìn ribh a-màireach."

Fhad 's a bha an gille a' bruidhinn ri na saoir Lochlannach, bheireadh e sùil an-dràsta 's a-rithist air an t-Saor, mar a bha e ag obair. An uair a bha an Saor ullamh den rud a bha e a' dèanamh, thuirt an gille ris, "Cuir cas anns an tuaigh, agus anns an tàil ùir, agus feuchaidh sinn an strì a-màireach."

Thug MacPhì sùil a-null agus sùil a-nall tron taigh-oibre, agus ghabh e air gun robh e a' dol a-mach às an t-saor-thaigh, agus dh'fhaighnich an gille dha, "Càite a bheil thu dol?"

Fhreagair an Saor MacPhì, "Tha mi ag iarraidh ceapaig no ploc-ealaig air an dèan mi snaidheadh."

Rinn fear de na saoir Lochlannach gàire, a' fanaid air an t-Saor MacPhì, agus fhuair e muc mhòr cloiche a-muigh, agus thug e a-steach i, agus chuir e am meadhan an ùrlair i, agus thuirt e ris le seòrsa tàir, "Sin agad ploc-ealaig, agus feuch do làmh air."

Rinn a' chuid eile de na saoir Lochlannach gàire, a' fanaid air an t-Saor MacPhì. Sheall an Saor MacPhì car fiadhaich, air dha sin a chluinntinn, ach cha tuirt e bìog.

Chuir e a bhonaid agus neapraig rìomhach air a mhuin air uachdar na cloiche; fhuair e tuagh is maide, is chuir e ceann a' mhaide air muin na neapraige, is thòisich e ri snaidheadh. Rinn e cas na tàil, is chuir e innte i. Thug e don ghille an tàl, is thuirt e, "Sin mar a rinn mi i".

Sheall an gille oirre, agus bha a' chas dèanta cho rèidh-mhìn is ged a bhiodh i air a locradh, is thuirt e, "Nì i an gnothach; cuir an t-samhach anns an tuaigh."

Chaidh an Saor MacPhì, agus chuir e an tuagh ann an greimhiche an t-Saoir, agus an t-sùil ris, air dhòigh 's gum faiceadh e i. Chuir e a' chlach, agus a bhonaid leis an neapraig sgaoilte air a h-uachdar, mu choinneimh a' ghreimiche. Fhuair e am maide às an robh e a' dol a dhèanamh samhach na tuaighe, agus tuagh eile, agus chuir e ceann a' mhaide air muin na neapraige a bha sgaoilte air a' bhonaid air uachdar na cloiche, agus thòisich e ri snaidheadh.

Bheireadh e sealladh an-dràsta 's a-rithist air sùil na tuaighe a bha fa chomhair, agus rinn e an t-samhach freagarrach don t-sùil, agus an uair a bha an t-samhach deiseil aige, rug e air ceann na samhaich, agus thilg e i le a uile neart, agus le cho math agus a bha a chuimse, dh'amais e an t-samhach a chur dìreach a-steach ann an sùil na tuaighe cho teann, daingeann, 's ged bhiodh i air a bualadh ann le òrd.

Leig e fhaicinn i don fhear ris an an robh e ag ràdh, 'a mhaighstir' a dh'fheuchainn an robh i dèante ceart. Sheall an gille oirre, agus thuirt e, "Tha, nì i feum; cuir geinn innte, agus geuraich i."

Chuir an Saor MacPhì an geinn a chumail a' chinn air samhaich na tuaighe, agus gheuraich e an tuagh gu math ris a' chloich-bhleithe, agus thug e faobhar math oirre leis a' chloich. Chaidh e an sin chun na ceapaig, agus thòisich e air gearradh bàrr nan ìnean bhàrr nam meur aige fhèin, le sàr bhuillean den tuaigh.

Bha an gille ag amharc air, agus thuirt e ris, "O sguir, sguir! Ach air m' anam fhèin sguir! Ged a bhios mi fhìn a' dèanamh rud mar sin, cha mholainn dhutsa tòiseachadh air, air eagal gun toir thu bàrr nam meur dhìot fhèin."

