|
Baile nan Leth-chiallach
Tha an aithris seo air a h-ath-sgrìobhadh
bhon aithris a chaidh fhoillseachadh ann an Leabhraichean-leughaidh
Blackie, leis a' Chomunn Ghaidhealach.
O chionn fhada, ann an ceàrnaidh den
dùthaich air an robh Sgìre Ma Cheallaig, bha na boireannaich
glic ciallach, ach bha na fireannaich cho gòrach agus gun
creideadh iad rud sam bith a chanadh na boireannaich riutha.
Aon uair, thàinig ceannaiche-siubhail don ghleann a dh'fhaicinn
an robh na chuala e mun bhaile seo fìor. Cha b' fhada gus
an robh e cinnteach gur e an fhìrinn a bh' anns a h-uile
càil a chuala e. Cha robh e fada anns a' bhaile nuair a chunnaic
e duine na ruith a-nuas an leathad air frith-rathad a bha a' gearradh
lùib mhòr den rathad a bha a' dol dhan bhaile.
"Am faca tu mulchag chàise a' roiligeadh sìos
an seo?" dh'fhaighnich an duine dha agus anail na uchd.
"Chan fhaca," fhreagair an ceannaiche-siubhail.
"Uill," ars an duine, "nuair a ràinig mi mullach
an leothaid, thuit a' mhulchag chàise air an rathad agus
roilig i leis an leathad. 'Ma tha thu airson do rathad fhèin
a dhèanamh, tha sin ceart gu leòr,' arsa mise rithe,
'ach ged a tha thu luath, chì sinn cò bhios aig an
taigh an toiseach.' Ghabh mise an t-slighe bu luaithe agus tha mi
an seo an toiseach."
Chrath an ceannaiche-siubhail a cheann agus chùm e air a'
coiseachd. Cha robh e air a dhol fada nuair a chunnaic e taigh a
bha air a thogail ri taobh bruthaich. B' urrainn dhut coiseachd
bho mhullach na bruthaich suas air tughadh an taighe. Cha robh fios
aige dè chanadh e nuair a chunnaic e duine a' feuchainn ri
toirt air bò a dhol suas gu mullach an taighe gus an itheadh
i am feur a bha a' fàs a-mach às an tughadh. Ach cha
robh a' bhò ag iarraidh a dhol ann dha.
"Mura tèid a' bhò suas a dh'ithe an fheòir,
carson nach toir thu am feur a-nuas thuice?" dh'fhaighnich
an ceannaiche-siubhail.
"Cha ghabh sin dèanamh," fhreagair an duine.
"Dè bheir thu dhomh ma nì mise e?"
dh'fhaighnich an ceannaiche.
"Bheir gròta," fhreagair an duine.
Fhuair an ceannaiche corran agus chaidh e suas gu mullach an taighe.
Cha robh e fada a' gearradh an fheòir. Chruinnich e na gheàrr
e agus thilg e sìos e gu far an robh a' bhò. An uair
sin dh'fhalbh e. Chaidh e air feadh a' ghlinne agus chaidh e a-steach
do thaigh far an robh triùir bhoireannach a' snìomh.
Bha e a' feuchainn ri rudan a reic riutha ach cha robh sin furasta.
"Cha chreid mi," ars esan, "gur ann às an
àite seo a tha sibhse."
"'S ann," fhreagair iadsan, "ach chan ann tric a
thachras sinn ri duine cho glic riutsa."
"Tha mi a' tuigsinn gu bheil na fireannaich anns a' bhaile
seo glè ghòrach," ars an ceannaiche-siubhail.
"Tha gu dearbh," fhreagair na boireannaich. "Bheir
sinn rud sam bith a tha sinn ag iarraidh a chreidsinn orra."
"A bheil duine aig an triùir agaibh?" dh'fhaighnich
an ceannaiche.
"Tha," ars iadsan. "Tha iad furasta gu leòr
am faighinn ann an seo."
"Uill," ars esan, "tha fàinne òir agam
an seo a bheir mi don tè as fheàrr a bheir rud a chreidsinn
air an duine aice."
Chaidh na boireannaich dhachaigh gu na taighean aca fhèin.
B' e Ailean, Iain agus Donnchadh na h-ainmean a bh' air na fir aca.
Nuair a thàinig Ailean air ais bhon àirigh far an
robh e a' buachailleachd a' chruidh, thuirt a bhean ris, "A
dhuine bhochd, chan eil thu a' coimhead gu math idir."
"Nach eil?" ars esan.
"Chan eil idir," fhreagair ise. "Feumaidh tu a dhol
dhan leabaidh sa bhad."
Rinn Ailean mar a chaidh iarraidh air agus an uair a bha e san leabaidh,
choimhead a bhean ris a-rithist.
"Mo chreach!" ars ise, "tha thu a' dol nas miosa."
