|
Faghaidean na Fèinne
Tha an sgeulachd seo air a h-ath-sgrìobhadh
bhon sgeulachd a chaidh fhoillseachadh ann an Leabhraichean-leughaidh
Blackie, leis a' Chomunn Ghaidhealach.
Tha spòrs na frìthe air a h-ainmeachadh
le mòr mheas ann an seann litreachas na Gàidhlig.
Mar as trice, 's ann anns a' bhàrdachd a tha sinn a' faighinn
nan iomraidhean sin. Tha sgeulachdan eireachdail na Fèinne
loma-làn dhiubh, agus annta sin gheibh sinn daonnan sealg
agus cogadh an dlùth dhàimh ri chèile. Anns
na seann linntean, bha na fèidh agus na fiadh-chreutairean
eile air an sealg air seòl faghaid. Dheigheadh àm
agus àite freagarrach a shònrachadh, agus an sin chruinnicheadh
na sealgairean nan ceudan, le an cuid chon a' snìomh air
lomhainn. Dheigheadh am frìth no an t-sliabh a chuartachadh
le cùram, agus na fèidh iomain a-mach às an
àiteachan còmhnaidh dorcha.
An uair a bhiodh gach nì ullamh, smèideadh
na fir ri chèile agus dheigheadh na coin a leigeadh ma sgaoil.
Bhiodh na daoine a' sìor thighinn a-steach air na fèidh,
bhiodh an cearcall a' sìor fhàs na bu chuinge, agus
bhiodh na creutairean mì-fhortanach air an cumail cruinn
nan aon bhuidheann. Bhriseadh feadhainn dhiubh air an ais an aghaidh
nan sealgairean, agus gheibheadh iad sàthadh den t-sleagh,
aon ma seach. Rachadh a' chuid bu mhotha dhiubh an cùil chumhaing,
is iad a' feuchainn gu dìomhain ri iad fhèin a theasairginn
o na seang-choin ghuineach. Uidh air n-ùidh, dhùineadh
an fhaghaid a-steach orra, agus b' e glè bheag dhiubh a rachadh
às beò.

A rèir nan sgeulan Gaidhealach, b' e seo
an dòigh bu chumanta air sealg na frìthe a shuidheachadh.
Gun teagamh, bhiodh buidhnean beaga gu tric a' dol gu monadh, 's
dòcha dithis no triùir. Bha iomadh uair ann nuair
a bhiodh daoine feumach air spòrs no sitheann nuair nach
biodh e goireasach no iomchaidh faghaid mhòr a chur air bonn.
Faodaidh sinn a bhith cinnteach gum biodh an cruinneachadh
beag no mòr a rèir mar a fhreagradh cùisean
agus cothroman. An uair a dheigheadh rìghrean agus flaithean
a-mach, bhiodh sluagh mòr a' faighinn chuireadh, cuid mar
ghillean agus cuid mar aoighean. Cha deach fùdar agus luaidhe
a chur gu feum airson gnothach sam bith gus a' cheathramh no a'
chòigeamh linn deug, agus cha robh iad air an cleachdadh
sa chumantas gus an t-seachdamh linn deug. Roimhe sin, bha gach
sealgair an eisimeil a chuid chon agus a shleagha.
B' e Bran an cù a b' fheàrr a bha
riamh san Fhèinn. A rèir cuid de chunntasan, bu chreutair
sìthe e, ach a rèir cuid eile bha e nàdarra
gu leòr. Ach tha gach sgeul ag aontachadh mu aon nì
agus 's e sin gur ann aige bu daonnan a bha urram na seilge. Tha
an seanfhacal ag ràdh gum 'beireadh Bran air na geòidh
fhiadhaich leis cho luath is a bha e'.
Air là sònraichte chaidh fir na
Fèinne a-mach a shealg le trì mìle cù.
Mharbh gach cù dà fhiadh, agus mharbh Bran sia mìle
agus a h-aon. Chaidh dà mhìle dheug agus a h-aon de
fhèidh a mharbhadh - faghaid an àigh! Chaidh tachairt
air ceud torc fiadhaich cuideachd. Mharbh na biastanan seo mìle
de na coin, ach tha e air aithris gun deach cur às do na
tuirc uile. Bha meas mòr air mial-choin anns na h-amannan
ud, agus, a thaobh cumadh an fheadhainn a b' fheàrr:
Siud mar thaghadh Fionn a chù:
sùil mar àirneig, cluas mar dhuilleig
uchd mar ghearran, speir mar chorran
's an t-alt lùthaidh fada o cheann.
