GRD > Leabhraichean-leughaidh Blackie > Diarmad
Beul-aithris - Leabhraichean

Diarmad
Tha an sgeulachd seo air a h-ath-sgrìobhadh bhon sgeulachd a chaidh fhoillseachadh ann an Leabhraichean-leughaidh Blackie, leis a' Chomunn Ghaidhealach.

A rèir seann aithris b' e Diarmad O Duibhne an gaisgeach bu trèine de ghaisgich na Fèinne uile. Tha bàrdachd is uirsgeulan na h-Alba agus na h-Èireann a' nochdadh dhuinn, chan e a-mhàin cho gaisgeil agus a bha e mar laoch, ach cuideachd, cho uasal, seirceil, agus a bha e mar dhuine.

Bha meas mòr aig Fionn, ceannard na Fèinne, air Diarmad: ach thachair aon rud a bhris an càirdeas blàth a bha eatarra. Bha bean aig Fionn dom b' ainm Gràinne, nighean Chormaic, rìgh na h-Èireann. Thug Gràinne gaol do Dhiarmad, agus thug i air teiche còmhla rithe. Ged b' e Fionn a charaid, cha b' urrainn dha càil eile a dhèanamh, oir chaidh a chur fo gheasan.

An dèidh seo bha Fionn riamh tuilleadh an rùn Diarmad a chur gu bàs; agus tha mòran air aithris mu na h-euchdan a rinn Diarmad gus e fhèin a thoirt às na cunnartan anns an robh Fionn ga chur gus a dhìoghaltas thoirt a-mach.

Aon uair chuir Fionn dithis de Chloinn Mhòrna a lorg Dhiarmaid, gus a mharbhadh. Dh'àithn e dhaibh gun iad a thilleadh gun cheann Dhiarmaid a bhith aca, no làn an dùirn de na caorainn a bha air a' chraoibh a bha am famhair mòr, ris an canar an Searbhan Lochlannach, a' faire. Roghnaich Clann Mhòrna ceann Diarmaid mar an obair a b' fhasa de dhà.

A-nis, bha Diarmad is Gràinne air teiche dhan bheinn; ach chaidh Clann Mhòrna às an dèidh gus an do ràinig iad am bothan anns an robh a' chàraid nan cadal. Dh'innis iad adhbhar an turais; gum feumadh iad ceann Dhiarmaid a thoirt gu Fionn, no, rud bu duilghe, làn dùirn de na caorainn a bha am famhair mòr a' faire.

Dh'èirich Diarmad; fhuair e a chuid armachd, agus bha sabaid chruaidh eadar e fhèin agus Clann Mhòrna. Chaill Clann Mhòrna an t-sabaid; oir ged a leig Diarmad am beatha leotha, cheangail e an dithis air an làr. An uair chuala Gràinne iomradh air na caorainn agus air a' bhuaidh a bha aca air càil neach, thuirt i ri Diarmaid nach biodh i na bean dha gu bràth mura faigheadh i feadhainn dhiubh rin ithe.

A-nis, cha tàinig duine riamh beò à làmhan an fhamhair mhòir. Ach dh'fhalbh Diarmad agus Gràinne, agus Clann Mhòrna còmhla riutha, a shireadh nan caorann. Ràinig iad a' chraobh. Rinn Diarmad agus am famhair cath goirt; ach mharbh Diarmad am famhair. An sin dh'ith Gràinne agus Clann Mhòrna na caorainn.

Thug Diarmad làn dùirn de na measan do Chloinn Mhòrna airson an toirt gu Fionn mar gum b' iad fhèin a mharbh am famhair mòr. Tha seo a' nochdadh cho uasal agus a bha Diarmad eadhon ann a bhith a' dèiligeadh ri nàimhdean.

Ach, co-dhiù, an uair a fhuair Fionn na caorainn, chuir e ri shròin iad. Fhuair e fàileadh craiceann Dhiarmaid dhiubh, agus b' fheudar do Chloinn Mhòrna aideachadh gum b' e Diarmad a mharbh am famhair mòr, agus gun robh e fhèin agus Gràinne nan cadal gach oidhche air mullach na craoibhe.

An sin chruinnich Fionn ceithir cheud ceatharnach. Ràinig iad a' chraobh is chuartaich iad i, gus Diarmad a ghlacadh. Thug Aonghas a' Bhrogha Gràinne air falbh fo bhrat draoidheachd gun fhios do chuideachd Fhinn. Sheas Diarmad air gèig den chraoibh agus leum e thairis air a' chearcall dhaoine, agus fhuair e às uair eile.

Rinn Fionn innleachd eile gus cur às do Dhiarmad. Rinn e sealg airson torc-nimhe Beinne Gulbain a mharbhadh; agus b' e Diarmad a mharbh an torc am fianais na Fèinne uile. Bha Fionn fo fheirg gun d' fhuair e às a-rithist, oir cha robh dùil aige nach tigeadh neach sam bith beò bhon torc. Dh'iarr e an uair sin air Diarmad an torc a thomhas. Rinn Diarmad sin, ach on a bha e casruisgte, chaidh frioghan nimhe na shàil, agus mu dheireadh fhuair Fionn a mhiann. Lot am frioghan Diarmad cho dona agus gun do mharbh e e.

Tha e air a ràdh, nan toireadh Fionn deoch às a bhasan do neach sam bith gum faigheadh e slàinte eadhon ged bhiodh e air beul bàis. Bha fios aig Diarmad bochd air an seo, agus an uair a bha e ri uchd bàis, dh'iarr e deoch air Fionn.

Chaidh Fionn gu tobar a bha faisg air làimh a dh'iarraidh an uisge, ach an uair a thill e, leig e an t-uisge air falbh eadar a làmhan. Rinn e so trì uairean; ach air an treas turas dh'eug Diarmad. Dhiùlt Fionn an deoch a bheireadh slàinte dha, agus chaill an Fhiann an là sin an ceatharnach agus an t-uasal bu mhotha a bha aca.


© na dealbhan Christine Campbell & GRD