|
Fionn
Tha an sgeulachd seo air a h-ath-sgrìobhadh
bhon sgeulachd a chaidh fhoillseachadh ann an Leabhraichean-leughaidh
Blackie, leis a' Chomunn Ghaidhealach.
O chionn fhada an t-saoghail, bha daoine
treuna ann ris an canadh iad an Fhiann. B' e Cumhail an t-ainm a
bha air aon de na daoine seo agus bha mac aige air an robh Fionn.
An uair a bha Fionn na leanabh beag, chaidh athair a mharbhadh ann
am blàr a chur an Fhiann nam measg fhèin. Bha eagal
air a mhàthair gun tigeadh nàimhdean athar às
dèidh an leanaibh agus chuir i a-mach do na coilltean anns
an fhàsach e còmhla ri dà bhoireannach a choimheadadh
às a dhèidh.
Greis an dèidh sin, phòs a mhàthair
rìgh, ach cha do dhìochuimhnich i Fionn beag. Dh'fhalbh
i air slighe fhada tron fhàsach gus an do lorg i an t-àite
anns an robh an leanabh. Bha e na chadal nuair a ràinig i
e, agus thog i gu socair e agus thug i pòg dha. Sheinn i
crònan binn dha agus an uair sin dh'fhalbh i.
Bha an dà bhoireannach a' coimhead às
a dhèidh gus an do dh'fhàs e mòr. Aon là
chaidh e a-mach agus chunnaic e lach a' snàmh air loch. Thilg
e urchair oirre agus gheàrr sin na sgiathan aice. Fhuair
e grèim oirre agus thug e dhachaigh i. B' e siud a' chiad
sealg a rinn Fionn.
Ged nach robh e a-riamh ann an sgoil, cha robh
e idir na thàmh. Bhiodh e a' snàmh gach dàrna
là. Bhiodh na boireannaich ga chur a-mach air an loch agus
leigeadh iad leis a thighinn gu tìr mar a b' fheàrr
a b' urrainn dha.
Dheigheadh e a-mach dhan achadh far an robh gearrain
(eich) gu leòr a' ruith bho chnoc gu cnoc. Bha aige rin cumail
ann an cròileagan cruinn ann am buidhnean àraidh.
Bhiodh e a' ruith timcheall orra fad na h-ùine agus 's ann
mar sin a dh'fhàs a chasan cho luath ri casan fèidh.

Dh'fhàs Fionn suas gu bhith na dhuine
dìreach eireachdail. Aon là bha e fhèin agus
an dà bhoireannach a bha a' coimhead às a dhèidh
a-muigh anns a' mhonadh nuair a chunnaic e treud de fhèidh
fhiadhaich.
"Nach bochd nach robh aon de na fèidh sin againn?"
arsa tè de na boireannaich.
"Cha bhi mise fada a' faighinn an fhir as fheàrr dhiubh,"
arsa Fionn.
Ruith e cho luath 's a b' urrainn dha agus rug
e air an dà dhamh a b' fheàrr a bh' anns an treud.
Thug e dhachaigh iad air a dhruim agus cha do stad e aon uair airson
anail a leigeil. Bha e a' sealg a h-uile là an dèidh
sin, agus cha tàinig e dhachaigh uair sam bith gun rudeigin.
Aon là thuirt na boireannaich ris, "Feumaidh
tu coimhead às do dhèidh fhèin a-nis. Tha nàimhdean
d' athar a' coimhead air do shon a h-uile là airson do mharbhadh."
Dh'fhalbh Fionn leis fhèin agus cha do
stad e gus an do ràinig e loch far am faca e tòrr
bhalach a' snàmh. Leum e don loch agus ràinig e an
taobh thall mus robh na balaich eile ach air buille no dhà
a thoirt. Bha farmad aig na balaich eile ris oir bha e cho math
air snàmh. An uair a chunnaic Fionn seo, theich e.
Thàinig e gu lùchairt far an robh
rìgh a' fuireach. Thug an rìgh sin obair dha mar shealgair.
Bha Fionn greis mhòr na shealgair aig an rìgh agus
cha robh sealgair cho math ris anns an tìr a-riamh.
Aon là thuirt an rìgh ris, "Ma
bha mac a-riamh aig Cumhall na Fèinne, chanainn gum bu tusa
e."
An dèidh sin dh'fhalbh Fionn agus chaidh
e far an robh an rìgh a bha pòsta aig a mhàthair.
Bha e fhèin agus an rìgh a' cluich air clàr-tàilisg
aon là agus rinn Fionn a' chùis air an rìgh
seachd tursan.
