|
Gleann Lìobhann
Tha an sgeulachd seo air a h-ath-sgrìobhadh
bhon sgeulachd a chaidh fhoillseachadh ann an Leabhraichean-leughaidh
Blackie, leis a' Chomunn Ghaidhealach.
Tha iomadh srath is gleann àlainn anns
a' Ghaidhealtachd, agus tha gach aon dhiubh le eachdraidh is seanchas,
òrain is sgeulachdan, a bhuineas dha fhèin. Cò
nach cuala mu Shrath Nàbhair an Dùthaich MhicAoidh,
mu Shrath Chonainn an Ros, mu Shrath Ghlais is Srath h-Èireann is
Gleann Urchadain ann an siorramachd Inbhir Nis, no mu Ghleann dà
Ruail is Gleann Comhann an Earra-Ghaidheal? Tha na srathan is na
glinn sin air an sgeadachadh le maise nàdair, agus tha iad
làn de eachdraidh agus de chliù nan Gaidheal a bha
a' fuireach annta o chionn fhada. Ach chan eil aon a tha a' toirt
barrachd am maise, am mòralachd, no an cliù a dhaoine,
air Gleann Lìobhann an siorramachd mhòir leathain
Pheairt.
Tha Gleann Lìobhann a' faighinn ainm bhon
abhainn ghlain shoilleir a tha a' ruith troimhe gun mhaille agus,
mar is trice, gun chabhaig. Tha cùrsa rèidh ciùin
aice, ach ann an àite no dhà, gu ruig bun a' ghlinne,
ach an sin tha i air a cuingleachadh eadar bruachan àrda
creagach, agus fad dà mhìle tha i a' goil agus a'
leum agus a' cur nan car dhith ann an amar domhainn, le coilltean
dosrach air gach taobh dheth, gus mu dheireadh tha i a' briseadh
a-mach le aon leum gu còmhnard rèidh Fartairchill.
Chan eil sealladh ann an Alba nas mòralaich na beul na
cuinge seo. Trì no ceithir mìle sìos air a'
chumhang tha an abhainn a' coinneachadh ri Abhainn Tatha aig Sròn
Lìobhann. Tha mu dhà mhìle dheug air fhichead
eadar beul a' chumhaing is ceann uachdrach a' ghlinne.
Chan eil an gleann farsaing an àite sam
bith. Ann an cuid de àiteachan tha coilltean a' còmhdach
a thaobhan, agus tha coille ainmeil aig ìochdar a' ghlinne
ris an canar a' Choille Dhubh. Tha craobh anns a' choille seo a
tha còrr agus dà throigh air fhichead mu timcheall.
Ach beagan sìos air a' chumhang, aig Clachan Fartairchill,
bha craobh iubhair a bha air aon de iongnaidhean na Roinn Eòrpa.
Tha i a-nis air crìonadh, agus chan eil air fhàgail
dhith ach cuid de chochall an rùisg, is meanglan ùra
a' fàs mu na cearcaill, ach an uair a bha i slàn,
bha i còrr agus leth-cheud troigh agus a còig mu timcheall.
Bha i seo na craoibh mhòir fhada mus do ràinig na
Ròmanaich Breatann.
Air taobh deas a' ghlinne, ga eadar-dhealachadh
bho Loch Tatha, tha Beinn Labhair, ceithir mìle troigh air
àirde, agus nas fhaide air adhart tha beinn àrd eile,
Meall Ghaoirdidh, ag èirigh eadar Gleann Lìobhann
agus Gleann Lòchaidh. Air an taobh tuath, tha sreath fhada
de bheanntan eadar Gleann Lìobhann agus Raineach. Gheibhear
an siud 's an seo làirig no bealach a' dol gu taobh Locha
Tatha no gu Gleann Lòchaidh no gu Raineach, agus tha ainm
air leth air gach làirig. Is iomadh allt is sruthan a tha
a' taomadh sìos air gach taobh den ghleann, mar a tha Allt
dà Ghob aig a' cheann as ìsle, a tha a' tighinn thairis
air creagan a tha mu thimcheall còig ceud troigh air àirde.
Fada suas air sin tha Abhainn Chonaid a' tighinn bhon taobh eile.
Tha allt soilleir a' tighinn bho iomall Bheinn Labhair ris an canar
Allt Caor, agus theirear:
Caor is Cadan is Conghlais,
trì uisgeachan na h-Alba.
Tha Cadan a' sruthadh bho Sìdh Chailleann
gu Abhainn Teimheil, agus tha Conghlais a' ruith gu Abhainn Urchaidh.
