GRD > Leabhraichean-leughaidh Blackie > Bàs Choluim Chille
Beul-aithris - Leabhraichean

Bàs Choluim Chille
Tha an aithris seo air a h-ath-sgrìobhadh bhon aithris a chaidh fhoillseachadh ann an Leabhraichean-leughaidh Blackie, leis a' Chomunn Ghaidhealach.

Rugadh Colum Cille anns a' bhliadhna còig ceud agus a h-aon air fhichead, is chaochail e anns a' bhliadhna còig ceud ceithir fichead agus a seachd deug. Chaidh eachdraidh a bheatha a sgrìobhadh ann an Laidinn le Adhamhnan, duine a bha glè fhoghlamaichte na linn, agus a chaochail anns a' bhliadhna seachd ceud agus a ceithir.

Bàs Choluim ChilleBha Adhamhnan na Aba air I fad còig bliadhna ar fhichead, agus b' aithne dha daoine a bha eòlach air Colum Cille. Tha e ag innse gun d' fhuair Colum Cille rabhadh air a bhàs ceithir bliadhna mus do chaochail e, agus tha na leanas ag innse mu dheidhinn, mar a sgrìobh Adhamhnan.

An uair a bha na ceithir bliadhna a dh'ainmich mi roimhe gu bhith seachad, agus on a bha fhios aig an fhàidh gun tigeadh crìoch a bheatha aig ceann nam bliadhnachan sin, chaidh e a-mach là àraidh sa Chèitean a choimhead air na bràithrean a bha ag obair. Bha e air a ghiùlain ann an cairt oir bha e aosta agus sgìth.

Thòisich Colum Cille a' bruidhinn riutha fhad 's a bha iad ag obair air taobh siar Eilein Idhe agus thuirt e, "Le miann mòr mhiannaich mi a dhol còmhla ri Crìosd an Tighearna aig fèill na Càisge anns a' mhìos seo a chaidh seachad, nì a bha air a cheadachadh dhomh leis-san, nam b' e mo roghainn e. Ach gus nach biodh fèill an aoibhneis air a tionndadh gu bròn dhuibhse, roghnaich mi gum biodh fhathast beagan dàlach air là m' atharrachaidh às an t-saoghal seo."

Nuair a chuala a mhanaich dìleas na facail muladach sin, bha iad glè bhrònach agus dh'fheuch esan ri misneachd a thoirt dhaibh mar a b' fheàrr a b' urrainn dha. Nuair a sguir e a bhruidhinn riutha, is e na shuidhe anns a' chairt, thionndaidh e aodann chun an àird an ear, agus bheannaich e an t-eilean agus na h-eileanaich a bha a' còmhnaidh ann. Agus on là sin gus an là an-diugh, chan fhaod nimh teanga thrì-chlaiseach nathraichean-nimhe cron a dhèanamh air duine no air beathach callda a bhios ann.

Beagan làithean an dèidh sin a-rithist, chunnaic an fheadhainn a bha san aifreann Didòmhnaich aodann an t-seann duine urramaich a' fàs ruiteach nuair a thog e a shùilean, oir, mar a tha e sgrìobhte, 'bheir cridhe aoibhneach aodann duine fo bhlàth' Aig an dearbh àm, chunnaic esan na aonar, aingeal Dhè ag itealaich taobh a-staigh na h-eaglais. Air sgàth agus gun do lìon dreach gaolach ciùin na h-aingil naomha cridheachan nan daoine taghte le a h-aoibhneas agus le a h-aighear, bha aoibhneas follaiseach ann an gnùis an duine bheannaichte.

Agus an uair a thuig iadsan a bha an làthair, dè e b' adhbhar don aoibhneas ud, leis an robh e air a lìonadh o Dhia, is e fhreagair an duine naomh, is e a' sealltainn suas:
"Is iongantach gu bheil Nàdar a' cur falachd air na h-ainglean. Oir feuch aingeal an Tighearna, a chuireadh a dh'iarraidh air ais nì a tha gràdhaichte le Dia, sheall e a-nuas òirnne an taobh a-staigh na h-eaglaise, is bheannaich e sinn, gun aon chomharra fhàgail na dhèidh air mar a chaidh e a-mach".

