GRD > Leabhraichean-leughaidh Blackie > Eilean Hiort
Beul-aithris - Leabhraichean

Eilean Hiort
Tha an aithris seo air a h-ath-sgrìobhadh bhon aithris a chaidh fhoillseachadh ann an Leabhraichean-leughaidh Blackie, leis a' Chomunn Ghaidhealach.

'S e an t-eilean ris an canar Hiort an t-eilean as annasaiche de na h-Eileanan Breatannach. 'S e aon de eileanan na Gaidhealtachd a th' ann. Ged a tha e faisg oirnn ann an dòigh, chan eil mòran àiteachan cho aonaranach ris. Tha e dà fhichead mìle agus a dhà dheug an iar air Na Hearadh. Chithear e bhon Eilean Fhada ag èirigh a-mach às a' Chuan Siar.

Bha mu cheithir fichead duine a' fuireach ann aig aon uair agus chan fhaiceadh iad duine bhon taobh a-muigh ach am bàillidh nuair a thigeadh e a thogail a' mhàil. Tha e iongantach gun deach daoine a dh'fhuireach a dh'àite cho iomallach. Chan eil an talamh fhèin torrach gu leòr airson daoine am bith-beò a dhèanamh às. Bha iad a' dèanamh beagan àitich le spaid ann an lianagan am measg nan creag. Bha crodh aca ach chan fhaca òigridh an eilein each a-riamh.

Thòisich bàtaichean-smùide a' dol gu Hiort le bathar aig amannan sònraichte as t-samhradh. Rinn seo feum dhan eilean. Bha iad a' pàigheadh airson a' bhathair seo le clò, itean nan eun fiadhaich agus obair-ghrèise nam boireannach. Roimhe sin, chan urrainn nach e dòigh-beatha glè bhochd a bh' aig na Hiortaich. Bha iad an urra ris a' phòr a bha a' fàs agus na h-eòin fhiadhaich a bha anns na creagan àrda airson am biadh.

B' e an rud a b' iongantaich mun eilean, na Hiortaich ag eunadaireachd anns na creagan. Bhiodh duine òg a' ceangal ròpa gaoisid, a chaidh a dhèanamh san eilean, mu a mheadhan. Bha e an uair sin air a leigeil sìos leis a' chreig. Bha slat fhada aige na làimh le dul gaoisid air a ceann airson a chur mu amhaichean nan eun. Bhiodh na mìltean de dh'iseanan òga anns na neadan mun cuairt air agus cha bhiodh grèim coise no làimh aige agus e dìreach a' crochadh air an ròpa. Bhiodh na tonnan mòra a' dèanamh fuaim uabhasach am measg nan creag a bha fada shìos fodha. Bha e a' cumail obair ris an fhear a bha gu h-àrd le bhith a' cur nan eun a ghlacadh e suas thuige.

B' ann le itean nan eun a bha na Hiortaich a' pàigheadh am màil. Bhiodh iad cuideachd a' dèanamh beagan cosnaidh às an ola a bhiodh iad a' faighinn bhon fhulmair mus marbhadh iad e airson a shailleadh.

Tha eileanan eile faisg air Hiort air am biodh na Hiortaich a cumail chaorach. B' e na seann chaoraich bheaga, odhar, a b' àbhaist a bhith air a' Ghaidhealtachd a bh' annta. Bha iad glè chruaidh agus dhèanadh iad an slighe am measg nan creag mar a dhèanadh na gobhair.

B' e daoine faiceallach beusach diadhaidh a bh' anns na Hiortaich. Chan eil àite ann am Breatainn far a bheil iad cho cùramach mu bhith a gleidheadh na bha Sàbaid Hiort. Bha neach-teagaisg ann an-còmhnaidh agus mar sin bha a' chlann a' faighinn an ionnsachadh anns an sgoil.

Bho chionn bliadhnachan, nam biodh muinntir an eilein gann de bhiadh, cha robh dòigh aca air seo innse dha daoine air an taobh a-muigh ach le litir a chur ann am bàta beag fiodha, agus am bàta a chur a-mach air a mhuir le dòchas gun deigheadh a lorg air cladach air choreigin. Dh'obraich seo dhaibh iomadh uair.

'S e Hiort an aon eilean air taobh an iar Bhreatainn air an do ràinig an Cogadh Mòr. Thàinig bàta-aigeil Gearmailteach a-steach dhan bhàgh airson crann an 'wireless' a leagail. Loisg na Gearmailtich tòrr urchairean agus chan urrainn nach do chuir sin eagal mòr air na Hiortaich agus iad cho aonaranach agus gun eòlas aca air dòighean an t-saoghail mhòir. Chaidh crann na 'wireless' a mhilleadh agus mullach na h-eaglaise. Cha deach fuaim gunna mòr a chluinntinn ri àm cogaidh ann an Hiort roimhe siud agus thèid sgeulachd an tachartais sin innse airson iomadh linn.

Seo na pìosan mu dheireadh a chaidh a sgrìobhadh ann an leabhar-là Sgoil Hiort san Ògmhios 1930.



June 13th 1930: Perfect attendance this week.
June 20th 1930: Attendance good. Donald Gillies lost two attendances through having to help at the sheep shearing.
June 27th 1930: Attendance perfect for last week. School closed today with a small 'treat' which the children seemed thoroughly to enjoy. Today very probably ends the school in St Kilda as all the inhabitants intend leaving the island this summer. I hope to be away soon.

Dougald Munro 1929-30

© na dealbhan Christine Campbell & GRD