|
Deirdre
Tha an aithris seo air a h-ath-sgrìobhadh
bhon aithris a chaidh fhoillseachadh ann an Leabhraichean-leughaidh
Blackie, leis a' Chomunn Ghaidhealach.
Deirdre thug barrachd àilleachd
air mnathan eile na Fèinne;
cha choimeasar rithe-se càch,
ach mar bhaideal air sgàth na reultaig.
Aig aon àm bha duine a' fuireach ann an
Èirinn ris an canadh iad Calum Cruitire. 'S e duine còir,
beartach a bha ann ach cha robh duine cloinne aige. Thàinig
fiosaiche don àite, agus rinn e dìreach air an taigh
aig Calum. Dh'iarr Calum air fiosachd a dhèanamh dha, agus
rinn am fiosaiche sin. Thuirt e ris gum biodh nighean aige agus
gum biodh mòran fala air a dhòrtadh ann an Èirinn air
a tàillibh. Cha do chuir Calum Cruitire mòran suim
san fhiosachd sin gus an do rugadh leanabh nighinn dha, agus chreid
e a' chùis an uair sin, a dheòin no dh'aindeoin.
Bha e fo iomagain mhòr agus cha robh fhios aige air an talamh
dè a dhèanadh e gus an fhàisneachd a sheachnadh.
Mu dheireadh smaoinich e gum b' e an rud a b' fheàrr a b'
urrainn dha a dhèanamh, an leanabh a chur air falbh gu àite
uaigneach far nach fhaiceadh duine i. Chuir e air chùram
na mna-glùine i, agus chuir e i air falbh leis an leanabh
a-mach don mhonadh far an do rinn e fhèin bothan beag dhaibh
ann am beul uaimhe. Chuir e biadh agus aodach airson là agus
bliadhna leotha, agus gheall e tuilleadh dhaibh aig ceann na h-ùine
sin.
B' e Deirdre ainm na h-ìghne, agus bha i fhèin agus
a muime-altraim a' fuireach anns a' mhonadh uaigneach seo, gun fhios
do dhuine beò, gus an robh an nighean ceithir bliadhna deug.
Cha robh boireannach ann an Èireann cho bòidheach ri Deirdre,
ach cha do bhuail sùil duine riamh oirre.
Air oidhche ghruamaich gheamhraidh chaidh sealgair àraidh
air chall. Chaill e a rathad agus a chompanaich, agus b' fheudar
dha fantainn far an robh e - dìreach aig doras na h-uaimhe
anns an robh Deirdre agus a muime-altraim.
Chaidil e le meud an sgìos, agus thòisich e ri bruaillean
na chadal. Is ann a bha dùil aige gun robh e ann an sìth-bhrugh.
"An ainm Dhè leig a-steach mi," ars esan, agus
chuala Deirdre an guth.
Dh'fhaighnich i de a muime dè bha ceàrr, ach dh'fheuch
a muime ri a cur seachad le bhith ag ràdh nach robh ann ach
eòin bheaga an adhair, agus iad air seachran air a chèile.
Dh'èigh an sealgair an aon rud trì uairean, agus bha
Deirdre a' sìor iarraidh an 't-eun' a leigeadh a-steach,
ach cha robh a muime a' leigeil leatha. Mu dheireadh dh'èirich
Deirdre fhèin agus leig i an sealgair a-steach. Chuir i biadh
agus deoch air a bheulaibh, ach a cheart cho luath agus a bhuail
a shùil oirre, dh'fhalbh gach acras agus gach anshocair eile
dheth, an uair a chunnaic e an nighean àlainn a bha anns
a' bhothan àirigh ud.
Bha a muime glè fheargach ris airson a bhith a' coimhead
mar siud air Deirdre, ach is ann a thuirt an sealgair rithe, "Mo
làmh-sa dhut, nam biodh fios aig Naoise mac Uisnigh agus
aig Ainnle agus Ardan a bhràthair air an nighean àlainn
a tha a' falach an seo, cha b' fhada dh'fhàgadh iad agad
i gun a toirt bhuat."
An uair a chuala muime Deirdre siud, is ann a dh'òrdaich
i an sealgair a-mach às a' bhothan, agus dh'fhalbh e. Nuair
a bha e air am bothan anns an robh Deirdre fhàgail, nach
ann a smaoinich e air Conachar, rìgh Uladh, a bha gun bhean,
gun chagar còmhraidh, agus an gàirdeachas a dhèanadh
e nam faiceadh e àilleachd Deirdre, nach b' urrainn dha gun
a pòsadh sa bhad. Dh'fhalbh an sealgair sa bhad agus dh'innis
e don rìgh, facal air an fhacal, mu mhaise Deirdre.