Labhair an duine naomh na facail sin, ach cha b' urrainn do neach de na bha a' seasamh mun cuairt a thuigsinn dè an nì sin a chuireadh an t-aingeal a dh'iarraidh. Ach b' e 'nì naomh' a bh' aige air anam fèin, a chaidh a thoirt dha le Dhia, agus, mar a dh'innsear an seo sìos, chaidh ise air ais don Tighearna air oidhche Didòmhnaich eile, sia làithean slàna on là sin.

Aig ceann na seachdaine sin, air Là na Sàbaid, chaidh an duine urramach agus a sheirbhiseach dìleas, Diarmaid, a bheannachadh an t-sabhail, a bha astar goirid bhuapa. Nuair a chaidh an duine naomh a-steach, bheannaich e an sabhal agus dà mheall de arbhar glan a bha ann, agus ann a bhith a' toirt taing thuirt e mar seo:
"Is sona leam sibh, a mhanaich ionmhainn, a chionn gum bi agaibh air a' bhliadhna seo bhur leòr de theachd-an-tìr, ma dh'fheumas mise falbh uaibh do àite air bith."

Nuair a chuala a sheirbhiseach, Diarmaid na facail seo dh'fhàs e brònach agus thuirt e, "Tha thu, athair, a' cur bròn òirnn gu tric am-bliadhna, oir tha thu tric a' bruidhinn air do bhàs."

Agus fhreagair an duine naomh e mar seo, "Tha sgeul-rùin beag àraidh agam, agus ma bheir thu dhòmhsa do ghealladh daingeann nach innis thu do neach air bith i ro mo bhàs-sa, thèid agam air rudeigin nas soilleire a ràdh riut mu mo bhàs."

Lùb an seirbhiseach a ghlùinean, agus thug e an gealladh a rèir toil an duine naoimh, agus an uair sin thuirt an duine urramach mar seo:

"Gairmear Là na Sàbaid don là seo anns na leabhraichean naomha, agus is e as ciall don fhacal sin, fois. Agus dhòmhsa is Là na Sàbaide da-rìribh an là-sa an-diugh, a chionn gur e là deireannach na beatha seo dhomh e, agus air an là-sa gabhaidh mi fois an dèidh sàrachadh mo shaothrach gu lèir, agus aig meadhan na h-oidhche-sa a tha tighinn, oidhche an Dòmhnaich, thèid mi air slighe m' athraichean, a rèir briathran nan Sgriobtar. Oir tha mo Thighearna, Iosa Crìosd, cheana air cuireadh a thoirt dhomh, agus aig meadhan na h-oidhche seo thèid mi da ionnsaigh, mar a dh'iarr e. Oir seo mar a dh'innis an Tighearna fhèin dhomh."

A' cluinntinn nam briathran muladach seo, thòisich an seirbhisheach air gul gu goirt, is dh'fheuch an duine naomh ri sòlas a thoirt dha, mar a b' urrainn e. An dèidh sin, chaidh an duine naomh a-mach às an t-sabhal, agus air a shlighe air ais don mhanachainn shuidh e mu letheach slighe; agus anns an àite sin chithear, ri taobh na slighe, crois, a tha an-diugh na seasamh air a sàthadh an cloich-mhuilinn. Agus fhad 's bha an duine naomh, mar a thuirt mi roimhe, na shuidhe anns an àite sin a' leigeil analach, is e sgìth leis an aois thàinig each bàn thuige, seirbhiseach umhail, a b' àbhaist a bhith a' giùlain nan cuman bainne eadar a' bhuaile is a' mhanachainn.

