|
Blàr Chùil Lodair
Tha an aithris seo air a h-ath-sgrìobhadh
bhon aithris a chaidh fhoillseachadh ann an Leabhraichean-leughaidh
Blackie, leis a' Chomunn Ghaidhealach.
Chaidh Blàr Chùil Lodair a chur
air 26 An Giblean 1746. Tha Cùil Lodair faisg air mòinteach
Dhruim Athaisidh, agus mu chòig mìle an ear air Inbhir
Nis. B' e sin am blàr mu dheireadh a chaidh a chur air talamh
Bhreatainn.
Carson
a thachair am blàr seo? Bha am Prionnsa Teàrlach Stiùbhart
(no am Prionnsa Bòidheach, mar a chanadh an fheadhainn a
bha ga leantainn) a' feuchainn ri crùn a shinnsirean fhaighinn
air ais. Bha Teàrlach a' smaoineachadh gur e esan an t-oighre
dligheach agus gur ann aigesan a bu chòir dhan chrùn
a bhith 's chan ann aig duine de theaghlach Hanòbhair.
Bha na daoine ris an canar na Seumasaich dhen
aon bheachd. Is ann air sgàth sin a thachair gach ceannairc
eadar 1715 agus 1745. Is ann ann am muinntir na h-Alba agus gu h-àraidh
anns na Gaidheil a bha Teàrlach a' cur a dhòchais.
Dh'fhàg e an Fhraing ann am bàta
cogaidh agus nuair a ràinig e Alba, b' ann an Èirisgeigh
a thàinig e air tìr an toiseach. An dèidh sin
ràinig e Loch nan Uamh eadar Mùideart agus Àrasaig.
Nuair a chaidh a' chuid bu mhotha de na cinn-feadhna Gaidhealach
còmhla ris, rinn e a shlighe gu deas gus an do ràinig
e Darbaidh. Cha b' urrainn dha a dhol na b' fhaide na sin agus thàinig
air tilleadh gu tuath gus an do ràinig e Inbhir Nis. Bha
Diùc Uilleam ga leantainn fad na h-ùine agus choinnich
an t-Arm Dearg agus na Gaidheil ri chèile air raon Chùil
Lodair, mu chòig mìle à Inbhir Nis.
Cha robh càil eile a b' urrainn dhan dà
arm a dhèanamh a-nis ach a dhol a shabaid. Bha na Gaidheil
sgìth agus glè lag le dìth bidhe agus cadail.
Cha robh ach mu chòig mìle saighdear ann an arm nan
Gaidheal. Bha mu naoi mìle saighdear a bha cleachdte ri sabaid
aig Diùc Chumberland. Nan robh Teàrlach air arm gu
lèir a chruinneachadh bhiodh co-dhiù uimhir de shaighdearan
aige 's a bh' aig an Diùc. Ach nuair a ràinig na Gaidheil
Inbhir Nis, chaidh feadhainn aca air feadh na dùthcha a dh'iarraidh
bidhe agus a dh'fhaicinn an teaghlaichean. Mar sin, bha arm a' phrionnsa
na bu laige.
Ach chuir Teàrlach roimhe a dhol an aghaidh
an Airm Dheirg le na bha aige de shaighdearan, fiù 's ged
a bha na h-oifigearan aige an aghaidh a dhol a shabaid leis an staid
anns an robh an t-arm. Ach cha ghabhadh Teàrlach an comhairle.
Bha iadsan a' smaoineachadh (agus bha iad ceart) nach robh mòinteach
Chùil Lodair freagarrach dha na Gaidheil agus thuirt iad
gum biodh e na b' fheàrr teiche na b' fhaide gu tuath far
am faigheadh iad talamh agus cothrom sabaid ris an robh na Gaidheil
cleachdte. Chomhairlich iad dha dàil a chur anns a' bhlàr,
ach chan èisteadh Teàrlach riutha.
Chaidh na cinnidhean Gaidhealach a chur an òrdugh
mar a leanas:
A' chiad sreath: Na Camshronaich, Fir Athail, Stiùbhartaich
na h-Apann, na Frisealaich, Clann an Tòisich, Clann Lachlainn,
Rèisimeid Iain Ruaidh Stiùbhairt, Clann Fhearchair,
Clann Illeathain, Clann Raghnaill, na Siosalaich, Clann Dòmhnaill,
Fir na Ceapaich agus Ghlinne Garadh.
An dàra sreath: Morair Ogilbhidh agus a dhaoine, Morair Luthais
Gòrdan agus a dhaoine, Gòrdanach Ghlinne Buichead
agus a dhaoine, Diùc Pheairt agus a dhaoine.
