GRD > Leabhraichean-leughaidh Blackie > Cath Gairbheach
Beul-aithris - Leabhraichean

Cath Gairbheach
Tha an aithris seo air a h-ath-sgrìobhadh bhon aithris a chaidh fhoillseachadh ann an Leabhraichean-leughaidh Blackie, leis a' Chomunn Ghaidhealach.

Chuireadh Cath Gairbheach air a' cheathramh là thar fhichead de mhìos deireannach an t-samhraidh anns a' bhliadhna mìle, ceithir ceud, agus a h-aon deug (1411). Aig an àm ud bha an rìgh, Seumas I, na phrìosanach ann an Sasainn, agus bha Diùc na h-Alba, bràthair athar an rìgh, a' riaghladh na àite.

Cath Gairbheach

Anns an taobh tuath, bha cumhachd mhòr aig Iarla Rois. Chan e a-mhàin gun robh Ros fo a smachd, ach bha seilbh aige air crìochan farsaing air taobh thall Abhainn Spè agus anns a' Mhaorainn. Phòs an duine uasal seo nighean Diùc na h-Alba, agus cha robh clann aca ach an aon nighean. Chaochail an t-Iarla anns a' bhliadhna 1402, agus beagan bhliadhnaichean an dèidh sin leig an nighean dhith a còir don oighreachd agus chaidh i gu bhith na caillich-dhuibh. Cho luath agus a thachair sin, dh'agair mac do Dhiùc na h-Alba, air an robh Eòin Stiùbhart, còir air an Iarlachd agus air an oighreachd. Chaidh an Diùc leis.

Ach bha taobh eile air a' ghnothach. Cha robh bràthair idir aig Iarla Rois, agus cha robh aige ach an aon phiuthar, agus bha ise pòsta ri Dòmhnall mac Eòin Ile, Morair nan Eilean, no mar chanadh na Gaidheil ris, MacDhòmhnaill. Thuirt MacDhòmhnaill sa bhad gur ann aige fhèin a bha còir air an Iarlachd agus air an oighreachd, an ainm a mhnatha, ach chan eil teagamh sam bith nach ann aige bha ceart na cùise. Ach bu mhiann leis an Diùc gum biodh an Iarlachd na theaghlach fhèin, agus a bharrachd air sin, bha eagal air gum fàsadh MacDhòmhnaill cho cumhachdach agus nach b' urrainn do dhuine smachd idir a chumail air.

Air sgàth sin dhiùlt an Diùc ceartas a thoirt do MhacDhòmhnaill, agus mar sin cha robh aig MacDhòmhnaill ach a chòir fhèin a sheasamh, agus rinn e sin. Ghairm e thuige Feachd nan Eilean agus muinntir Tìr-mhòir còmhla riutha. Thàinig Clann Leòid Leòdhais agus Clann Leòid na Hearadh; thàinig Clann Fhionghain an t-Sratha; thàinig Clann Illeathain à Muile; thàinig Clann Chamshroin à crìochan Loch Iall agus Clann Chatain à Bàideanach a chuideachadh nan Dòmhnallach. Leis an arm mhòr sin thug MacDhòmhnaill ionnsaigh air Ros air a' chiad dhol a-mach. An dèidh sin chaidh e gu Inbhir Nis, agus às an sin chaidh e thairis air Abhainn Spè, a' dèanamh air Obar Dheathain, oir is ann anns an dùthaich sin a bha cuid den oighreachd a bha e ag agradh.

Cha robh Diùc na h-Alba dìomhain aig a' cheart àm. Chruinnich esan feachd làidir bhon dùthaich mu thimcheall Obar Dheathain agus às a' Mhaorainn agus Farfar, agus air an ceann bha Alasdair Stiùbhart, Iarla Mhàirr, agus Eòin Stiùbhart, mac an Diùc. B' iad oghaichean an aon seanar MacDhòmhnaill agus Alasdair Stiùbhart, agus is e bu sheanair dhaibh le chèile an dara Rìgh Raibeart.

