|
A' Phìobaireachd Fhalaich
Tha an sgeulachd seo air a h-ath-sgrìobhadh
bhon sgeulachd a chaidh fhoillseachadh ann an Leabhraichean-leughaidh
Blackie, leis a' Chomunn Ghaidhealach.
'S e mac banntraich a bha a' fuireach air oighreachd Fir Stafa ann
an ceann a tuath Mhuile a bha ann am Pàdraig MacLucais. Aig
an àm sin, bhiodh a h-uile balach a' cluich an fheadain agus
sin mar a bha Pàdraig. Bha feadan cuilc aige a rinn e fhèin
agus le ribheid mhath connlaich ann, cha robh an ceòl a bha
a' tighinn às dona.
B' e Pàdraig MacLucais am balach a b' fheàrr air an
fheadan a chluich. Bha Pàdraig bho theaghlach anns an robh
pìobairean ainmeil agus a rèir sgeulachd à
beul-aithris, dh'ionnsaich a' chiad fhear a' phìobaireachd
aon oidhche anns an t-sìthean.
Bhiodh am feadan beag aig Pàdraig an-còmhnaidh nuair
a bhiodh e a-muigh a' buachailleachd a' chruidh. Chluicheadh e cuid
de na puirt cho math agus gum biodh daoine ag ràdh, "Tha
thusa de na h-eòin agus a' faotainn leasain anns an t-sìthean."
Aon là, bha Fear Stafa a' dol seachad air taigh na banntraich
air druim eich. Bha Pàdraig na shuidhe air cloich ri taobh
an taighe a' cluich an fheadain. Smaoinich Fear Stafa gu robh Pàdraig
math air cluich agus gun robh an dòigh anns an robh e a'
gluasad a mheuran uabhasach grinn. Mharcaich e a-null thuige agus
dh'fhaighnich e dha an robh e airson a dhol a dh'ionnsachadh na
pìobaireachd.
"Tha," fhreagair Pàdraig, "ma leigeas mo mhàthair
leam."
An uair sin fhèin thàinig a' bhanntrach a-mach chun
an dorais agus bhruidhinn Fear Stafa rithe. Chaidh Pàdraig
a chur gu Ulbha, gu MacArtair a bha na phìobaire agus na
fhear-teagaisg ainmeil aig an àm.
Cha robh Pàdraig ach mu dheich bliadhna aig an àm
ach bha e cho math air ceòl ionnsachadh agus nach robh e
fada gus an robh e na b' fheàrr na mòran a bha ann
roimhe agus a bha na bu shine na e.
B' urrainn dha 'glug' no 'snaoim' no 'gearradh' ann am port a dhèanamh
cho sgiobalta gus an robh farmad aig MacArtair fhèin ris
mu dheireadh. Chluicheadh Pàdraig puirt air nach fheuchadh
balaich eile de aois. Uaireannan cha bhiodh fios aig muinntir an
àite an e Pàdraig no MacArtair a bhiodh a' cluich
nuair a chluinneadh iad fuaim na pìoba.
Air sgàth sin, thòisich MacArtair a' falach a' chiùil
air Pàdraig. Thuig Pàdraig seo. Mhothaich e gum biodh
MacArtair ga chur air turas a chumadh air falbh e airson greis nuair
a thigeadh duine urramach a shealltainn air.
Aon là, thàinig duine uasal gu taigh MhicArtair. Mar
a b' àbhaist, chaidh Pàdraig a chur air falbh air
turas ach an dèidh dha a dhol pìos beag air falbh,
thill e agus sheas e san doras-cùil. Thòisich a' phìobaireachd
agus dh'èist Pàdraig gus an do dh'ionnsaich e a' 'phìobaireach
fhalaich' gu lèir.
Là no dhà an dèidh seo, chuala MacArtair fuaim
an fheadain anns an t-sabhal. Dh'èist e ris a' phort bho
thoiseach gu deireadh. An uair sin chaidh e a-steach 's e uabhasach
fiadhaich.
"Càite an do dh'ionnsaich thu am port sin?" ars
esan.
"Dh'ionnsaich," ars am balach, "anns an doras-cùil
an là eile nuair a bha sibh ga chluiche dhan duine uasal
ud. Tha mi a' dol a dh'innse dha Fear Stafa gu bheil sibh a' falach
a' chiùil orm."
"Na can guth," arsa MacArtair, "agus ionnsaichidh
mise a h-uile meur anns a' phìobaireachd fhalaich dhut."
Bha an rud a thuirt MacArtair fìor agus nuair a dh'fhàg
Pàdraig MacLucais Ulbha, cha do chuir duine pìob air
gualainn na b' fheàrr na e.
© na dealbhan Christine Campbell & GRD
|