GRD > Leabhraichean-leughaidh Blackie > Glaisteag Lianachain
Beul-aithris - Leabhraichean

Glaisteag Lianachain
Tha an sgeulachd seo air a h-ath-sgrìobhadh bhon sgeulachd a chaidh fhoillseachadh ann an Leabhraichean-leughaidh Blackie, leis a' Chomunn Ghaidhealach.

Bha a' Ghlaisteag air aon de na h-iomadh creutair borb anns an robh na Gaidheil a' creidsinn. Bha i letheach eadar an saoghal sìthe is an saoghal daonnda; mar sin bha beagan coltais aice ri sìthiche na gnè. Fhad 's a dheigheadh a cumail dòigheil, bha i gun mhòran croin, ach cha robh e math a thighinn tarsainn oirre 's i fiadhaich.

B' ann dlùth do chaisteal no do sheann làraich bu trice a bhiodh na glaisteagan. Bha cuid dhiubh eadhon a dh'aithnicheadh daoine, ach cha robh, is dòcha, aon idir dhiubh cho ainmeil ri Glaisteag Lianachain am bràigh Loch Abair. B' ann le Clann Ualraig a bha Lianachan fad linntean, agus bha a' Ghlaisteag seo air a h-ainmeachadh orra. Ach cha tug i càil math thuca oir bha e air a ràdh gur ann ri a linn a chaidh seargadh anns an teaghlach chomharraichte sin.

Bha Clann Ualraig nan daoine mòra làidir, is cha robh 'An Gille Dubh Mòr, leis an robh Lianachan aig an àm air a bheilear a' bruidhinn an-dràsta, air dheireadh, mur an robh e air thoiseach, air a' chòrr den teaghlach sin. Bha esan aon oidhche a' dol dhachaigh às a' cheàrdaich le coltair a' chroinn-àraidh, is àm an àitich a' tighinn dlùth. Bha e a' marcachd air àigeach dubh beòthaile, a chlaidheamh stàilinn air a chliathaich, is seann-chrios innleachdach mu mheadhan. Dìreach an uair a bhe e a' dol thar Uisge Churr aig Beulath Chriosg, chunnaic e a' Ghlaisteag roimhe air an àth.

"Fàilte ort, a Ghille Dhuibh Mhòir," ars ise; "an dèanadh cùlag feum dhut?"

"Dhèanadh agus beulag," ars esan, agus an sin fhèin ghabh e grèim oirre, is sa bhad bha i aige na shean-chrios air a bheulaibh air muin an eich. Bhòidich is mhionnaich e an sin, nach leigeadh e às i gus an nochdadh e an làthair dhaoine ri solas là.

Thòisich a-nis a' mhire is an ùpraid. Gheall a' Ghlaisteag gach beartas is gach buaidhe shaoghalta dha, nan leigeadh e às i. Bha iad sin aige mu thràth, thuirt e rithe. Thairg i an sin taigh a thogail dha an làrach nam bonn, 'taigh mòr, daingeann, dìonach, air nach drùidheadh teine, uisge, saighead no iarann'. Ghèill MacUalraig don tairgse seo, is dh'aontaich e a leigeil às.

'S dòcha gur e an gèilleadh seo, is nach b' e na thachair an dèidh làimhe, a thug a-mach binn a' Ghille Dhuibh Mhòir is a theaghlaich. Leig a' Ghlaisteag sgread aiste, mar a tha an duan ag ràdh, 'a chluinnte thar seachd beanntan'. Am prioba na sùla bha a' mhòinteach làn shìthichean, oir tha comas aig a' Ghlaisteag na sìthichean a ghairm gu a cuideachadh.

Agus am briseadh an là, bha an taigh mòr, farsaing, fial, deas glan; bha eadhon teine air fhadadh, is an Gille Dubh Mòr aig a theallach fèin. Bha a' Ghlaisteag a-nis deiseil gu falbh, ach dh'fheumadh i a 'beannachd' fhàgail aige, ach bha esan deiseil air a son.

An uair a chaidh an teine fhadadh, shàth e coltar a chroinn ann, is bha e a-nis dearg. Is e an coltar dearg a bhrùth e an làimh na Glaistig. Leig ise an sin sgread eagalach eile aiste; thug i aon siuthadh air falbh, is cha do stad i gus an robh i air mullach Sgùrr Finisgeig. Thionndaidh i an sin a h-aghaidh air an taigh air an robh crìoch air a chur, is thug i a-mach a' bhinn seo air a' Ghille Dhubh Mhòr is air a theaghlach:

'Fàs mar an luachair, crìonadh mar rainich, liathadh nur leanabain, caochladh an treun bhur neirt.'

Chuir i an sin a-mach trì làn beòil de fhuil a cridhe, is chaidh i às an t-sealladh. Tha trì tomannan luachrach, is iad ruadh air dhath na fala, fhathast rim faicinn air taobh na Sgùrra, ach chan fhacas a' Ghlaisteag riamh na dhèidh sin.


© na dealbhan Christine Campbell & GRD