GRD > Leabhraichean-leughaidh Blackie > Caisteal Inbhir Lòchaidh
Beul-aithris - Leabhraichean

Caisteal Inbhir Lòchaidh
Tha an aithris seo air a h-ath-sgrìobhadh bhon aithris a chaidh fhoillseachadh ann an Leabhraichean-leughaidh Blackie, leis a' Chomunn Ghaidhealach.

Mu dhà mhìle bho Ghearasdan Loch Abair, no mar a theirte roimhe seo, Baile Màiri, chithear na tha air fhàgail de sheann Chaisteal Inbhir Lòchaidh. Tha e soilleir a rèir an dòigh togail agus na clachaireachd a bha air an daingneach seo gu bheil e glè aosta, co-dhiù cho fada air ais ann an eachdraidh Bhreatainn ri linn a' chiad Rìgh Iomhar air Sasainn.

Caisteal Inbhir Lòchaidh

Tha cuid de luchd-eachdraidh den bheachd gun deach an seann chaisteal seo a chur suas leis an teaghlach chumhachdach ud ris an cainte na Cuimeinich; iadsan a thàinig gu ìre agus àirde mhòir an Alba ri linn Rìgh Raibeart Brus anns a' cheathramh linn deug.

Tha beul-aithris a' toirt sgeul nas aosta na sin air a' chaisteal. Tha e air a ràdh gun do choinnich fear is fear de rìghrean mòra bho thaobh eile a' chuain Shasannaich ri chèile anns an t-seann chaisteal a chum gnothaichean eatarra fhèin a chur air dòigh. Dh'fhaodadh gur ann a bhiodh iad a' dèanamh taigh-seilge dheth air amannan. Faodaidh sinn sgeulachdan mar sin a leigeil a-steach air an dara cluais agus a-mach air a' chluais eile; ach chan eil an teagamh sam bith gu bheil an seann chaisteal glè aosta.

Tha e ri chreidsinn gun robh an seann chaisteal na dhaingneach a bha air leth làidir. Bha e air a thogail na thùirean a bha air an ceangal ri chèile le ballachan àrda, agus tha sinn a' leughadh gun robh clais làn uisge air a tarraing ceithir-thimcheall a' chaisteil.

Nam biodh e an comas an t-seann Chaisteil bruidhinn, is iomadh sgeul a b' urrainn dha innse dhuinn air na làithean a dh'fhalbh. Dh'fhaodaist a ràdh, nach iomadh nì a chunnaic e agus a chuala e. Bhiodh e cinnteach a thoirt nar cuimhne gun deach dà bhlàr ghuineach, fhuilteach, a chur ri thaobh.

Anns a' bhliadhna 1431, fichead bliadhna an dèidh Catha Ghairbheach, chaidh blàr cruaidh, a chur eadar Clann Dòmhnaill, fo Dhòmhnall Ballach nan Garbh-chrìoch, dlùth charaid do Alasdair MacDhòmhnaill nan Eilean, air an dara taobh, agus feachd fo Iarla Mhàirr agus an t-Iarla Catach air an taobh eile. Bha Dòmhnall Ballach na churaidh am measg churaidhean, agus bha e fhèin agus a luchd-cinnidh fo chorraich ghèir air sgàth agus gun do chuir an rìgh, Seumas I, Tighearna nan Eilean don prìosan air bheagan adhbhair. Chuir Feachd nan Eilean an ruaig da-rìribh air an nàimhdean, agus chaidh an t-Iarla Catach a chur gu bàs. Tha e coltach gur ann air a' bhlàr a bha an siud a chaidh na rannan ainmeil ud a chur ri chèile ris an can cuid 'Spaidearachd Chloinn Chamshroin':

Pìobaireachd Dhòmhnaill Duibh, pìobaireachd Dhòmhnaill;
pìob agus bratach air faiche Inbhir Lòchaidh.
chaidh an-diugh, chaidh an-diugh, chaidh an-diugh òirnne;
chaidh an-diugh, chaidh an-dè, 's chaidh an-diugh le Clann Dòmhnaill.

Ged tha cuid de na facail a' toirt a-steach nan Camshronach, theirear 'Pìobaireachd MhicDhòmhnaill' ris an fhonn anns na seann leabhraichean-ciùil.