Thuirt Conachar ris gum faigheadh e duais sam bith a dh'iarradh
e nan sealladh e dha an t-àite sa mhonadh uaigneach, fhàsail,
anns an robh Deirdre a' fuireach, agus thug an sealgair a bhòid
don rìgh gun dèanadh e sin. Fhuair Conachar buidheann
de dhaoine dìleas cruinn, nam measg triùir mhac Fhearghais
MhicRoich, clann bràthair athar, agus dh'innis e dhaibh dè
bha e a' dol a dhèanamh. Cha b' fhada gus an robh an rìgh
agus a laoich, fo iùil an t-sealgair, air an t-slighe chun
a' bhothain anns an robh Deirdre agus a muime.
An dèidh astair fhada dhuilich, tro mhòintich agus
tro fhraoch, ràinig iad an ceann-uidhe. Bhuail Conachar aig
an doras ach fhreagair a' mhuime-altraim bhon taobh a-staigh, nach
robh mac màthar a sheas riamh am bròig a gheibheadh
sealladh air an fhàrdaich aicese. Thuirt an coigreach an
uair sin gum b' esan Conachar, rìgh Ulaidh, agus ma thuirt,
cha b' fhada gus an robh gach cleit a bh' ann air a toirt bhàrr
an dorais, agus chaidh an rìgh a-steach agus na ghabhadh
am bothan de a threun-fhir na dhèidh.
An uair a chunnaic Conachar Deirdre, bhòidich e air gach
cumhachd nach fhac e boireannach riamh cho bòidheach rithe,
agus ghabh e loma-làn a chridhe de ghaol oirre. Anns a' bhad
thog na laoich Deirdre agus a muime suas air an guaillean agus thug
iad le caithream iad gu lùchairt Chonachair, rìgh
Ulaidh.
Cha ghàirdeachas gun Chlann
Uisnigh,
is tùrsach gun bhith nar cuallachd;
trì mic rìgh le an dìolta deòraidh
an-diugh gun chothrom ri h-uchd uamhadh.
Bha a leithid de ghaol aig Conachar air Deirdre
agus gun robh e deònach a pòsadh gun dàil,
ach cha robh ise ag iarraidh sin a dhèanamh idir. Dh'iarr
i dàil là agus bliadhna, agus fhuair i sin air chùmhnant
gum pòsadh i e aig ceann na h-ùine sin. Thug an rìgh
taigh àlainn dhi anns an lùchairt aige, agus seirbhisich
agus ban-chompanaich a chumadh ceòl agus aighear rithe gu
là mòr na bainnse.
Là de na làithean bha i fhèin agus a ban-chompanaich
nan suidhe air creagan grianach a' gabhail na grèine. Cò
chunnaic Deirdre a' dol seachad ach triùir òganach
tapaidh. Smaoinich i air an t-sealgair agus na thuirt e rithe mu
Naois mac Uisnigh agus a bhràithrean, agus air ball nach
ann a ruith i às an dèidh. Dh'èigh i àird
a cinn trì uairean air Naois, agus mu dheireadh stad e, agus
thug Deirdre trì pògan do Naois, agus pòg an
aon do a bhràithrean. Ghabh e lom-làn a chridhe de
ghaol air Deirdre, agus thug ise dhàsan an gràdh sin
a cheangladh a' chlach gun aol.
Thog Naois agus Deirdre, Ainnle agus Ardan, orra gun dàil,
agus thug iad an casan leotha à Èirinn air eagal an rìgh.
Sheòl iad gu Alba agus rinn iad an dachaigh ri taobh Loch
Eite. Bha an taigh aca an sin cho deiseil agus gum marbhadh iad
am bradan a-mach air an doras, agus am fiadh a-mach air an uinneig,
agus bha iad uile cho sona agus a bha an là cho fada.
Mu dheireadh thall thàinig deireadh na bliadhna mun cuairt,
agus bha Conachar a' dol a phòsadh Deirdre a dheòin
no dh'aindeoin. Bha cuirm rìoghail ga h-ullachadh, agus chaidh
cuireadh cridheil a chur gu maithean na h-Èireann gu lèir. Chuir
Conachar bràthair athar, Fearghas Mac Roich, a-null gu Alba,
le cuireadh seachd fillte gu Naois agus Deirdre, Ainnle agus Ardan,
airson gum biodh an cuid fhèin aca den fhleadh shòghail.
