GRD > Leabhraichean-leughaidh Blackie > Cnoc na h-Analach
Beul-aithris - Leabhraichean

Cnoc na h-Analach
Tha an aithris seo air a h-ath-sgrìobhadh bhon aithris a chaidh fhoillseachadh ann an Leabhraichean-leughaidh Blackie, leis a' Chomunn Ghaidhealach.

Tha cnocan beag gorm ann an I Choluim Chille ris an canar Cnoc na h-Analach. Seo mar a chaidh an t-ainm a thoirt air:

O chionn fhada, fhada an t-saoghail, bha nighean òg a' siubhal nan cnoc is nan glac ann an Staoineig, air taobh siar Eilean Idhe, 's i a' lorg caora dhubh a bha a dhìth.

Is e àite garbh, fiadhaich a th' ann an Staoineig, gu h-àraidh ri taobh a' chladaich far a bheil creagan uabhasach agus geodhachan domhainn. Choimhead an nighean anns a h-uile àite agus dìreach nuair a bha i a' dol a thoirt suas, chunnaic i ceò beag, tana a' tighinn à measg nan creag. Chuir seo iongnadh oirre agus an t-àite cho iomallach.

Lean i bearradh nan creag os cionn na mara gus an do ràinig i seòrsa de dh'uaimh. Choimhead i a-steach agus dè chunnaic i ach bodach beag glas, le mhuinichillean truisgte agus sgian mhòr na làimh 's e a' feannadh na caora dhuibh a bha i fhèin a' lorg.

Ghabh i eagal agus ruith i air falbh ris a' bhearradh. An uair a chunnaic am bodach i, ruith e fhèin às a dèidh agus an sgian na làimh. Ruith an nighean air ais chun a' bhaile agus a cridhe na beul leis an eagal. Bha i luath ach bha am bodach a' tighinn na b' fhaisge agus na b' fhaisge oirre. Ruith iad suas na cnocan agus sìos na glacan. Mus do ràinig iad an cnocan mu dheireadh a bha eadar iad agus a' mhachair, cha mhòr nach robh am bodach a' faighinn grèim oirre. Ràinig i mullach a' chnuic agus a h-anail na h-uchd. Gu h-ìosal foidhpe bha a' mhachair far an robh an sprèidh ag ionaltradh agus, rud na b' fheàrr na sin, far an robh daoine ag obair.

Thòisich i ag èigheachd agus a' smèideadh bho mhullach a' chnuic. Choimhead na daoine suas agus nuair a chunnaic iad am bodach às dèidh na h-ìghne agus a' ghrian a' deàrrsadh air an sgithinn, ruith iad às a dhèidh. An uair a chunnaic am bodach an cunnart, thill e anns a' bhad. Chaidh an nighean na sìneadh air a' chnocan agus bhàsaich i.

An uair a ràinig na daoine an cnocan, bha i fuar marbh. Bhon là sin canar 'Cnoc na h-Analach' ris a' chnocan ud air cùl na machrach ann an I Choluim Chille.

Ach chan e sin deireadh na sgeòil bhrònaich. Chùm na fir làidir orra a-mach ri Staoineig an dèidh a' bhodaich ghlais. Fhuair iad a-mach far an robh e leis a' cheò bhon teine aige. Chaidh iad sìos sa bhad ach fhuair am bodach air teiche. An uair a ràinig na fir an uaimh, chunnaic iad am bodach a' falbh a-mach air a' chuan ann an curach beag dubh.

'S e 'Uaimh a' Bhodaich' a chanar ris an uaimh seo ann an I chun an là an-diugh.


© na dealbhan Christine Campbell & GRD