|
Bratach MhicLeòid
Tha an aithris seo air a h-ath-sgrìobhadh
bhon aithris a chaidh fhoillseachadh ann an Leabhraichean-leughaidh
Blackie, leis a' Chomunn Ghaidhealach.

Ma bhios sibh air chuairt anns an Eilean Sgitheanach,
bu chòir dhuibh là a chur seachad a' coimhead air
na seann rudan ann an Caisteal Dhùn Bheagain. Tha fìor
sheann bhratach ann agus cha mhòr nach eil i a' tuiteam às
a chèile leis an aois. Seo an sgeulachd a bhiodh na seann
daoine ag innse mun dòigh anns an tàinig a' bhratach
gu Caisteal Dhùn Bheagain.
Aon uair, phòs fear de Clann 'Ic Leòid
bean-shìthe ach chan fhaodadh i a bhith còmhla ris
ach fichead bliadhna. B' ann aig 'Drochaid nan Sìthichean',
no mar a chanar, 'Drochaid nan Trì Allt', mu thrì
mìle bho Dhùn Bheagan a fhuair i an t-òrdugh
am fear a phòs i fhàgail.
Dh'èirich i air iteig mar fhaoileig, agus
an uair a bha i a' dol suas dhan adhar, thuit a' bhratach bhrèagha
shìoda ud bhuaipe. Thog an duine aice i gu brònach
agus thug e dhachaigh don chaisteal i far a bheil i fhathast.

Bhiodh na seann daoine ag ràdh gun robh
a' bhratach seo glè fheumail do Chlann 'Ic Leòid iomadh
uair. Dh'innis na sìthichean dhaibh nach robh càil
aca ri dhèanamh ach a sgaoileadh nam biodh rud sam bith ceàrr.
Bha cath mhòr ann o chionn fhada eadar
Clann 'Ic Leòid agus na Dòmhnallaich aig Tràigh
an Trumpain ann am Bhatairnis. Thàinig na Dòmhnallaich
às dèidh Chlann 'Ic Leòid gun fhiost nuair
a bha iad gu lèir anns an eaglais. Chuir na Dòmhnallaich
an eaglais na teine agus chaidh a h-uile duine a bha na broinn a
losgadh gu bàs ach aon chailleach a fhuair air teiche agus
thug i fios gu Caisteal Dhùn Bheagain. Sgaoil MacLeòid
a' bhratach shìthe thairis air a nàimhdean agus chaidh
an ruagadh sa bhad.
An dèidh sin, thàinig tinneas uabhasach
air crodh an eilein agus bha iad a' bàsachadh anns a h-uile
àite. Sgaoil MacLeòid a' bhratach shìthe agus
cha b' fhada gus an robh gach beathach fallain a-rithist.
Tha beul-aithris ag ràdh cuideachd gur
e là truagh a thig air Clann 'Ic Leòid nuair a thèid
a' bhratach a sgaoileadh an treas uair. Tha sinn an dòchas
nach fhaic sinn an là sin.
Tha Còrn Ruairidh Mhòir agus Cuach
Dhùn Bheagain rim faicinn ann an Caisteal Dhùn Bheagain
cuideachd.
© na dealbhan Christine Campbell & GRD
|