Is ann air mhìlseachd an uisge tha iad a' faighinn a' chliù
seo. Faisg air bràighe a' ghlinne tha Loch Lìobhann,
dà mhìle ach beagan air fad. Tha an loch seo mìle
troigh is a ceud os cionn na mara, agus ged tha e mu thimcheall
ceud is dà fhichead mìle bhon mhuir, a rèir
mar a ghabhas an t-uisge, tha gu leòr de bhradain ann.
Cha mhòr gu bheil àite far am faighear
barrachd de chuimhneachain air an t-seann aimsir na ann an Gleann
Lìobhann, agus is iomadh sgeul tha air aithris mu dheidhinn.
Nach ann air Dail an Fhraoich, far a bheil an campa Ròmanach,
dlùth ri Drochaid Lìobhann, a rugadh Pilat? Agus nach
eil athair Philait air adhlacadh air an Dail, anns an uaigh ris
an abrar Uaigh an t-Seanaileir? Faoin-sgeul, canaidh neach, ach
a dh'aindeoin faoineas an sgeòil, chan eil e idir mì-choltach
gun do ràinig na Ròmanaich an dearbh àite.
Tha creag àrd faisg air Eaglais Fartairchill,
agus air a mullach tha làrach togalaich glè aosta ris
an can iad an Dùn Geal. Is ann an seo, a rèir beul-aithris,
a bhiodh Fionn mac Cumhail a' fuireach an uair a bhiodh e ann an
Alba. Ach cha b' e an aon chaisteal bha aig Fionn:
Bha dà chaisteal deug aig
Fionn
an Cromghleann dubh nan clach.
Tha làraichean nan caisteal rim faicinn
fhathast. Bha iad nan togalaichean mòra cruinn, de chlachan
mòra air nach do bhuail òrd a-riamh, agus le ballachan
a bha seachd no ma-dh'fhaoidte deich troighean ann an tighead. Cha
robh ach an aon doras orra. Is e 'Caistealan nam Fiann' a chanar
riutha. Feumar aideachadh nach eil dearbh fhios againn cò
na daoine a bha a' fuireach anns na caistealan cruinne sin, ach
tha cinnt againn gun robh daoine a' fuireach annta, oir fhuaireadh
na bràthan agus na h-innealan eile a bhatar a' cleachdadh,
agus làraichean nan teintean no nan teallach air am biodh
iad a' deasachadh an cuid bìdh. Ach chan ann an Gleann Lìobhann
a-mhàin a gheibhear na caistealan: tha iad ram faighinn an
iomadh àite eile ann an Siorramachd Pheairt agus ann an Earra-Ghaidheal.
Bha uair ann nach robh allt am Bràghaid-Albann
gun ùruisg air, agus bha a' chuid fhèin dhiubh aig
Gleann Lìobhann. Bha fear àraidh de na h-ùruisgean
air an robh Peallaidh, agus tha barrachd sgeulachdan ann mu dheidhinn
na gin eile. Bu toigh leis an gleann, agus tha eas air Allt Innein
anns am biodh e a' fuireach ris an canar Eas Pheallaidh gus an là
an-diugh. Chan e sin a-mhàin, ach tha làrach a bhuinn
rim faicinn air mullach a' chreagain ri taobh an rathaid; is e 'Caslorg
Pheallaidh' a chanas muinntir na dùthcha ris an lagan seo.
A rèir beul-aithris, b' ann air a' chreagan seo a bhiodh
an tòiseach, no am britheamh, na shuidhe gus cùisean
a rèiteachadh air an là mòid. Tha ainm eile
a' gleidheadh cuimhne air Peallaidh, agus is e sin Obar-Pheallaidh,
no, mar their na Goill ris, Aberfeldy. Tha e coltach gur e seann
dia-uisge a bha ann am Peallaidh, anns an robh an sluagh a' creidsinn
mus tàinig an creideamh Crìosdaidh.
Anns a' bhliadhna 1368 fhuair Iain Dubh MacDhùghaill
à Latharna còir bhon rìgh air Gleann Lìobhann,
is chithear fhathast làrach-taighe 'Iain Dubh nan Lann'.