Bha an eachdraidh (am beagan a bh' ann dhiubh)
air cùlaibh nan sreathan. Bha am Morair Seòras Moireach
air ceann na ciad sreatha agus Morair Dhrumainn air ceann na dara
sreatha.
Cha deach urram na làimhe deise a thoirt
do Chloinn Dòmhnaill, mar a b' àbhaist bho àm
Blàr Allt a' Bhonnaich (1314) agus ghabh iad gu dona e. Sheas
iad gun an claidheamhan a tharraing. Tha seanchaidhean ag ràdh
gun tuirt Fear na Ceapaich, an uair a chunnaic e na Dòmhnallaich
a' fàgail an raoin, "A Dhia nan gràs, an do thrèig
clann mo chinnidh mi?"
An uair a bha an dà arm a' tighinn faisg
air a chèile, thàinig fras gharbh clachan-meallain
bhon ear-thuath dìreach an aodainn nan Gaidheal, agus ged
a dh'fheuch iad ri taobh an fhuaraidh fhaighinn air an arm dhearg,
cha do rinn iad a' chùis air an sin. Thòisich am blàr
air gach taobh le fras pheileirean bho na gunnachan mòra.
Sgrog na Gaidheil am bonaidean mar a b' àbhaist agus ruith
iad an aghaidh nan Sasannach. Ach rinn gunnachan nan Sasannach milleadh
uabhasach. Sheall na Gaidheil cho treun 's a bha iad le biodag is
claidheamh. Cha do mhair am blàr ach mu thrì chairteal
na h-uarach. Fhuair an t-arm dearg a' bhuaidh agus theich arm a'
Phrionnsa, a h-uile fear a' dèanamh air a shon fhèin.
Bha Teàrlach na fhògarrach; thàinig
gach dòchas a bh' aige gu neoni. Cha deach fhaighinn a-mach
le cinnt a-riamh an àireamh a chaidh a mharbhadh air raon
Chùil Lodair. Tha daoine fiosrach a' dèanamh a-mach
gun do chaill na Gaidheil, eadar na bha air an droch leòn
agus na bha marbh, mu dhà cheud deug (1200) agus nach do
chaill an t-arm dearg ach mu thrì ceud gu leth (350).
Ann an dùthaich nam mòrbheann
tha uabhas is caoidh!
Luchd nam bonaid 's nam breacan
chan fhaicear a-chaoidh;
Na fir ùra bu trèine,
nach gèilleadh 's iad beò,
air monadh Chùil Lodair,
gun phlosg is gun deò.
Bha na rinn an t-arm dearg an dèidh a'
bhlàir anabarrach brùideil. Chaidh rudan uabhasach
a dhèanamh le òrdugh Diùc Uilleim. Air sgàth
sin, thug na h-Albannaich 'am Feòladair' air mar fhar-ainm,
agus bu mhath an airidh. Is iomadh Gaidheal gaisgeil a bha na laighe
leòinte an dèidh a' bhlàir a chaill a bheatha
le brùidealachd nan Sasannach. Gheibh sinn cunntas air an
seo bho eachdraidh na h-Alba agus gu deimhinne tha e sgreataidh
ri leughadh.
An uair a bha an laoch ainmeil ud, Iain Ruadh
Stiùbhart fo chàrn, rinn e òran tiamhaidh air
là Chùil Lodair, agus 's e seo a thuirt e mu Dhiùc
Uilleam:
'S gum bi Uilleam mac Dheòrs;
mar chraoibh gun duilleach fo leòn,
gun fhreumh, gun mheangan, gun mheòran gèige.
Gu ma lom bhios a leac,
gun bhean, gun bhràthair, gun mhac,
gun fhuaim clàrsaich, gun lasair chèire.
Tha luchd-eachdraidh ag ràdh gun deach
am mallachd seo a choileanadh mus do bhàsaich e.
Chaidh iomadh blàr a chur ann an Alba a
bha na b' fhuiltiche na Blàr Chùil Lodair, ach cha
deach gin a chur a-riamh, mura b' e Blàr Allt a' Bhonnaich
(1314) ris an robh uiread an urra.
Bha am Prionnsa bochd a-nis fon choill,
agus air a ruagadh air feadh an àite. Chaidh deich mìle
fichead punnd Sasannach a ghealltainn do dhuine sam bith a bhrathadh
e, ach bha na Gaidheil cho dìleas dha agus cha do bhrath
duine e. Chan eil eisimpleir air dìlseachd coltach ri seo
ann an eachdraidh an t-saoghail.
© na dealbhan Christine Campbell
& GRD
|