Thàinig esan faisg don duine naomh, agus nì as iongantaichte, chuir e a cheann na uchd, fo stiùireadh Dhè, tha mi smaoineachadh, a chionn gu bheil tuigse aig gach beathach a rèir agus mar a bheir an Cruthadair fhèin aithne. Agus air sgàth agus gun robh fios aige gun robh a mhaighstir gu falbh uaithe ann an ùine ghoirid, is nach fhaiceadh e tuilleadh e, thòisich e ri caoidh agus ri dòrtadh nan deur gu frasach an uchd an duine naoimh, agus ri caoineadh, is cop às a bheul.

An uair a chunnaic am fear-frithealaidh an nì sin, dh'fheuch e ris an each a bha caoineadh a thoirt air falbh, ach bhac an duine naomh e, ag ràdh:

"Leig dha; leig dhàsan, aig a bheil gràdh òirnne caoineadh is deòirean a dhòrtadh a-mach nam uchd-sa. Ach thusa, a tha nad dhuine, agus aig a bheil anam reusanta, cha b' urrainn thu air aon dòigh fios a bhith agad mu m' imeachd-sa, mura b' e gun do nochd mi fhìn dhut e o chionn ghoirid; ach don ainmhidh seo gun chiall, gun anam, dh'fhoillsich an Cruthadair fhèin gu soilleir, ge b' e air bith mar b' e a thoil e, gum falbhadh a mhaighstir uaithe." Agus air dha seo a ràdh, bheannaich e an t-each-cosnaidh, is e a' tionndadh uaithe fo bhròn.

An sin dh'fhàg e an t-àite sin, agus dhìrich e cnocan a bha os cionn na manachainne, agus sheas e tiota na mhullach, agus na sheasamh thog e suas a dhà bhois, is bheannaich e a mhanachainn fhèin ag ràdh:
"Ge b' e cho cumhang agus cho suarach is a tha an t-àite seo, gheibh e onoir mhòr nach gann, chan e a-mhàin o rìghribh Alba maille ri an sluagh, ach cuideachd o riaghlairean chinneach borba coimheach, maille ris an t-sluagh, a tha fo an smachd; agus a thuilleadh air sin, bheirear urram nach gann dha o eaglaisean eile."

An dèidh nam briathran sin, thàinig e a-nuas on chnocan ud, is thill e don mhanachainn, is shuidh e na thaigh fhèin, a' sgrìobhadh nan salm. Agus nuair a ràinig e an rann ud den cheathramh salm deug thar an fhichead, far a bheil sgrìobhte, 'ach orrasan a dh'iarras an Tighearna, cha bhi math air bith a dhìth', "An seo", ars esan, "is còir sgur, aig bonn na duilleige; agus sgrìobhadh Baoithin na leanas".

Is math a thug an rann deireannach a sgrìobh e samhla don duine naomh, is e deiseil airson falbh, neach air nach tig dìth nithean math sìorraidh a-chaoidh. Is math cuideachd a rinn an rann a leanas samhla don athair a thàinig na dhèidh, fear-teagaisg a mhic spioradail: "Thigibh a chlann, èistibh rium; teagaisgidh mi dhuibh eagal Dhè"; neach, mar a dh'iarr an t-athair a bha roimhe air, a sheas na àite is na ionad, chan e a-mhàin a thaobh teagaisg, ach a thaobh sgrìobhaidh cuideachd.

An dèidh dha an rann a dh'ainmich mi a sgrìobhadh, agus an duilleag a chrìochnachadh, chaidh an duine naomh a-steach don eaglais, gu aifreann feasgair oidhche an Dòmhnaich. Agus an dèidh sin a dhèanamh, thill e do a thaigh fhèin is ghabh e tàmh na leabaidh rè na h-oidhche, far an robh an leac lom aige fodha, is clach an àite cluasaig, agus tha a' chlach sin na seasamh an-diugh faisg air uaigh, mar cuimhneachan air. Agus nuair a bha e na shìneadh mar sin, thug e àithntean deireannach do na bràithribh, is gun ach am fear-frithealaidh a-mhàin, ga èisteachd, ag ràdh:

