|
Fionnghal NicDhòmhnaill
Tha an aithris seo air a h-ath-sgrìobhadh
bhon aithris a chaidh fhoillseachadh ann an Leabhraichean-leughaidh
Blackie, leis a' Chomunn Ghaidhealach.
Fhad 's a dh'fhàsas flùr
air machair
mairidh cliù na h-ainnir chaoimh.
Ma thèid sibh cuairt gu Inbhir Nis, chì
sibh carragh-cuimhne brèagha air Fionnghal NicDhòmhnaill
air cnoc a' chaisteil anns a' bhaile sin. Tha na facail gu h-àrd
sgrìobhte air.
Tha Fionnghal glè ainmeil ann an eachdraidh
na h-Alba agus seo beagan de na rudan ainmeil a rinn i na beatha.

B' ann à Uibhist a Deas a bha Fionnghal
NicDhòmhnaill. Thàinig i bho dhaoine còire
air an robh meas mòr aig na daoine mun cuairt. Bha i na nighinn
ghlic agus bha a h-uile duine a chunnaic i ag ràdh gun dèanadh
i euchdan mòra na beatha. Bha i càirdeach dha baintighearna
Chloinn Raghnaill agus bha ise glè mheasail air Fionnghal.
Thug i sgoil dhi còmhla ris an teaghlach aice fhèin
agus rinn Fionnghal feum mhath dhen chothrom sin a fhuair i. An
uair a dh'fhàs i suas thug baintighearna MhicDhòmhnaill
nan Eilean (caraid eile dhi) leatha a Dhùn Èideann i agus
bha Fionnghal trì bliadhna anns an sgoil a b' fheàrr
a bh' anns a' bhaile sin.
An dèidh dhan Phrionnsa Teàrlach
Blàr Chùil Lodair a chall, theich e le a bheatha dhan
Eilean Fhada. Bha airgead-cinn mòr air agus bha arm agus
bàtaichean an Rìgh Deòrsa ga lorg air feadh
nan eilean. An uair a chaidh am Prionnsa air tìr anns an
Eilean Fhada, bha muinntir nan eilean a' dèanamh na b' urrainn
dhaibh airson biadh is deoch is fasgadh a thoirt dha. Ach bha eagal
am beatha air na h-eileanaich gun deigheadh a ghlacadh còmhla
riutha agus gun deigheadh an cur gu bàs le òrdugh
an Rìgh.
Is ann anns an t-suidheachadh seo a nochd gaisge
Fhionnghail. Bhruidhinn i ri baintighearna Chloinn Raghnaill agus
thuirt i gun toireadh ise am Prionnsa a-null dhan Eilean Sgitheanach
agus gum biodh e na bu shàbhailte an sin. Fhuair i eathar
agus sgioba math. Thug i deise searbhant Èireannach dhan Phrionnsa
gus am biodh e a' coimhead coltach ri boireannach. Fhuair i cuideachd
litrichean siubhail bho a h-oide, Caiptean Uisdean, airson an sgioba
gu lèir a thoirt a-null thar a' Chuain Sgìth dhan
Eilean Sgitheanach.
Bha an turas duilich agus cha mhòr nach
deach an glacadh uair no dhà. Mu dheireadh, chaidh iad air
tìr aig Cille Bhrìde ann an ciaradh an fheasgair an
ath là. Chaidh am Prionnsa air falach ann an uaimh a bha
faisg orra agus chaidh Fionnghal gu taigh Mhongastobht far an robh
MacDhòmhnaill nan Eilean a' fuireach.
An ath là, thug i fhèin agus bàillidh
MhicDhòmhnaill am Prionnsa gu Cinnseborg far an d' fhuair
e biadh agus deoch gu leòr. Fhuair e deise Ghaidhealach bho
Fhear Chinnseboirg agus chaidh am Prionnsa agus Fionnghal gu Port
Rìgh far an do dhealaich Fionnghal gu bràth ris a'
Phrionnsa dhan do chuir i a beatha ann an uiread de chunnart.
Greis an dèidh sin, chaidh a glacadh le
arm an Rìgh airson a dìlseachd dhan Phrionnsa. Bha
i na prìosanach airson greis ach bha a h-uile duine air a
taobh agus chaidh a leigeil às.
Cha robh fada ann an dèidh
sin nuair a phòs i Ailean MacDhòmhnaill, mac Fear
Chinnseboirg, agus sheòl iad a dh'Ameireagaidh. An dèidh
greis thill iad air ais a dh'Alba agus chuir iad seachad an seann
aois ann an Cinnseborg far an do bhàsaich Fionnghal ann an
1790. Chaidh an lèine-mhairbh aice a dhèanamh às
an t-sìoda a bha air leabaidh a' Phrionnsa nuair a bha e
ann an Cinnseborg agus tha i air a tiodhlaiceadh ann an cladh Chille
Mhoire, far a bheil carragh-cuimhne brèagha air an uaigh
aice.
© na dealbhan Christine Campbell
& GRD
|