"Cò thu no co às a thàinig thu?"
ars an rìgh. "Chan urrainn gur e duine eile a th' annad
ach am mac a bh' aig mo bhean-sa agus Cumhall. B' fheàrr
dhut teiche sa bhad mus tèid do mharbhadh."
Rinn Fionn sin.
Thuirt Caoilte mu Oisean, Mac Fhinn, nach
do dhiùlt e duine riamh aig an robh ceann ri itheadh agus
casan ri imeachd.
"Cha do dhiùlt Oisean òr, àirgead no biadh
do dhuine riamh, cha mhò a dh'iarr esan nì air neach."
Chaidh faighneachd dha Caoillte, "Carson
a tha an Fhiann mar sin nam beatha?"
Fhreagair e, "Fìrinn nar cridheachan, neart nar làmhan
agus coileanadh nar teangannan."
Aon uair chaidh Fionn air astar fada a dh'fhaicinn an lorgadh e
bràthair athar. Thachair seann bhoireannach ris air an rathad
agus i a' rànail.
"Tha d' aodann làn fala," arsa Fionn rithe.
"Chan ann gun adhbhar," fhreagair ise. "Mharbh na
fir a tha às mo dhèidh an aon mhac a bh' agam."
Ruith Fionn agus rug e air a' mhurtair agus gheàrr e an ceann
dheth. Cò a mharbh e ach am fear a chuir a' chiad sleagh na
athair, Cumhall, anns a' bhlàr anns an deach a mharbhadh.
Ghoid an duine seo am poca ionmhais a bh' aig Cumhall, ach fhuair
Fionn am poca prìseil sin air ais. Nuair a lorg e bràthair
athar, thug e dha mar dhìleab e.
Bha curaidh mòr ann aig an àm
ud agus bhiodh e a' cur mòran bhailtean nan teine a h-uile
bliadhna. Thigeadh e fhèin agus a dhaoine agus chluicheadh
iad an ceòl-sìthe bu bhinne a chuala duine a-riamh.
Bha an ceòl cho binn 's gun robh e a' cur a h-uile duine
a chadal cho luath 's a chluinneadh iad e. Nuair a bhiodh a h-uile
duine nan cadal, chuireadh e lasair theine a-mach às a bheul
agus chuireadh e a h-uile càil na theine.
Bha eagal air an rìgh 's gun fhios aige
ciamar a gheibheadh e cuideachadh. Gheall e duais mhòr do
dhuine sam bith a chuireadh stad air a' churaidh. Thuirt Fionn gun
dèanadh esan a' chùis air agus bha an rìgh
glè thoilichte 'cothrom na Fèinne' a thoirt dha. Bha
caraid math aig Fionn am measg na Fèinne agus thug am fear
sin sleagh dha a bha an-còmhnaidh a' bualadh an rud air an
robh i ag amas. Nan cuireadh Fionn ceann na sleagha ri a mhaol,
cha chuireadh ceòl-sìthe sam bith a chadal e.
Thàinig an curaidh mar a b' àbhaist
agus thòisich an ceòl-sìthe. Thuit a h-uile
duine nan cadal, ach chuir Fionn ceann na sleagha ri a mhaol agus
cha tàinig cadal air. An uair a fhuair e cothrom thilg e
an t-sleagh air a' churaidh. Chaidh i dìreach tro a chridhe
agus thuit e marbh air an talamh.
Chruinnich an rìgh agus uaislean an àite
airson duais a thoirt dha Fionn on a shaor e an t-àite bhon
churaidh. Chaidh Fionn a dhèanamh na rìgh air an Fhèinn.
Bha Fionn na rìgh air an Fhèinn fhad 's a bha e beò.
Bha e a' fuireach ann an daingneach àlainn geal. Bha e na
fhiosaiche agus na bhàrd math, agus b' e draoidh agus duine
aig an robh mòran eòlais a bh' ann. Cha robh saighdear
san tìr na b' fheàrr na e.
B' e duine fìor onarach agus còir
a bh' ann. Cha tug e riamh gealladh nach do chùm e agus cha
do chuir e a-riamh cùl ri a chàirdean. Bha e ciùin
nuair a bha sìth ann agus borb ann an cath, agus bha e ceart
nuair a bhathas a' roinn na creiche an dèidh blàir.
'S ann air sgàth a' chliù seo a tha Fionn agus an
Fhiann fhathast cho ainmeil am measg nan Gaidheal.
© na dealbhan Christine Campbell
& GRD
|