Thòisich i a' rànail. "Tha thu a' bàsachadh,"
ars ise 's i a' gal.
"A bheil?" ars Ailean.
"Tha agus cha bhi sin fada," ars ise.
Leig Ailean osna. Chaidh a bhean a-null chun an teine ag ràdh
rudeigin rithe fhèin. An uair sin chaidh i air ais chun an
duine aice agus thuirt i, "Dùin do shùilean agus
na gluais. Tha thu a-nis marbh. Dèan mar a tha mise ag ràdh
no dh'fhaodadh rud nas miosa tachairt dhut."
Laigh Ailean gun ghluasad agus a shùilean dùinte mar
gum biodh e marbh. Chaidh a bhean a-mach agus dh'òrdaich
i ciste-laighe dha.
Nuair a ràinig Iain an taigh thachair a bhean ris aig an
doras.
"Cò thusa?" dh'fhaighnich i dha.
"'S e mi fhìn a th' ann," fhreagair Iain.
"O gu dearbh, cha tu," ars ise. "Cha tu fhèin
a th' ann agus chan eil fios agamsa cò thu."
"Mur e mi fhìn a th' ann, cò th' annam?"
dh'fhaighnich Iain.
"'S e do ghnothaich fhèin a tha sin," fhreagair
a bhean. "A-mach à seo às mo shealladh agus na
cuir dragh orm."
Chaidh Iain suas an cnoc agus chaidh e air falach anns a' choille.
Bha e an sin fad na h-oidhche agus e a' feuchainn ri dèanamh
a-mach cò bha ann.
Bha Donnchadh aig an fhèill agus cha do thill e dhachaigh
gu feasgar na h-ath oidhche. Dh'innis a bhean dha gun do bhàsaich
Ailean agus gun robh e gu bhith air a thiodhlacadh am feasgar sin.
"Feumaidh tu a dhol chun an tiodhlacaidh," ars ise. "Cuir
dhìot d' aodach obrach agus cuir ort do dheise dhubh."
Ach bha i air an deise dhubh aige a chur air falach agus cha b'
urrainn dha a lorg. Sheas e an sin 's e rùisgte 's e a' gearan
an fhuachd. Choimhead a bhean a-mach air an uinneig agus chunnaic
i an tiodhlacadh a' tighinn a-nuas an rathad.
"Greas ort," ars ise, "no bidh tu fadalach airson
an tiodhlacaidh."
"Cha d' fhuair mi mo dheise dhubh fhathast agus tha mi air
mo lathadh leis an fhuachd," fhreagair e.
"A dhuine bhochd," ars ise, "tha do dheise ort mu
thràth. Tha i fuar oir tha greis bho nach robh i ort. Greas
ort chun an tiodhlacaidh."
Dh'fhalbh Donnchadh a-mach. Chunnaic e an tiodhlacadh agus chaidh
e tarsainn nan achaidhean airson a bhith roimhe. An uair a chunnaic
na daoine duine rùisgte a' ruith nan coinneimh, ghabh iad
eagal agus ruith iad air falbh agus dh'fhàg iad a' chiste-laighe
air an rathad.
Bha Iain a' faicinn na bha a' tachairt. An uair a chunnaic e an
duine rùisgte na sheasamh ri taobh na ciste-laighe, sguir
e a' smaoineachadh mu dheidhinn fhèin agus chaidh e sìos
far an robh e.
"An aithne dhut mise?" dh'fhaighnich e dhan duine rùisgte.
"Nach tusa mo nàbaidh, Iain?" fhreagair am fear
rùisgte. "Tha thu coltach ris co-dhiù."
"Bha mo bhean ag ràdh nach b' e mi fhìn a bh'
ann, agus 's cinnteach gum biodh fios aicese. Carson a tha thu rùisgte?"
"A bheil mi rùisgte? Thuirt mo bhean rium gun robh mo
dheise dhubh orm," arsa Donnchadh.
Chuala am fear a bha sa chiste-laighe na thuirt Donnchadh agus Iain
agus dh'èigh e, "'S i mo bhean a thuirt riumsa gun robh
mi marbh."
Ghabh Donnchadh agus Iain eagal nuair a chuala iad am fear marbh
a' bruidhinn agus theich iad.
Thàinig an ceannaiche-siubhail a-nuas gu far an robh a' chiste-laighe.
Thug e am mullach dhith agus dh'iarr e air an fhear a bha na broinn
èirigh agus a dhol dhachaigh. Ach cha ghluaiseadh Ailean
gus an tàinig a bhean agus an tuirt i ris nach robh e marbh
agus gum b' urrainn dha gluasad.
'S i bean Ailein a fhuair an fhàinne òir. Dh'fhàg
an ceannaiche-siubhail an t-àite ag ràdh nach tilleadh
e tuilleadh gu baile far an robh na fireannaich cho gòrach.
© na dealbhan Christine Campbell & GRD
|