Ach b' e pàirt de fhearann Chloinn Ghriogair a bha ann an
Gleann Lìobhann. Mar a thuirt bàrd o chionn fhada,
b' e MacGriogair 'Seabhag dèidgheal nan trì ghleann',
agus le sin tha e a' ciallachadh Gleann Lìobhann is Gleann
Urchaidh is Gleann Sreithe. Bhiodh Griogarach uasal a' còmhnaidh
ann an Ruadh-shruth, àite brèagha farsaing aig ceann
ìseal a' ghlinne, far a bheil tuathanas mòr an-diugh,
agus a chionn gum b' e MacGriogair 'Tòiseach (no ceann-feadhna)
Ghlinne Lìobhann' theirear 'an Tòiseachd' ris a' cheann
seo den ghleann.Tha òran ainmeil a tha tòiseachadh
mar seo:
Tha mulad, tha mulad,
tha mulad gam lìonadh,
tha mulad bochd truagh orm
nach fhaod mi chaoidh dìreadh,
mu MhacGriogair à Ruadhshruth
dam bu dual bhith an Gleann Lìobhann;
mu MhacGriogair nam bratach,
dam bu tartarach pìoba.
Rinneadh an t-òran seo mun àm anns
an do chuireadh Clann Ghriogair fo choill agus an tòir orra.
Bha iad an èiginn mhòir agus an cruaidh chàs,
agus peanas ga bhagar air duine sam bith a bheireadh biadh no fasgadh
dhaibh. Is i a' chomhairle a tha am bàrd a' toirt orra:
Dèan do leabaidh sna creagaibh,
is na dèan cadal ach aotrom;
Ge h-ainneamh an fheòrag,
gheibhear seòl air a faotainn;
Ge h-uasal an seabhag,
is tric a ghlacar le feall i.
Tha e air aithris gun robh fear de Chloinn Ghriogair
air an tòir cho teann air gum b' èiginn dha leum thairis
air an abhainn far a bheil i a' ruith gu domhainn eadar dà
chreig, agus canar 'Leum a' Ghriogaraich' ris an àite seo.
An dèidh nan Griogarach fhuair na Caimbeulaich
còir air a' ghleann. Anns an t-siathamh linn deug bha Caimbeulach
cliùiteach an Gleann Lìobhann, ris an canadh iad Donnchadh
Ruadh. Thog e caisteal dha fhèin air bruach bòidheach
an cois na h-aibhne, agus bha e cho aoigheil ri gach neach gur e
a chanar ris 'Donnchadh Ruadh na Fèile'. Tha cuid mhath den
chaisteal na seasamh fhathast. Aon uair, thàinig Èireannach
a choimhead air Donnchadh Ruadh. Ghabhadh ris gu math; fhuair e
duais a bhàrdachd, agus nuair a bha e air biadh agus deoch
fhaighinn leig e beannachd leis an duine uasal. Aig an àm
seo, mar a bha e na chleachdadh, rinn e rann an comain aoigheachd,
agus is i an rann a rinn an duine crosta:
Mas tu Donnchadh Ruadh na
Fèile,
is fada bheir mi fhìn do chliù:
an àm tionndaidh ar dà chùl ra chèile,
is mise tha gun lèine, is cha tù.
Chuir Donnchadh dheth a lèine, agus
thug e dha i. An sin thuirt am bàrd:
Molar O' Nèill ann a theach,
is gach aon neach na ionad fhèin;
ach cha choimeasar den t-sluagh
ri Donnchadh Ruadh ach e fhèin.
Bha mac aig Donnchadh Ruadh air an robh Cailean
Gòrach. Thog esan tùr dha fhèin aig Migearnaidh,
àite a tha mu mheadhan a' ghlinne. Ra linn-san thog na h-Abraich
creach à Gleann Lìobhann, ach ma thog, chroch Cailean
sia deug thar fhichead dhiubh aig Lean nan Abrach, agus thiodhlaic
e Dùghall, an ceannard aca, aig Càrn Dhùghaill.
Chaidh iomadh creach a thogail à Gleann
Lìobhann, ach mar bu trice bha Lìobhannaich a' leantainn
na ruaige, agus a' toirt air ais na creiche. Dh'fheuch Siosalaich
Srath Ghlais ri creach a thogail às a' Ghleann ri àm
Iain Dubh nan Lann, ach chuir saighead o bhogha a' Ghreusaich Riabhaich
às don t-Siosalach aig a' chloich a tha fhathast air a h-ainmeachadh
air.
Tha iomadh nì eile dh'fhaodte innse mu
Ghleann Lìobhann agus mu na daoine a bha a' fuireach ann,
ach foghnadh na thuirt sinn. Tha an gleann air àiteachadh
fhathast bho a bhun gu a bhràighe, ach chan eil duine an-diugh
an àite fichead (agus barrachd air fichead) a bha ann aon
uair.
© na dealbhan Christine Campbell & GRD
|