|
I Choluim Chille
Tha an aithris seo air a h-ath-sgrìobhadh
bhon aithris a chaidh fhoillseachadh ann an Leabhraichean-leughaidh
Blackie, leis a' Chomunn Ghaidhealach.
Tha
an t-eilean ris an canar I Choluim Chille na laighe sa chuan an
iar air an Rois Mhuilich. Tha mu thrì chairteal a mhìle
de leud anns a' chaolas a tha eadar an dà àite. B'
e Colum Cille a rinn an t-eilean beag uaine seo cho ainmeil ann
an eachdraidh an t-saoghail. Tha sgeulachd ann gun robh dà
easbaig air an eilean an uair a ràinig Colum Cille agus gun
tàinig iad a dhèanamh ùmhlachd dha. Ach dh'innis
Dia do Cholum Cille nach b' e clèirich cheart a bh' annta
agus an uair a dh'innis Colum Cille seo dhaibh, dh'fhàg iad
an t-eilean aige fhèin. Tha feadhainn a' smaoineachadh gur
e Draoidhean a bh' anns na daoine sin.
Thàinig Colum Cille à Èirinn a-nall
a dh'Alba ann an 563. Rinn e a dhachaigh ann an Eilean Idhe, agus cha
do thill e gu Èirinn ach uair no dhà fad a bheatha. Bhàsaich
e ann an Eilean Idhe ann an 597. Thog e eaglais an sin agus shearmonaich
e soisgeul Chrìosda do mhuinntir an àite. B' e Gaidheal
(Ceilteach) a bh' ann an Colum Cille agus bha a' mheur den eaglais
Chrìosdaidh a chuir e air bhonn ann an Eilean Idhe Ceilteach
cuideachd. An dèidh ùine dh'fhàs an eaglais
seo gu bhith na prìomh eaglais ann an Alba.
Dh'fhàs an t-eilean gu bhith na àite
ainmeil airson foghlam cuideachd. Bha daoine òga a' tighinn
ann às a h-uile ceàrnaidh den dùthaich airson
an teagasg. Bhiodh teachdairean a' dol a-mach às a theagaisg
nan daoine air feadh Alba agus ceann a tuath Shasainn, agus fiù
's gu tìr-mòr na Roinn Eòrpa.
An uair a thàinig dòigh-cràbhaidh
ùr a-steach don rìoghachd seo, agus a dh'fhàs
e làidir le cuideachadh bho rìghrean is cùirtean
na h-Alba, chùm Eilean Idhe air mar cheann-ionad na h-eaglaise
mar a bha e fon dòigh-Cheilteach. Thathas a' smaoineachadh
gun deach seo a dhèanamh on bhathas a' smaoineachadh gum
biodh e na b' fhasa na daoine a thionndadh chun an dòigh
ùr air sgàth agus cho measail 's a bha iad air Eilean
Idhe.
Chùm an eaglais ùr cliù an
eilein suas. Chaidh togalaichean mòra a thogail ann; agus
tha na ballachan briste sin a' cur iongnadh air luchd-turais an
là an-diugh. Chaidh leabharlann a chur ann anns an robh cruinneachadh
luachmhor de leabhraichean. Thathas ag ràdh gun deach eaglais
Eilean Idhe, agus na taighean air an eilean a losgadh seachd tursan
le na Lochlannaich agus gun deach na leabhraichean urramach a chall,
dìreach mar a chaidh na leabhraichean luachmhor ann an leabharlann
ainmeil Louvain anns an linn a chaidh seachad.
Ann an 806, rinn na Lochlannaich lèir-sgrios
air Eilean Idhe agus chaidh dà fhichead 's a h-ochd manach a
mharbhadh, no trì fichead 's a h-ochd a rèir eachdraidh
eile. Bha an t-eilean ainmeil cuideachd aig an àm ud airson
snaidheadaireachd, agus tha an obair-làimhe aca na h-eisimpleir
do shnaidheadairean an là an-diugh. Bha còrr agus
trì cheud crois nan seasamh ann aig aon àm mar chuimhneachain
air daoine agus boireannaich urramach.
Ach aig àm an ath-leasachaidh san eaglais,
chaidh am milleadh le luchd-leantainn a' chreideimh ùir a
bha an aghaidh samhlaidhean an t-seann chreideimh. Cha deach fhàgail
ach a dhà dhiubh.
Aig aon uair, bha I Choluim Chille mar a tha Eaglais
an Iar-mhainisteir ann an Lunnainn an-diugh. B' àbhaist do
dhaoine urramach a bhith air an tiodhlacadh ann. Bha rìghrean
agus cinn-feadhna air an tiodhlacadh ann. Chithear fhathast 'Iomaire
nan rìgh' agus 'Iomaire nan ceann-feadhna' ann an Rèilig
Òdhrain. Tha dà fhichead 's a h-ochd rìgh Albannach,
ceithir rìghrean Èireannach agus ochd rìghrean Lochlannach
cuide ri iomadh ceann-feadhna Gaidhealach air an tiodhlacadh ann.
A rèir beul-aithris b' e teaghlach Ghlinne Garadh a rinn
an tiodhlacadh mu dheireadh ann an Rèilig Òdhrain.
Tha Eilean Idhe mu thrì mìle air fhad
agus mu dhà air leud. Tha e na laighe tarsainn air Sròn
an Rois Mhuilich agus tha e mar ghàrradh dìon air
an àite seo bho thonnan mòra a' Chuain Shiair. Bha
mu chòig ceud neach a' fuireach ann aig aon àm. Tha
an t-eilean uabhasach torrach agus tha an talamh gainmhich air leth
math airson feur, eòrna agus buntàta.
Ged is e caolas cumhang a tha eadar Eilean Idhe agus
an Ros Mhuileach, chan e an aon seòrsa talmhainn a th' anns
an dà àite. Tha talamh Eilean Idhe de ghainmheach le
machraichean còmhnard le feur agus dìtheanan. 'S e
mòinteach a th' anns an Ros Mhuileach agus tha e air a chòmhdach
le fraoch. 'S ann de chlach-ghràine dhearg a tha creagan
an Rois agus 's ann de chlach-sglèataich shleamhainn dhubh
a tha creagan Eilean Idhe le marmor geal ann an àiteachan.
Le sin, tha creag-eòlaichean ag ràdh
gu bheil Eilean Idhe milleanan de bhliadhnachan nas sine na an Ros
Mhuileach, no tha am beachd eile ann gun chruadhaich a' chreag às
a bheil e air a dhèanamh milleanan de bhliadhnachan mus tàinig
creagan an Rois Mhuilich gu uachdar na talmhainn.
© na dealbhan Christine Campbell
& GRD
|