Choinnich an dà armailt ri chèile anns a' Ghairbheach, faisg air Inbhir Uraidh, mu ochd mìle deug bho Obar Dheathain, agus chuireadh cath fìor-chruaidh air a' bhlàr sin. Chan eil cinnt cia mheud a bha air gach taobh, ach tha e coltach nach robh mòran air taobh seach taobh. Chaidh euchdan mòra a dhèanamh, agus is iomadh fear treun a chaidh a mharbhadh. Tha e air a ràdh gun do mharbhadh barrachd de shluagh MhicDhòmhnaill na de shluagh an Iarla, agus math dh'fhaodte gu bheil sin ceart, oir tha e coltach gun robh mòran dhaoine uasal air taobh an Iarla air eich agus aig an robh cath-lùirichean daingeann iarainn air nach deargadh saighead no claidheamh.

Thuit air taobh MhicDhòmhnaill Triath Dhubhairt, Eachann Ruadh nan Cath, ceannard Cloinn Illeathain, an còmhrag aoinfhir ri Sir Alasdair Irbhinn, fear an Droma, agus thuit Sir Alasdair o làimh Eachainn Ruaidh. Air taobh an Iarla thuit àireamh mhòr de ridirean agus daoine uasal, agus bha an t-Iarla fhèin air a leòn gu dona. A rèir gach seann eachdraidh chaidh an cath le MacDhòmhnaill, ach an dèidh na tòrachd cha deach e na b' fhaide, agus thill e air ais do na h-Eileanan. 'S dòcha gun robh e den bheachd gun robh e air gu leòr a dhèanamh, agus a bharrachd air sin, bha am foghar a' tighinn, agus cha b' àbhaist do na Gaidheil feachd a dhèanamh ri àm earraich no ri àm foghair. Co-dhiù thill MacDhòmhnaill dhachaigh. Cha d' fhuair e còir air Iarlachd Rois bhon rìgh fhad 's a bha e beò, ach fhuair a mhac, Alasdair MacDhòmhnaill, còir oirre le toil an rìgh, agus b' esan a' chiad fhear ris an canaist Iarla Rois agus Morair nan Eilean.

Tha Cath Gairbheach glè ainmeil ann an eachdraidh agus ann am bàrdachd Ghaidheal agus Ghall, agus is fhada bha cuimhne air. Còrr agus ceud bliadhna às a dhèidh, tha Eòin Major, Gall foghlaimte a rugadh an siorramachd Haddington, ag innse an uair bha esan aig an sgoil gum biodh a' chlann nan cluiche a' cur 'Catha Ghairbheach'.

Mar a thuirt sinn roimhe, is e a thug air MacDhòmhnaill a dhol a-null air Abhainn Spè gun robh mòran fearainn anns an dùthaich sin a bhuineadh do Iarlachd Rois. Bha cuid den fhearann sin ann an siorramachd Bhainbh, cuid dheth an siorramachd Obar Dheathain, agus cuid eile dheth an siorramachd Chinn Chàrdainn. Air sgàth sin cha leig neach a leas iongnadh idir a bhith air gun do rinn MacDhòmhnaill na rinn e. Tha e cudthromach gun tèid seo a thuigsinn gu ceart, a chionn 's gu bheil cuid ag ràdh gur e creach Obar Dheathain a bha na bheachd: cha robh an Obar Dheathain aig an àm ud ach baile beag suarach, agus cha mhòr de fheudail no de ionmhas gheibhte ann co-dhiù.

Their cuid eile gun robh e a' rùnachadh grèim a ghabhail air 'baile is leth Alba', agus gur còir dhuinn buidheachas a thoirt don Fhreasdal is do Iarla Mhairr nach deach leis. A thaobh sin, chan eil dearbhadh gun robh a leithid an rùn MhicDhòmhnaill idir, agus ged a bhiodh, cha b' athais dha e; bha e de shliochd uasal, rìoghail, na dhuine a fhuair sgoil is foghlam am prìomh oilthigh Shasainn, Oxford, agus faodaidh e a bhith nach bu bheud do Alba ged a bhiodh i air tighinn fo smachd nan Dòmhnallach.

A thuilleadh air an sin, chan e idir sluagh borb, aineolach, a bha anns na Gaidheil aig an àm; bha gu leòr de fhoghlam aca nach robh aig na Goill, ged nach b' ionann cleachdaidhean agus beusan dhaibh, agus ged nach b' ionann na nithean anns an robh iad a' cur spèis. Ach tha e coltach nach robh MacDhòmhnaill ag iarraidh ach a chuid fhèin.

© na dealbhan Christine Campbell & GRD