GRD > Leabhraichean-leughaidh Blackie > Gilleasbaig Aotrom
Beul-aithris - Leabhraichean

Gilleasbaig Aotrom
Tha an sgeulachd seo air a h-ath-sgrìobhadh bhon sgeulachd a chaidh fhoillseachadh ann an Leabhraichean-leughaidh Blackie, leis a' Chomunn Ghaidhealach.

Bha fear uaireigin anns an Eilean Sgitheanach ris an canadh iad 'Gilleasbaig Aotrom'. Mun àm anns an robh Gilleasbaig beò, thàinig ministear nach robh buileach na Ghaidheal no na Ghall, Maighstir Sutar, do Sgìre Dhiùirinis. Is e sgoilear math a bh' ann an Sutar a bha air iomadh cànan ionnsachadh ach aig an robh droch Ghàidhlig. Cuideachd, bha Gilleasbaig a' faicinn nach robh an caitheamh-beatha a bha aig Sutar freagarrach airson an obair chudromach a bha e a' dèanamh.

Ach air dòigh air choreigin, fhuair Gilleasbaig làmh an uachdair air Sutar. Bha eagal aig Sutar ro Ghilleasbaig. Gheibheadh e a h-uile càil a dh'iarradh e bho Shutar. Ach bha Gilleasbaig uabhasach mì-thaingeil airson gach rud a dhèanadh Sutar dha. Bhiodh e a' càineadh Shutair agus nuair a bhiodh e sgìth dheth thòisicheadh e ri bàrdachd a dhèanamh mu dheidhinn. Ann an aon de na rannan sin, tha Gilleasbaig ag innse dhuinn mu ùrnaigh Shutair:

Nuair a thèid thu don chùbaid
nì thu ùrnaigh bhios gleusta,
bidh cuid dhith na Gàidhlig,
is pàirt dhith na Beurla.
Bidh cuid dhith na h-Eabhra,
na Fraingis, 's na Grèigis,
's a' chuid nach tuig càch dhith
bheir e gàire air Fear Gheusdo.

Aon oidhche ghrànda gheamhraidh nuair a bha Sutar na leabaidh bhlàth eadar aon uair deug agus uair sa mhadainn chuala e gnogadh cruaidh aig an doras. Dh'èirich Sutar agus chuir e a cheann a-mach air uinneag an ruma agus dh'èigh e, "Cò th' ann?"

"Tha mise," fhreagair Gilleasbaig.

"Dè tha thusa ag iarraidh mun àm seo dh'oidhche?" dh'fhaighnich Sutar.

"Dè eile," arsa Gilleasbaig, "a bhiodh a dhìth air duine mun àm seo dh'oidhche ach suipear mhath agus leabaidh mhath às a dèidh."

Bha fios aig Sutar nach robh math dha a dhol an aghaidh Ghilleasbaig agus thàinig air èirigh agus Gilleasbaig a leigeil a-steach.

An dèidh dha Gilleasbaig a shuipear a ghabhail thuirt Sutar ris, "A-nis, thèid thu a-mach agus caidlidh tu air lobhta an stàbaill. Tha leabaidh bhlàth ghlan ann agus bidh tu glè chofhurtail gu madainn."

"Uill," arsa Gilleasbaig, "chan fhaca mise a-riamh an uair a thigeadh caraid a choimhead air duine nach sealladh an duine sin a rum-caidil dha, agus mar sin, b' fheàrr dhut a dhol a-mach agus an t-àite anns a bheil mi a' cadal a shealltainn dhomh."

Thàinig air Sutar falbh a-mach le Gilleasbaig. Bha doras an stàbaill glaiste agus fhuair iad fàradh a chuir iad ris an uinneig.

"Theirig thusa suas." arsa Gilleasbaig ri Sutar. "Thig mi fhìn às do dhèidh."

Ach an uair a fhuair Gilleasbaig Sutar a-steach air an uinneig, thog e am fàradh air falbh agus dh'fhalbh e 's e ag ràdh, "Nis, a Shutair, ma tha an leabaidh cho math 's a tha thu ag ràdh, gabh do leòr dhith gu là. Oidhche mhath leat. Thèid mise a-steach agus gabhaidh mi an leabaidh bhlàth."

Thàinig air Sutar tòiseachadh ag èigheachd gus an do dhùisg e daoine a leig a-mach e.

An ath Dhidòmhnaich, chaidh Gilleasbaig dhan eaglais a dh'èisteachd Shutair. Shuidh e shuas an staidhre ri bile na lobhta far am faiceadh e an coitheanal gu lèir. Thàinig Sutar agus thòisich e air seirbheis an là mar a b' àbhaist. An uair a choimhead Gilleasbaig sìos air a' choitheanal, cò a thachair a bhith na shuidhe dìreach fodha ach bodach mòr fiadhaich a bha na nàmhaid dha Gilleasbaig. An uair a chunnaic Gilleasbaig am bodach, chrath e a cheann agus rinn e gàire ris fhèin.

An uair a sheas an coitheanal aig a' chiad ùrnaigh, thug Gilleasbaig ugh mòr tunnaig a-mach às a phòcaid agus thòisich e ri cuimse air ceann a' bhodaich leis. Mu dheireadh leig e às an t-ugh agus bhris e air ceann maol a' bhodaich. Ma bhris, thòisich am bodach ri trod agus ri èigheachd agus thòisich an coitheanal ri gàireachdainn. Chunnaic Sutar nach robh math an cumail na b' fhaide agus leig e às iad air sgàth Ghilleasbaig.


© na dealbhan Christine Campbell & GRD