Bha trèin-fhir na Fèinne cho dèidheil
air sealg nam fiadh is gum bu mhiann leotha cuid de chomharraidhean
na seilge a bhith air a chàradh cuide riutha anns an uaigh,
dìreach mar bu toigh leotha comharraidhean a' chatha, an
t-sleagh agus an sgiath, a bhith air an cur leotha fon talamh. Bha
euchdan a dhèante a' sealg nam fiadh air am meas a cheart
cho cliùiteach ri foghainteas anns a' bhlàr. Tha e
coltach gur ann còmhla ris an fhear bu ghaisgeil agus bu
sheòlta air sealg an fhèidh bu mhotha a dheigheadh
de uidheam an t-seilg adhlacadh.
Bha iomadh saobh-chreideamh am measg na Fèinne
a thaobh na greigh fhèidh a bha tadhal nan stùc agus
nan coireachan. B' e aon dhiubh seo gun robh cuid de mhuinntir a'
gabhail cruth nan creutairean seo air dhaibh a dhol fo gheasan.
Tha e air aithris gun do ghabh màthair Oisein cruth èilde,
agus gur e seo an riochd san robh i an uair a ghineadh a mac urramach!
Tha am bàrd a' toirt tarraing air a' bharail ghisreagaich
seo an uair a tha e ag ràdh:
Mas tu mo mhàthair 's gur
fiadh thu,
èirich moch mun èirich grian ort;
Siubhail sliabh mun èirich teas,
an aire dhut o ghnìomh nan con;
Ma thèid thu air beanntaibh àrda
an aire dhut o chloinn nan ceàrda,
clann nan ceàrda 's an cuid chon
dà chù dheug air lomhainn aca,
is a chù fhèin an làimh gach fir.
Ma thèid thu an gleanntaibh ìseal
an aire dhut o chloinn na frìthe,
clann na frìthe 's an cuid chon;
An uair a thèid thu an gleanntaibh domhainn
an aire dhut o chloinn a' ghobhainn,
clann a' ghobhainn 's an cuid chon.
Tha e na bheachd cumanta gur ann o chionn bheagan
fhicheadan bliadhna a chaidh laghannan a thaobh fhiadh a dhèanamh,
agus roimhe sin gum faodadh neach sam bith an sealg agus am marbhadh.
Tha a' bharail seo ceàrr. Cho tràth ri làithean
Rìgh Seumas I, bha lagh am bith, agus air a chur gu tric
an cleachdadh, fon robh goid nan ainmhidhean seo air fhiosrachadh
le peanas trom.
Bha sealg daonnan air a meas na spòrs rìoghail.
Chaidh Bànrigh Màiri air chuairt do Athall anns a'
bhliadhna 1563, agus an sin thaisbeanadh fa comhair faghaid mhòr,
rìomhach. Bha mu dhà mhìle gille aig Morair
Athail air an robh e air iarraidh na fèidh a ghluasad agus
a chruinneachadh o fhrìthean agus o shlèibhtean Athail,
Bhaideanaich, Mhàirr agus Mhoireibh, agus an iomain a dh'ionnsaigh
an àite anns an robh na mial-choin astarach gu bhith air
an leigeil às an dèidh.
Bha na gillean làidir, sgairteil agus eòlach
ri bhith a' siubhal mhonaidhean. Bha iad a-muigh a là agus
a dh'oidhche, agus ma chreideas sinn cuid de luchd-eachdraidh, thug
iad dlùth air ochd seachdainean a' dèanamh an trusaidh
àlainn. Mu dheireadh, thug iad a-steach mu choinneimh na
Bànrigh agus nan ceann-cinnidh còrr is dà mhìle
fiadh, a bharrachd air earban agus gobhair. An uair a leigeadh na
coin thar nan iall, bhris a' ghreigh air a h-ais, agus fhuair mòran
de na h-ainmhidhean stàiteil air teiche gu tèarmann
nam beann. Ged a thachair seo, chaidh eadar trì agus ceithir
de cheudan a ghlacadh agus a leagadh.
© na dealbhan Christine Campbell & GRD
|