|
Clann Lir
Tha an sgeulachd seo air a h-ath-sgrìobhadh
bhon sgeulachd a chaidh fhoillseachadh ann an Leabhraichean-leughaidh
Blackie, leis a' Chomunn Ghaidhealach.
Bha rìgh an Èirinn o chionn fada dom b'
ainm Bodhbh Dearg. Bha triùir nigheanan brèagha aige
dom b' ainm Aobh, Aoife, agus Ailbhe agus bha gaol mòr aig
an rìgh orra. Aig an aon àm bha flath anns an tìr
dom b' ainm Lir. Chaochail a bhean agus bha bròn mòr
air. Chuala Bodhbh Dearg sin agus chuir e fios gu Lir ag ràdh
gun tugadh e dha aon de an triùir nigheanan mar mhnaoi. Bha
Lir glè thoilichte agus thàinig e gu lùchairt
Bodhbh Dearg far am faca e an triùir nigheanan.
"Biodh
do rogha agad," arsa Bodhbh Dearg.
"Gu dearbh chan eil fhios agam cò aca as fheàrr
leam," arsa Lir, "ach saoilidh mi gun fheàrr leam
an tè as sine oir is i as uaisle."
"Glè mhath, ma-tà," fhreagair Bodhbh Dearg,
"biodh ise agad." Phòs iad an oidhche sin fhèin
agus goirid an dèidh sin thug Lir dhachaigh a bhean.
Bha ceathrar chloinne aca, aon nighean dom b'
ainm Fionnghuala, agus triùir mhac, Aodh, Conn agus Fiachra.
Bha Lir agus a bhean iomadh bliadhna gu sona le chèile, ach
an ceann tìde chaochail Aobh agus bha bròn mòr
air Lir. Thuirt Bodhbh Dearg an sin gun tugadh e an dara nighean
do Lir ri a pòsadh agus rinn iad sin agus thug Lir dhachaigh
an dara bean, Aoife. Bha Lir glè dhèidheil air a chloinn
agus bha gràdh mòr aige dhaibh. An toiseach bha gràdh
aig Aoife air a' chloinn, ach an ceann tìde bha eud oirre,
oir shaoil i gum b' fheàrr le Lir a chlann na i fhèin.
Bha a leithid de eud oirre is gun robh i airson a' chlann a chur
gu bàs.
Aon là thug i leatha na carbad iad. Cha
robh Fionnghuala a-muigh no mach airson falbh leatha, b' fheàrr
leatha fuireach aig an taigh, mar gum biodh amharas aice air Aoife,
a muime. Ach cha ghabhadh Aoife diùltadh agus b' fheudar
falbh.
An uair a ràinig iad bruach loch dh'iarr
Aoife air gille nan each a' chlann a chur gu bàs, ach dhiùlt
esan sin a dhèanamh. An sin thug i fhèin air na pàistean
a dhol a-steach don uisge agus an uair a rinn iad sin bhuail i le
slait iad agus rinn i ceithir ealachan dhiubh. Bha a' chlann bhochd
glè thùrsach agus thuirt Fionnghuala gum b' olc an
rud a rinn Aoife agus gun dìoladh i air.
An sin dh'fheòraich Fionnghuala, "Dè
cho fada is a bhios sinn an riochd eala?" "Naoi ceud bliadhna,"
fhreagair Aoife, "trì cheud bliadhna air an loch seo,
trì cheud bliadhna air Sruth na Maoile eadar Èire agus Alba,
agus trì cheud bliadhna an Èirinn."
An uair a chuala Bodhbh Dearg an sgeul bha fearg mhòr air
ri Aoife, bhuail e le slait i, agus rinn e deamhain dhith. Chaidh
i a-mach o a làthair agus chan fhacas gu bràth tuilleadh
i.
Ged a bha Clann Lir an riochd nan eala bha bruidheann
aca agus sheinneadh iad an ceòl bu bhinne chualas riamh le
cluais. Bha Lir agus Tuatha Dè Danann uile ag èisteachd
agus ag cainnt riutha. Chaith iad trì cheud bliadhna air an
loch ud, agus an sin b' fheudar dhaibh imeachd gu Sruth na Maoile
eadar Alba agus Èire. Bu mhòr am bròn a bha air na
h-ealachan agus air an càirdean an uair a b' fheudar dealachadh.
Dh'fhan na h-ealachan trì cheud bliadhna
eile air Sruth na Maoile agus bu mhòr an t-ànradh
a dh'fhuiling iad fad na h-ùine sin. Bha iad a' snàmh
air an fhairge no nan suidhe air na creagan fo fhuachd agus fo reothadh,
fo shneachd agus fo shian. Mu dheireadh bha an ùine
air Sruth na Maoile seachad agus bha iad glè thoilichte.
Dh'èirich iad air iteig agus chaidh iad siar gu Èirinn. Is
iomadh cràdh agus bròn a dh'fhuiling iad an sin, ach
an ceann ùine chreid iad an Dia, is fhuair iad sìth,
sonas agus sòlas an dèidh sin.
An uair a bha na trì cheud bliadhna seachad
an sin dh'èirich na h-ealachan air iteig a-rithist agus chaidh
iad air chuairt a dh'fhaicinn Bodhbh Dearg agus Lir. Ach, mo thruaighe,
b' e sin am baile fuar falamh gun duine ri fhaicinn ann. Bha bròn
mòr orra agus dh'imich iad gu Innis Gluaire agus ghabh iad
tàmh an sin. Thigeadh eunlaith na tìre chun an àite
sin a dh'èisteachd rin ceòl binn, agus bha iad air
an dòigh an sin gus an tàinig Pàdraig Naomh
gu Èirinn.
Thachair gun tàinig fear naomh gu Innis
Gluaire agus chuala e ceòl nan eala. Anns a' mhadainn an
làrna-mhàireach chaidh e gu bruach an locha agus
chuir e aithne air na h-ealachan agus fhuair e a-mach gum b' iad
Clann Lir. Thàinig iad air tìr agus dh'fhalbh iad
leis an naomh agus dh'fhan iad còmhla ris. Bha iad ag èisteachd
na h-aifreann agus a' guidhe ri Dia agus a' dèanamh deagh-oibre
an taigh an naoimh.
Ach bha rìgh an Connacht agus bha bean
aige agus bu mhath leatha na h-ealachan a bhith aice. Chuir an rìgh
duine gu taigh an naoimh a dh'iarraidh nan ealachan air, ach cha
tugadh an naomh dha iad. An sin bha fearg mhòr air an rìgh
agus thàinig e fhèin gan iarraidh.
Bha na h-ealachan aig an altair agus rug
an rìgh air na slabhraidhean agus thug e leis iad. Ach is
gann a bha e aig an doras an uair a thuit an itean dhiubh agus bha
iad nan ceathrar seann daoine beaga truagha agus iad gu dol bàs
le aois agus le laige. An sin bhaist an naomh iad agus fhuair iad
bàs agus chaidh an anaman suas gu Flaitheas Dhè. Chuireadh
anns an aon uaigh iad agus chuireadh leac os an cionn.
© na dealbhan Christine Campbell
& GRD
|