"Guidheam oirbh, a bhràithrean ionmhainn, gun gabh sibh ri na briathran deireannach seo, gum bi gràdh neo-chumanta agaibh gach fear da chèile, maille ri sìth; agus ma leanas sibh ri sin, nì Dia, a bheir sòlas do na daoine math, còmhnadh leibh, agus nì mise, is mi a' còmhnadh leis-san, eadar-ghuidhe air bhur son. Agus chan e a-mhàin gun toir esan dhuibh na nithean a tha feumail don bheatha seo a-bhos, ach cuideachd bheirear dhuibh mar dhuais na deagh nithean sìorraidh, a tha air an ullachadh do na daoine a ghleidheas àithntean."

Agus 's iad sin, ann an eachdraidh ghoirid, briathran deireannach ar n-athar urramaich, is e a-nis, mar gum biodh, a' dol bho thuras sgìth na beatha seo gu nèamh. An dèidh sin, mar a bha an uair aoibhneach deireannach ùidh air n-ùidh a' tighinn faisg, bha an duine naomh na thost. An sin, an uair a chualas fuaim a' chluig ga bhualadh mu mheadhan-oidhche, dh'èirich e le cabhaig, is ghabh e roimhe don eaglais, agus a' ruith nas luaithe na càch, chaidh e a-steach na aonar, agus nuair a lùb e a ghlùinean ann an ùrnaigh, leig e e fhèin sìos ri taobh na h-altrach.

Lean Diarmaid, fhear-frithealaidh, na dhèidh na bu mhaille, agus aig an aon àm chunnaic e an eaglais uile air a lìonadh na taobh a-staigh le solas nèamhaidh far an robh an duine naomh; ach mar a bha e a' tighinn faisg air an doras, chaidh an solas à fianais gu luath. Chunnaic gach fear de na bràithrean an solas, is iad nan seasamh astar beag uaithe. An dèidh sin, chaidh Diarmaid a-steach don eaglais, agus ghlaodh e le guth brònach, "Càite a bheil thu, athair?" Agus air sgàth 's nach tug na bràithrean solais leotha, bha e a' spògail san dorchadas, is fhuair e an duine naomh na laighe air beulaibh na h-altrach. An sin thog e suas beagan e, is shuidh e ri thaobh, is ghabh e an ceann naomh na uchd.

Fhad 's a bha iad mar sin, thàinig na manaich le solais laiste, agus an uair a chunnaic iad an t-athair a' bàsachadh, thòisich iad ri caoidh. Agus, mar a chuala sinn o chuid a bha làthair anns an eaglais, dh'fhosgail an duine naomh a shùilean, mus do bhàsaich e, agus sheall e mun cuairt air gach taobh le subhachas is le aoibhneas iongantach, mar a bha e gun teagamh a' faicinn nan aingeal naomh a' tighinn ga iarraidh.

An sin thog Diarmaid suas làmh dheas an duine naoimh, gus beannachd a thoirt do na manaich. Ach ghluais an t-athair urramach a làmh fhèin aig a' cheart àm, mar a b' urrainn e, gus an deigheadh fhaicinn a' beannachadh nam bràthair le gluasad a làimhe, seach nach fhaigheadh e air am beannachadh le a ghuth, is anam a' falbh.

An sin, nuair a thug e a bheannachd naomh dhaibh san dòigh sin, thug e suas a spiorad sa bhad. Agus air don spiorad a dhol a-mach às a chorp, dh'fhuirich aodann ruiteach, dearg, is e air a lìonadh le aoibhneas iongantach, mar gun robh fiamh cadail air, is cha b' ann mar gum b' e fiamh a' bhàis. Rè na h-ùine seo, chualas gaoir caoidhe air feadh na h-eaglaise air fad.

Cunntas air beatha Choluim Chille le Adhamhnan

© na dealbhan Christine Campbell & GRD