GRD > Leabhraichean-leughaidh Blackie > Bliadhna nan Caorach - 1792
Beul-aithris - Leabhraichean

Bliadhna nan Caorach - 1792
Tha an sgeulachd seo air a h-ath-sgrìobhadh bhon sgeulachd a chaidh fhoillseachadh ann an Leabhraichean-leughaidh Blackie, leis a' Chomunn Ghaidhealach.

Tha na fàrdaichean nam fàsach
far an d' àraicheadh na seòid.

Is iomadh atharrachadh a thig air an t-saoghal! Anns a' Ghaidhealtachd chì sinn gu tric làrach eaglaise is thaighean far nach eil daoine a' fuireach an-diugh, agus iomairean fearainn dlùth dhaibh air a dhol fàs le còinnich. Tha e iomchaidh gu leòr faighneachd dè a dh'fhàg na glinn seo cho uaigneach, fàsail, agus a sgap an sluagh. Bha mòran dhaoine a' fuireach far nach fhaicear a-nis ach làraich thaighean agus a rèir eachdraidh bha mòran dhaoine a' fuireach san dùthaich seo anns na linntean a dh'fhalbh.

Bha an oighreachd roimhe seo, mar tha i an-diugh, fo riaghladh an uachdarain, ach b' e an t-uachdaran aig an àm sin an ceann-cinnidh agus b' iad na daoine a luchd-cinnidh. Bha e mar gum biodh mar athair dhaibh. Air an adhbhar sin bha e glè chùramach mu chor an t-sluaigh agus sheasadh iadsan esan an àm a' chruadail.

Bha a leithid seo de fhearann mu choinneimh gach taighe air an oighreachd. Bha na daoine ag oibreachadh am fearainn fhèin agus cuid an uachdarain. A bharrachd air sin, bha iad ag àrach cruidh dhaibh. Bha an crodh feumail an ceann a' chroinn, agus bha iad measail cuideachd air an fhèill, gu sònraichte an Sasainn, oir bha e mar fhiachaibh air sluagh na rìoghachd air fad gun a bhith an urra ri rìoghachdan eile airson bìdh no nì sam bith a b' urrainn dhaibh fhèin a chothachadh.

Dh'èirich prìsean nam beathaichean agus thòisich strì an uair sin airson fearainn air fad na Gaidhealtachd. Bha tuathanaich Ghallda a' tairgsinn màl na b' àirde airson fearann na tuatha, agus an dèidh làimh rinn na h-uachdarain an aon rud air na tuathanaich - a h-uile fear dèidheil air fortan a dhèanamh dha fhèin, gun diù aige do dhuine eile. Ann an cuid de àiteachan reic an t-uachdaran an oighreachd ri Gall aig nach robh meas no feum air an tuath mar a b' àbhaist. Cha b' urrainn do na daoine ach a dhol gu àite sam bith far am faigheadh iad cosnadh. Gus an àm seo cha robh mòran chaorach air feadh na Gaidhealtachd. Bha tè no dhà ann den t-seann seòrsa a chithear fhathast ann an Sealtainn, ged bha iad pailt gu leòr ann an ceann a deas na h-Alba.

An uair a thàinig an Ridire Iain Lockhart Ros a dh'fhuireach a Bhaile nan Gobhann, air an oighreachd aige ann an Siorramachd Rois anns a' bhliadhna 1763, an dèidh dha ùine mhath a chur seachad aig deas, chunnaic e gun robh am fearann aige cho math is a bha e an Siorramachd Pheairt, ach cha robh teachd a-steach aige a rèir sin. Bha e cinnteach gun robh na h-àiteachan fasgach a cheart cho torrach ri machraichean an taoibh deis, agus gun seasadh na caoraich bhrucach (a bha cho pailt anns an taobh deas) gailleann an taoibh tuath. Bha e den bheachd gur iad fada a b' fheàrr a phàigheadh dha na an crodh dubh Gaidhealach.

Mar sin smaoinich e gun cumadh e aon bhaile fearainn dha fhèin an uair a ruitheadh an aonta a-mach. An uair a chuir e caoraich bhàna o Lòdainn air an fhearann agus cìobair Gallda airson coimhead às an dèidh, cha robh na daoine air an dòigh. Ghabhadh an talamh barrachd chaoraich na crodh, agus bha e na b' fhasa agus na bu shaoire an àrach. Cha robh feum tuilleadh air tòrr dhaoine o nach robh an talamh ri oibreachadh airson biadh do na beathaichean fad a' gheamhraidh, agus dhèanadh cìobair no dhà an gnothach air sùil a chumail air iomadh ceud caora. Rinn seo an sluagh fiadhaich, oir mhothaich iad, mura deigheadh stad a chur air an tuathanachas ùr seo, gum biodh na glinn falamh agus na daoine air am fògradh thar sàile gu dùthchannan cèine.

Chan urrainn gun robh aca ach tighinn beò a bha bochd. Bha na daoine pailt, agus gort ann tric. Bha an t-uachdaran den bheachd gum b' fheàrr dhaibh a dhol do na bailtean mòra mu dheas no a-null thairis, far am faigheadh iad obair agus biadh gu leòr, agus, air an làimh eile, bhiodh na glinn na bu bhuannachdaile dhàsan fo chaoraich an àite cruidh is dhaoine.

A dh'aindeoin na chuir na aghaidh, chuir an Ridire fios anns a' bhliadhna 1781 air Mgr Geddes, tuathanach à Drochaid Dubhaig, a thighinn a dh'fhuireach air an oighreachd aige airson coimhead an dèidh obair nan caorach. B' esan a' chiad fhear aig an robh tuathanas chaorach anns a' Ghaidhealtachd.

