GRD > Leabhraichean-leughaidh Blackie > Colum Cille
Beul-aithris - Leabhraichean

Colum Cille
Tha an aithris seo air a h-ath-sgrìobhadh bhon aithris a chaidh fhoillseachadh ann an Leabhraichean-leughaidh Blackie, leis a' Chomunn Ghaidhealach.

Anns a' bhliadhna 521, thàinig aingeal bho Dhia gu boireannach àraidh a bhuineadh do theaghlach rìoghail ann an Ceann a Tuath na h-Èireann. Thuirt an t-aingeal rithe gum biodh balach aice agus gum biodh e na dhuine glè ainmeil na là. B' e seo Colum Cille, an duine naomha, a thug an soisgeul gu Alba.

Chaidh Colum a chur don sgoil glè òg agus cha robh e fada a' sealltainn gun robh inntinn agus tuigse iongantach aige. Bha a phàrantan glè chàirdeach do rìghrean Èirinn agus mar sin fhuair e am foghlam a b' fheàrr a bh' anns an tìr. Chaidh ionnsachadh mar shagart agus cha b' fhada gus an robh e ainmeil air feadh Èirinn mar shearmonaiche agus mar fhìor dhuine diadhaidh. Thog e iomadh eaglais ann an Èirinn. Ach thàinig air Èirinn fhàgail agus a thighinn gu Alba.

Colum Cille

Aig an àm seo bha muinntir Alba nam pàganaich agus fo rian nan Draoidhean, agus bha Colum Cille a' miannachadh soisgeul Dhè innse dhaibh. Thagh e dà dhuine dheug a dheigheadh còmhla ris. Chuir iad an curaichean a-mach air a' mhuir agus rinn iad air Alba. A rèir beul-aithris, chaidh iad air tìr ann an Cinn Tìre agus an uair sin ann an Eilean Orasaigh. Cha b' urrainn dha Colum Cille fuireach ann an àite seach àite dhiubh sin oir chitheadh e beanntan Èirinn a h-uile là agus bha an cianalas air. Sheòl iad na b' fhaide gu tuath agus chaidh iad air tìr ann an Eilean Idhe, air taobh an iar Mhuile.

An là a ràinig iad an t-eilean sin, chaidh Colum Cille gu mullach a' chnuic a b' àirde ach am faiceadh e am b' urrainn dha Èirinn fhaicinn. Chan fhaiceadh agus thuig e gum b' e siud an t-àite a chaidh a shònrachadh dhàsan agus thòisich e air obair anns a' bhad. Thog iad eaglais bheag agus taighean anns am fuiricheadh iad. Thòisich iad ris an soisgeul a shearmonachadh do na h-eileanaich. Cha robh na manaich seo nan tàmh. Bha iad ag àiteach an fhearainn agus ag ionnsachadh do mhuinntir Idhe mar a b' fheàrr a dhèanadh iad àiteach airson am bàrr a b' fheàrr fhaighinn.

Cha robh sgoiltean ann aig an àm ud, ach chùm Colum Cille agus a mhanaich an t-eòlas a' dol le an dìcheall mòr fhèin. Bha tòrr foghlaim aca agus chì sinn chun an là an-diugh cuid den obair ghrinn a rinn iad anns na leabhraichean làmh-sgrìobhte a dh'fhàg iad. Agus chan ann an Eilean Idhe a-mhàin a bha iad ag obair. Thog iad bàtaichean agus chaidh iad air chuairt tron Ghaidhealtachd a' searmonachadh an t-soisgeil.

Ràinig iad Arcaibh agus Innis Tìle. Chuir iad eaglaisean air chois air feadh na dùthcha, agus nuair a thachradh gillean òga riutha a bha tuigseach, bha iad a' coimhead às an dèidh agus a' toirt foghlam dhaibh airson na sagartachd anns an sgoil a bha aca fhèin ann an Eilean Idhe.

An uair a dh'fhàs Colum Cille cho sean agus nach b' urrainn dha a bhith a' dol air cuairtean fada air feadh na Gaidhealtachd, bha e a' cur seachad na tìde ag ath-sgrìobhadh nan sgriobtairean. An uair a bhàsaich e bha e ag obair air a' cheathramh sailm deug thar an fhichead, agus an uair a ràinig e an deicheamh rann, chuir e sìos a pheann, agus thuirt e ri a ghille, Diarmad -
"Sguiridh mise an seo; cuireadh Baodan crìoch air a' chòrr."

An uair sin, chaidh Colum Cille a-steach dhan eaglais agus ann an greis bheag fhuair na manaich e air a ghlùinean, marbh, air beulaibh na h-altarach. B' ann mar sin a chrìochnaich beatha an duine naomh ud, ach cha tèid ainm agus obair a dhìochuimhneachadh gu bràth anns an tìr.

© na dealbhan Christine Campbell & GRD