Chrath na saoir Lochlannach an cinn ri chèile, agus bhruidhinn iad ri chèile nan cainnt fhèin, is chaidh iad a-mach a ghabhail comhairle o chèile. Smaoinich iad nuair a bha an gille cho math sin, gum b' fheudar gun robh am maighstir fìor mhath, agus nach robh adhbhar dhaibhsan a dhol a dh'fheuchainn strì saorsainneachd ris.

Chaidh iad a-steach don taigh shaorsainneachd a-rithist. Sheall iad ciamar a bha samhach na tuaighe dèante, 's bha i dèante, cho rèidh-mhìn 's ged a bhiodh i air a locradh. Thog iad an sin an neapraig a bha air muin a' bhonaid air uachdar na cloiche air an deach samhach na tuaighe a dhèanamh, agus cha robh aon ghearradh air a chur innte.

Bha an Saor MacPhì 's a ghille air sidheachan ùr a chur suas anns an taigh shaorsainneachd. Bha na sparran suas 's na tuill annta, 's bha MacPhì a' cur nan cnagan annta.

Nuair a dhèanadh e cnag, thilgeadh e suas i, 's dheigheadh a bàrr don toll. Thilgeadh e suas an t-òrd na dèidh, 's bhuaileadh cas an ùird a' chnag, 's chuireadh e a-steach gu a bun san toll i, agus bheireadh MacPhì air cois an ùird, nuair a bhiodh e a' tuiteam a-rithist, na làimh.

Nuair a chunnaic na saoir Lochlannach sin, smaoinich iad, nuair a bha an gille cho math sin, nach robh fios idir, dè cho math is a bha am maighstir. Thuirt iad, "Ach! tha an gille seo agad gu math air an ealain."

Thuirt an gille (is e an riochd maighstir), "Is ann nas fheàrr a tha e a' fàs: ma bhios e leamsa gu ceann bliadhna no dhà, bidh e ach beag cho math rium fhìn, ach feuchaidh sibh fhèin 's mise a chèile a-màireach.

Bhruidhinn na saoir Lochlannach ri chèile, agus smaoinich iad nach robh math dhaibh a dhol a strì ris an t-Saor MacPhì an ath là; gum b' ann a bhiodh iad air an nàrachadh: gum b' ann a b' fheàrr dhaibh am maighstir iarraidh a-steach don taigh-òsta a dh'òl leanna còmhla riutha, agus gun deigheadh iad an dèidh sin mar leisgeul a ghabhail cuairt air na h-eich mhaide aca, ri taobh a' chladaich, a dh'fhaicinn na dùthcha, ach an uair a gheibheadh iad às an t-sealladh, gun deigheadh iad a-mach air a' chuan, 's air ais do Lochlann, is nach tilleadh iad tuilleadh.

Dh'iarr iad an Saor MacPhì a-steach don taigh-òsta gu cuirm. An dèidh beagan coiteachaidh, chaidh an gille leotha oir bha e ann an riochd a mhaighstir. Ach dh'fhuirich MacPhì a-muigh. Agus nuair a bha iadsan a-staigh san taigh-òsta, chaidh an Saor MacPhì a dh'fhaicinn nan each maide a bha aig na saoir Lochlannach, ach ciamar a bha iad air an dèanamh. Sheall e gu math orra, agus thuig e mar a bha iad air an dèanamh, agus thug e pinne crìon fiodha às gach fear dhiubh, agus dh'fhalbh e 's dh'fhàg e iad.

An uair a thàinig na saoir Lochlannach às an taigh-òsta, chaidh iad a dh'ionnsaigh nan each maide aca. Thuirt iad gun robh iad a' dol a ghabhail cuairt air a' chuain ri taobh an fhearainn, agus gum biodh iad air ais an ceann ùine ghoirid. Cha do smaoinich iad air coimhead an robh na h-eich mhaide aca ann an òrdugh, Chaidh iad air muin nan each mar a bha iad agus ghabh iad a-mach air a' chuan.

Nuair a bha iad a-mach air a' chuan, cha robh na h-eich mhaide foghainteach gun na pinneachan a thug an Saor MacPhì asta, agus nuair a dh'èirich a' ghaoth, chuir lunn nan tonn às a chèile iad, agus chaidh na saoir Lochlannach a bhàthadh. Agus cha tàinig gin tuilleadh à Lochlann a chur dragh air an t-Saor MacPhì.

"Nithear mòran le spionnadh ach nithear tuilleadh le seòltachd."


© na dealbhan Christine Campbell & GRD