GRD > Leabhraichean-leughaidh Blackie > Loch Ma-ruibhe
Beul-aithris - Leabhraichean

Loch Ma-ruibhe
Tha an sgeulachd seo air a h-ath-sgrìobhadh bhon sgeulachd a chaidh fhoillseachadh ann an Leabhraichean-leughaidh Blackie, leis a' Chomunn Ghaidhealach.

Thuirt iomadh fear-siubhail nach fhacas sealladh bu bhòidhche na Loch Ma-ruibhe aig dol fodha na grèine air feasgar ciùin samhraidh. Chì thu uachdar a' deàrrsadh le gathan solais an siud, bannan dorcha an seo, callaid bheann air a thaobh tuath, agus faileas nam beann a' snàmh eadar dà-lionn. Chì thu coille dhosrach an trusgan samhraidh a' còmhdach ìochdar nam monaidhean le brat dubh-ghorm deagh-fhàile. Chì thu eileanan bòidheach le doireachan duilleagach a' roinn an uisge na chaoil fhasgach is na linneachan fosgailte.

Tha ainm an locha na chuimhneachan air diadhair nach eil fada air deireadh, am barail nan Gaidheal, air Colum Cille fhèin. Ma tha I cliùiteach an Earra-Ghaidheal, tha Eilean Ma-ruibhe iomraitech an iar-thuath na Gaidhealtachd. Thàinig Maol-rubha à Èirinn mu AC 670, mar a rinn Colum Cille roimhe, agus an dèidh dhà no trì bhliadhnachan, thàinig e don Chomraich agus chuir e air bonn eaglais an sin. B' e Apur-crossan seann ainm an àite seo. A-null agus a-nall ghluais Maol-rubha a' searmonachadh do na Gaidheil is do na Cruithnich. Bha eaglaisean aige ann an iomadh àite bho Na Hearadh gu Ìle, agus ann an Ros agus Cataibh.

Bha eaglais aig Maol-rubha air eilean anns an loch a tha air ainmeachadh air, agus air Eilean Ma-ruibhe tha Tobar Ma-ruibhe. Bha uisge beannaichte anns an tobar a bha comasach air a chiall a thoirt air ais do neach a chaill i. Ach gu mì-shealbhach chuir cìobair cù air an robh an cuthach anns an tobar, agus ged a leighiseadh an cù, thiormaich an tobar leis an tàmailt a chaidh a chur oirre.

Ri taobh na tobrach, tha craobh air am biodh euslaintich a' crochadh luideag, no anns am biodh iad a' sparradh bhonn-airgid no tharrang, an uair a bhiodh iad a' guidhe airson leigheas. Bha daoine a' creidsinn nam feuchadh duine ri bonn no brèid a ghoid gun gabhadh an spùinneadair an tinneas a bha air an neach a chuir ann e, agus cha robh leigheas ann dhàsan.

Tha Prionnsa Lochlannach agus a bhean air an adhlacadh air Eilean Ma-ruibhe. Thug am prionnsa bean òg dhachaigh gu caisteal a thog e ri taobh seann-eaglais Mhaol-rubha agus chuir iad seachad geamhradh sona. Ach an uair a thàinig toiseach an t-samhraidh, dh'fhalbh an laoch a shiubhal nan cuan na luing, agus rinn e fhèin agus a bhean còrdadh an uair a thilleadh e gun cuireadh iad suas bratach gheal, ma bha gach gnothach gu math, ach tè dhubh ma bha dad ceàrr.

An uair a chunnaic a' bhana-phrionnsa bìrlinn a fir a' tighinn air broilleach soilleir Loch Ma-ruibhe, thàinig na cridhe dearbhadh a chur air dìlseachd a' phrionnsa. Chaidh i air bòrd eathair, agus chuireadh bratach dhubh ri crann, agus a' bhana-phrionnsa sìnte an riochd mairbh an deireadh a' bhàta. An uair a chunnaic am prionnsa seo, leig e glaodh eagalach às, agus shàth e a bhiodag na chridhe. Dh'èirich a bhean, agus, le cridhe briste, tharraing i a' bhiodag fhuilteach à broilleach a fir, agus le aon sàthadh mharbh i i fhèin.

Anns na linntean a dh'fhalbh, bha iarann air oibreachadh mu thimcheall Loch Ma-ruibhe. Tha cuid a' cumail a-mach gur ann an seo a bha a' chuid mhòr de obair-iarainn Alba air a dèanamh aig aon àm. Bha teallach mhòr aig an Fhasadh, a bha a' còmhdach acairean fearainn, agus tha an t-ainm Cladh nan Sasannach, faisg air làimh, a' toirt òirnn a chreidsinn gun robh Sasannaich ag obair air an iarann.

Bha an teallach air a bheil a' chiad iomradh againn an eachdraidh ar dùthcha aig Leitir Iùbh. Rinneadh gunnachan mòra ann an 1668 anns a' Cheàrdaich Ruaidh faisg air Abhainn Iùbh (Poll-iùbh). B' iad siud na h-oibrichean mòra, ach tha e coltach gun robh feadhainn eile anns an dùthaich cuideachd.

Tha Loch Ma-ruibhe dà mhìle dheug air fad, agus bho leth-mhìle gu dà mhìle air leud. Tha uachdar deich troighean fichead os cionn uachdar na mara, agus tha ceithir cheud troigh de dhoimhne ann an àitean dheth. Tha àireamh mhòr eilean san loch, ach is ann beag a tha mòran dhiubh, agus tha Eilean Ma-ruibhe air aon den fheadhainn as lugha, ach tarraingidh a mhaise an t-sùil mar thàlaidheas a chliù am mac-meanmna.

Chaidh iomadh dealbh is òran a dhèanamh air Loch Ma-ruibhe, agus mar a thuirt Eòghann MacColla mu Loch Dubhthaich -

'Nam bu bhàrd a rèir mo dhùrachd mise an-diugh, gu fonnmhor sàr-ghrinn, fhìor loch àlainn, thogainn cliù ort.'


© na dealbhan Christine Campbell & GRD