GRD > Leabhraichean-leughaidh Blackie > An t-Each-uisge
Beul-aithris - Leabhraichean

An t-Each-uisge
Tha an aithris seo air a h-ath-sgrìobhadh bhon aithris a chaidh fhoillseachadh ann an Leabhraichean-leughaidh Blackie, leis a' Chomunn Ghaidhealach.

Bho shean bhiteadh ag innse sgeòil feadh nan gleann air cruth fhiadhaich ris an cainte 'An t-Each-uisge'. Theirte gum biodh e ri fhaicinn air uair na each, agus air uair eile na dhuine, no na shìthiche. Is e bu chleas dha, a bhith a' tàladh sluagh a-staigh do loch no linne, agus mar sin gam bàthadh.

Tha sgeul ag innse gu robh duine bochd air feasgar àraidh a' dol dhachaigh, ceum air cheum an dèidh obair là, is e sgìth.

"O!" ars esan ris fhèin, "Is mi a bhiodh deònach marcachd air each an còrr de mo shlighe, seach coiseachd mar seo!"

Anns an fhacal thug e an aire do each brèagha dubh ri thaobh. "Nach ann dhomh a rug an cat an cuilean," ars esan. "Thèid mi air a mhuin, agus gheibh mi dhachaigh gun an còrr sgìos."

Ach an uair a bha e gu leum air an each, ghlac, mar gum biodh, sgàth e. Air dha sùil a thoirt gu geur, chunnaic e gu robh bian an eich mar gum b' ann na shligean beaga, agus gu robh a ladhran sgoilte.

"An t-Athair, am Mac, 's an Spiorad Naomh a dhol eadar mise agus tu!" ars an duine is e air chrith le eagal. Ann am priobadh na sùla chaidh an t-each às a shealladh ann an lochan uisge a bha faisg.

Tha sgeul eile ag innse gu robh dà phàiste cloinne làmh air làimh a' mànran air bruaich lochain là blàth, grianach, an uair a chunnaic iad aig an taobh an t-each a bu bhrèagha air an do leig iad riamh sùil. Gun an còrr smuain chaidh iad air a mhuin. Cha bu luaithe an sin iad na thug e às leotha a-staigh don uisge, agus cha chualas guth orra gu bràth tuilleadh.

Tha an dà sgeul bheag sin a' toirt fa-near nach eil gu math a bhith a' leigeil ar miann air nithean nach buin dhuinn mar chòir. Is ann an riochd duine, ris an cainte 'leannan-sìth', tha e air a ràdh, a bhiodh an t-each-uisge a' tagradh càirdeas air nigheanan òga. An uair a bhiodh an ceò anns a' bheinn is am feasgar ciùin a' dùnadh a bhrata mun talamh, agus an òigh a' tionail na sprèidhe, bheireadh i an aire do ghille brèagha ri taobh a' tairgsinn cobhair dhi is i na h-aonar.

Mar bu trice is e mì-shòlas agus mulad don ainnir a chuireadh crìoch air a' chàirdeas ud ach tha aon òran binn, tiamhaidh o shean ag innse dhuinn gu robh 'an leannan-sìth' fo throm chiùrradh an dèidh a' bhean-ghaoil a cùl a chur ris fhèin agus ri a leanabh. Is esan a sheinn:

Bha an ceò sa bheinn,
bha an ceò sa bheinn,
is uisge frasach,
a hùbh, a hò;
nuair thachair ormsa
a' ghruagach thlachdmhor,
a hùbh, a hò,
a hùbh, a hò.

Is ann bhon each-uisge, tha e air innse, fhuair mòran de na bhiodh ri fiosachd o shean an t-eòlas a bha aca.

Tha cuid den bheachd gur ann bho na daoine beaga, a bha bho shean ann an uaimhean anns na creagan a thàinig, bho linn gu linn a-nuas, sgeul an eich-uisge, agus iomadh sgeul eile de a leithid. Co aige tha fios nach fhaod leasan fìrinneach feumail a bhith aig bonn gach tè dhiubh?


© na dealbhan Christine Campbell & GRD