Cha robh Deirdre idir, idir, airson taobh Loch Eite fhàgail,
agus rinn i iomadh leisgeul airson fuireach, ach mu dheireadh, an
uair a gheall Fearghas nach leigeadh esan le càil tachairt
dhaibh, chuir iad an curaichean air sàil agus sheòl
iad gu cladach Èireann. Chuir Fearghas fios air ball gu Conachar
gun tàinig Clann Uisnigh air tìr, agus dh'iarr e air
gach coibhneas a nochdadh dhaibh.
Cha robh dùil aig an rìgh gun tigeadh iad ged a fhuair
iad cuireadh, ach is ann a leig e air nach robh e buileach deiseil
air an coinneimh. Chuir e iad a dh'fhuireach fad là no dhà
do thaigh anns an robh amhaisg a' fuireach, agus ged bu chruaidh
leotha sin, b' fheudar gèilleadh do àithne an rìgh.
Dh'fheuch na h-amhaisg ri fras-mharbhadh a dhèanamh orra,
ach is ann a dh'èirich neart mòr air Naois agus chuir
e ruaig orra uile, agus bha an fhàrdach lom, fàs,
aca dhaibh fhèin.
Bha Conachar a' gabhail fadachd nach robh e a' faighinn sgeòil
air Deirdre agus a cuideachd an taigh nan amhasg. Chuir e sìos
a mhuime-altraim, agus sheall ise a-steach tro tholl beag an dìdire
a bha air còmhla an dorais, agus chunnaic i coltas dubhachais
air Deirdre. Thug i an teachdaireachd ud don rìgh, agus chuir
esan Gealbhan Greadhnach, mac rìgh Lochlainn, sìos
gu cinnt fhaighinn air cor Deirdre, oir bha Conachar air rùnachadh
gun toireadh e Deirdre a-mach le faobhar a' chlaidheimh.
An uair a bha Gealbhan a' dìdireachd tro tholl beag an dìdire,
chuir Naois an t-sùil às leis a' chiad sitheadh de
aon de na dìsnean geala a thilg e air tron toll, agus chaidh
an gaisgeach air ais dh'ionnsaigh an rìgh air leth-shùil.
Chruinnich Conachar trì cheud laoch, agus chuir e iad gu
taigh nan amhasg, le òrdugh Deirdre a thoirt leotha agus
càch uile a mharbhadh. Chaidh na treun-fhir sìos an
òrdugh catha, ach le cuideachadh Fhearghais mhic Roich chuireadh
ruaig orra gu lèir, agus bha Clann Uisnigh sàbhailt
agus thog iad orra gu Alba.
An uair a chaidh innse don rìgh gun robh Deirdre agus Clann
Uisnigh air an t-slighe gu Alba chuir e fios air an àrd-dhraoidh
aige fhèin. Chuir an draoidh coille thiugh, agus an dèidh
sin fairge mòr, romhpa air an t-slighe, ach fhuair iadsan
tro gach gàbhadh dhiubh sin.
An uair sin reòth an draoidh an fhairge chorrach ghlas na
cnapan cruaidh, a bha cho geur ri lann air an dara h-oir, agus nimh
nathrach air an oir eile dhith. Thog fear ma seach dhiubh Deirdre
air an guaillean, ach mu dheireadh cha b' urrainn do thriùir
mhac Uisnigh cumail a' dol, agus thuit iad marbh, agus bha Deirdre
a' bras-shileadh nan deur os an cionn.
Le òrdugh an rìgh, thiormaich an draoidh an caolas
air dhòigh agus gun d' fhuair Conachar air talamh tioram
a dh'ionnsaigh an àite san robh na cuirp. Dh'iarr e sloc
a chladhach agus na trì cuirp a thiodhlacadh ann còmhla.
Thilg Deirdre i fhèin anns an t-sloc còmhla riutha,
agus bha i fuar marbh ri an taobh. Thug an droch rìgh òrdugh
a corp a thogail às an uaigh ud, agus a thiodhlacadh air
taobh eile an locha. Rinneadh sin, ach dh'fhàs gath giuthais
às an uaigh aig Naois, agus gath giuthais eile às
an uaigh aig Deirdre, agus chuir an dà ghath snaim dhiubh
os cionn an locha. Ged dh'òrdaich an rìgh an snaim
a ghearradh uair no dhà dh'fhàs e suas a-rithist ge
b' oil leis, agus cha robh eadar ùir agus adhar na chuireadh
às an siud e.
© na dealbhan Christine Campbell & GRD
|