Anns a' bhliadhna 1792, chaidh gleann eile, Gleann Moire an Siorramachd Rois, a chur fo chaoraich agus chaidh aon tuathanas mòr a dhèanamh dheth. Bha e an urra ri dithis bhràithrean, Camshronaich à Loch Abar, a shuidheachadh. Bha muinntir na dùthcha nan aghaidh on toiseach. Cha robh na crìochan eadar na bailtean air an comharrachadh ro mhath, agus b' àbhaist do bheathaichean an nàbaidhean ann an Srath Rùsdail a bhith a' tighinn thar chrìochan nan Abrach. A' smaoineachadh gun cuireadh iad stad air an ana-ceartas seo, chruinnich na h-Abraich na beathaichean, agus b' fheudar do na daoine cìs a phàigheadh dhaibh mun leigeadh iad às iad. Bha seo trom air muinntir Srath Rùsdail, agus thug iad bòid nach pàigheadh iad sgillinn chìs tuilleadh dhaibh.

An ath uair a chuireadh an crodh am punnd, dh'aontaich nàbaidhean gun cuidicheadh iad iad an aghaidh nan Abrach, agus thog an dà mhuinntir orra gus an fhaing. An sin dh'èirich iad an aghaidh an nàmhaid, gus mu dheireadh chaill na Camshronaich an là, agus b' fheudar dhaibh an crodh a leigeil mu sgaoil. Ach ma chaill, thug na h-Abraich an lagh air muinntir Srath Rùsdail, ach thug luchd deuchainn na cùise a-mach binn nach robh iadsan ciontach. Chan eil teagamh nach do dh'fhàg seo muinntir an t-Sratha na bu dàine anns an ath oidhirp a thug iad.

Aig banais ann an Srath Rùsdail am mìos deireannach an t-Samhraidh 1792, shònraich na bha dhaoine an làthair, leis cho fìor mhath is a thug iad buaidh air na h-Abraich roimhe, gun deigheadh iad cho fada agus gun trusadh iad gach beathach caorach anns an t-siorramachd thar Abhainn nam Manach gu crìochan Siorramachd Inbhir Nis. Às an sin dheigheadh an sgapadh a h-uile taobh.

Chaidh am beachd seo èigheachd air là àraidh aig doras gach eaglaise air fad na siorramachd. Chruinnich dà cheud duine an Srath Oiceil agus thog iad orra gus a' cheàrn a b' fhaide às de sgìre Luirg, far an robh caora ri faicinn. Fhuair iad cuideachadh o na cìobairean, agus thrus iad gach caora romhpa cho fada ris na Bothachan, mu choinneimh Àrd-rois, ach cha deach iad faisg air cuid an t-siorraim.

An sin an uair bha feadhainn a' dol air tòir cuid nan Abrach, chuala iad fathann gun robh an Siorram agus buidheann de shaighdearan à Àrd nan Saor a' dèanamh orra. Chuir seo sgapadh orra am fìor eagal, ach ghlac na saighdearan fear no dhà dhiubh, agus chaidh an cur an grèim, agus thug cuid dhiubh iad fhèin suas.

Leis na laghannan cruaidh a chaidh a chur air bhonn an dèidh Blàr Chùil Lodair, cha robh mòran de shaorsa aig na Gaidheil. Bha iad fo smachd cho teann aig an luchd-riaghlaidh is gun robh na h-uachdarain an dùil gun deigheadh leotha cleachdadh ùr sam bith a bha iad ag iarraidh a shuidheachadh. Bha an sluagh air an làimh eile, air an dalladh leis a' bharail gum faigheadh iad air am fearann oibreachadh mar a b' àbhaist, agus gum biodh a h-uile nì mar bu chòir, nan deigheadh aca air cur às do na caoraich.

Tha e air innse dhuinn gun robh na daoine ro nàdarra ri na beathaichean fad an t-siubhail, nach d' fhuair iad sàrachadh sam bith, agus cha mhò na sin a mharbh iad gin dhaibh fhèin, ged a bha iad gann de bhiadh.

Am mìos meadhanach an Fhoghair, 1792, thàinig a h-ochd deug air beulaibh an t-siorraim an Inbhir Nis. Chan eil sinn ro chinnteach dè a' bhinn a thug a' chùirt a-mach. A rèir aon chunntais, chaidh aon fhear deug a leigeil às; bha aig dithis, Eòghann Breac MacCoinnich agus Iain Àird, ris an dùthaich fhàgail fad seachd bliadhna, dithis eile, MacAoidh agus an Rothach, cho fad is bu bheò iad. Thàinig air fear leth-cheud punnd Sasannach a phàigheadh, agus air fear eile a dhol trì mìosan don phrìosan. Bha iad ri bhith am prìosan Inbhir Nis gus a leithid seo de là, ach is e thachair gun do dh'fhàg fear de luchd-coimhid a' phrìosain an doras fosgailte agus rinn an dà phrìosanach bu chiontaiche an gnothach air teiche gun fhios dha. Bha iad a' siubhal fad iomadh là, gus mu dheireadh ràinig iad Moireibh far an do dh'fhuirich iad gus an do chaochail iad.

Chaidh còig puinnd Shasannach a thairgsinn do dhuine sam bith a ghlacadh fear seach fear dhiubh. Nam b' fhìor, cha robh lorg aig duine orra. Tha seo a' leigeil ris gu follaiseach gun robh a' chuid mhòr de shluagh na dùthcha air an taobh, air neo cha deach an gnothach leotha cho math.

Is i seo a' chreach mu dheireadh a chaidh a chur an gnìomh, agus tha a' bhliadhna 1792 ainmeil anns a' Ghaidhealtachd mar 'Bliadhna nan Caorach'.

© na dealbhan Christine Campbell & GRD