A-rithist, anns a' bhliadhna 1645, chaidh cath goirt a chur eadar na Dòmhnallaich agus na Caimbeulaich, no na Duibhnich, air an aon làraich. Mu na bliadhnaichean ud bha am fear airm cliùiteach ud dom b' ainm Montròs air cheann cogaidh an Alba ann an adhbhar Rìgh Teàrlach I. Thug an t-arm aige sgrìob a dh'Earra-Ghaidheal far an do thog iad creach mhòr. An uair a thill iad air ais, chaidh na Caimbeulaich às an dèidh a thoirt a-mach na tòrachd. Chuala Montròs gun robh na nàimhdean air a thòir, agus ged a bha e fhèin agus a champ aig an àm dlùth air Cille Chuimein aig Loch Nis, thill iad air ais do Loch Abair. Choinnich an dà fheachd ri chèile aig Inbhir Lòchaidh. Chaidh blàr geur, guineach fuilteach a chur, agus chaidh an là an aghaidh nan Duibhneach. Tha e air ainmeachadh an eachdraidh gun deach mu chòig ceud deug de na Caimbeulaich a mharbhadh anns a' bhlàr. Theich MacCailein, Iarla Earra-Ghaidheil, cho luath 's a bheireadh a bhìrlinn às a' chunnart e; agus dh'iomain Clann Dòmhnaill na Caimbeulaich romhpa mar gun cuirte 'coin ri caoraich'.

Tha eachdraidh shnasail air a toirt air Là Inbhir Lòchaidh leis an ùghdar ainmeil ud, Bhaltar Scott, anns an leabhar-sgeul don ainm anns a' Bheurla 'A Legend of Montrose', agus thaomradh air ann an iomadh sgrìobhadh eile. Agus cò e an Gaidheal nach cuala mun òran fhoghainteach a rinn Iain Lom, bàrd Loch Abair air - Là Inbhir Lòchaidh:

An cuala sibhse an tionndadh duineil
thug an camp bha an Cille Chuimein?
Is fada chaidh ainm air an iomairt,
thug iad às an nàimhdean iomain.
Dhìrich mi moch madainn Dòmhnaich,
gu bràighe Chaisteil Inbhir Lòchaidh,
Chunnaic mi an t-arm a' dol an òrdugh,
is bha buaidh a' bhlàir le Clann Dòmhnaill.

Bha Iain Lom agus a nàimhdean, na Caimbeulaich, riamh rèidh, agus tha beul-aithris ag innse gun robh esan a' coimhead a' chatha bho thùr a' Chaisteil. An uair a bha am blàr agus an amhreit seachad agus a' bhuaidh aig Clann Dòmhnaill, thàinig Iain a-nuas bhon tùr a chur fàilte air na ceatharnaich.

"Thig thusa daonnan san làthair, Iain, an uair a bhios an cunnart thairis," arsa Alasdair MacColla, an seanalair cliùiteach a bha air ceann nan Gaidheal agus nan Èireannach an cogadh Mhontròis.

"Alasdair, a rùin," fhreagair Iain, "Nan deachaidh mise mharbhadh an-dè, cò a sheinneadh do chliù fhèin an-diugh?"

"Cha robh thusa, Iain, riamh gun do fhreagairt," arsa Alasdair, is e dèanamh fiamh ghàire ris fhèin.

Gheibh sinn an 'Co-chruinneachadh taghte de shaothair nam Bàrd Gaidhealach' a chaidh a chur a-mach le Alasdair agus Dòmhnall Stiùbhart anns a' bhliadhna 1804, bàrdachd air Còmhradh eadar Fear-turais agus seann Chaisteal Inbhir Lòchaidh. Is ann mar seo, ma b' fhìor, tha an Caisteal a' labhairt aig deireadh a' chonaltraidh:

Dhùisg mo bhròn led chòmhradh gràidh,
is tha deòir a' ruith om shùilean fàs;
Is caomh leam iomradh air na trèin,
ge fad a ghluais iad uam an ceum.

Bha uair a bha mi àlainn ùr,
rìghrean is flaithean ann mo mhùr;
Nam faiceadh tusa fèin an lò,
cha b' iongnadh leat an-diugh mo bhròn.

Ach thrèig na trèin a b' àille gnàths,
is dh'fhàg iad mise falamh fàs;
Gun neach san t-saoghal ga bheil suim,
ged chìte mi nam làraich lùim.

Ach innseam dhutsa, a mhacain bhig,
's na ceil e air an àl a thig;
Gum faicear mise nam thaigh rìgh
mun tig an saoghal seo gu crìch.

Nis beannachd leat is gabh do cheum,
is aithris anns gach tìr dan tèid,
Gur ann an seo a bha na trèin
nach eil an samhla nis fon ghrèin,
's nach bi gun till mo ghineal fèin.
Beannachd leat, 's ann diubh thu fèin,
's ma bhios tu beò bi tric aig m' fhèist.

'Chan eil fear gun dà là ach fear gun là idir,' mar a thuirt an seanfhacal; ach is e ar dleastanas daonnan cuimhne a chumail beò air na làithean a dh'fhalbh.

© na dealbhan Christine Campbell & GRD