|
An Naomh Brianainn
Tha an aithris seo air a h-ath-sgrìobhadh
bhon aithris a chaidh fhoillseachadh ann an Leabhraichean-leughaidh
Blackie, leis a' Chomunn Ghaidhealach.
Tha fios aig gach neach gur e Pàdraig a
thug an creideamh Crìosdaidh an toiseach gu Èirinn, agus
gur ann à Èirinn a sgaoil an creideamh gu taobh tuath agus
taobh siar na h-Alba. Thàinig Pàdraig gu Èirinn a
shearmonachadh an t-soisgeil anns a' bhliadhna 432 A.C., agus chaochail
e mu thimcheall na bliadhna 460A.D.
Mu dhà bhliadhna thar fhichead an dèidh
bàs Phàdraig, rugadh am Mumhainn, air taobh iar-dheas
na h-Èireann, leanabh air an tugadh an t-ainm Brènaind, no,
mar a chanas sinne an-diugh, Brianainn. B' e Findlug ainm athar,
is e sin Fionnlagh a-nis. 'S e duine uasal inbheach anns an dùthaich
sin a bh' ann. Tha e air aithris anns na seann sgeulachdan gum facas
comharraidhean iongantach mus do rugadh an leanabh, agus gur e a
thuirt na daoine glice, a chunnaic agus a chuala iad, gum fàsadh
an leanabh ud na dhuine ainmeil urramach, agus gur e diadhair mòr
a bhiodh ann.

Bha an leanabh beag an taigh athar agus a mhàthar
airson bliadhna, agus an uair sin, mar bu ghnàth le na
Gaidheil, chaidh a chur air dhaltachas gu muinntir eile. Ghabh am
boireannach cràbhach diadhaidh sin dom b' ainm Ide, mòran
cùraim dheth. Bha i seo na caillich dhuibh bho a h-òige,
is mòran nigheanan ga tadhal airson ealainean agus deagh
bheusan ionnsachadh. Dh'fhan an gille aicese còig bliadhna
air altram is e air oileanachadh anns gach deagh chleachdadh, agus
bha a' bhuil air fad a bheatha.
An dèidh sin chaidh e gu easbaig àraidh
dom b' ainm Eirc airson leughadh agus foghlam ionnsachadh. Is e
leabhar nan salm a' chiad leabhar a bh' aige. A rèir nan
sgeul, 'bu fada le Ide a bhith na eughmhais'. Leugh Brianainn na
sailm, agus an dèidh sin leugh e an Seann Tiomnadh agus an
Tiomnadh Nuadh, gus an robh e coileanta annta. Tha e coltach nach
b' ann anns a' Ghàidhlig, ach ann an Laidinn, a bhiodh e gan
leughadh. Bha e a-nis mu dhà bhliadhna deug, agus dh'iarr
e cead an t-easbaig a dhol gu duine cràbhach eile, a bha
a' fuireach gu tuath anns an dùthaich ris an canar Connachta.
Thugadh a chead dha, shiubhail e gu tuath, agus bha e an sin, a
rèir an t-seann ùghdair, mar sheillean dìcheallach,
a' deoghal gach flùir bu mhìlse na chèile,
agus a' càrnadh suas mil a' ghràidh spioradail is
cèir na h-ùmhlachd.
Nuair a chuir Brianainn crìoch air a chuairt
anns an taobh tuath, thill e gu easbaig Eirc, is chaidh sagart a
dhèanamh dheth. An uair sin, tha e air innse gun tàinig
thuige am facal den Sgriobtar a tha ag ràdh, nach eil neach
air bith a dh'fhàg athair, no màthair, no piuthair,
no fearann air sgàth Chrìosd, nach faigh a cheud uiread
san aimsir seo fhèin, agus seilbhichidh e a' bheatha mhaireannach.
An oidhche sin na chadal, shaoil leis gun cuala e guth a thuirt
ris, "Èirich, oir thug Dia dhut an nì a tha thu ag iarraidh,
Tìr Tairngire", is e sin, 'Tìr a' Gheallaidh'.
An uair sin dheasaich Brianainn long, agus thagh e ceithir companaich
dheug - no, a rèir sgeòil eile, is e bha ann trì
longan agus trì sreathan de ràimh is deich thar fhichead
fear anns gach luing.
Ghabh iad a-mach gu muir, a' dèanamh gus
an iar-dheas, agus b' e sin toiseach an iomraim ainmeil ris an canar
'Iomram Bhrianainn'. Bha iad a' seòladh air a' chuan mhòr
fad seachd bliadhna, a' dol bho thìr gu tìr is bho
eilean gu eilean. Is iomadh iongnadh a chunnaic iad, agus is iomadh
cunnart agus gàbhadh tron deach iad, gus an do ràinig
iad mu dheireadh Tìr a' Gheallaidh.
An sin chuala iad guth seann duine àraidh,
"A dhaoine làn-shaothaireach, a eilthirich naomha, thigibh
agus cuiribh dhiubh beagan de bhur sgìos an seo." Chaidh
iad air tìr, is chuir an seann duine fàilte orra.
B' i sin an tìr àlainn, air nach do dhòrtadh
fuil duine riamh, agus nach còir duine peacach adhlacadh
innte.
"Feuchaibh," ars an seann duine, "magha
mìne taitneach na tìre-se." "Àite,"
ars esan, "far am faighear slàinte gun ghalar, aoibhneas
gun iorghail, solas gun dhorchadas; àite gun dhubhachas,
gun ainneart, gun pheacadh. Àite far am faicear aghaidhean nam fìrean,
àite far an tadhail na h-ainglean o nèamh; àite
sèimh, saor, suthain; àite naomh, neo-thruaillidh.
Is i seo Tìr a' Gheallaidh."
Dh'fhan iad anns an tìr aoibhinn seo dà
fhichead là agus dà fhichead oidhche, ag ithe measan
nan craobh agus ag òl uisge à fuarain mhilis. Thachair
iad air abhainn mhòr a bha a' roinn an eilein na dhà,
is cha b' urrainn dhaibh a dhol thairis oirre. Tha e coltach gum
b' i an abhainn seo abhainn a' bhàis, agus nach robh an uair
fhathast air tighinn. An sin choinnich duine òg riutha; bheannaich
e ainm an Tighearna dhaibh, is thug e pòg do gach fear dhiubh.
"A-nis," ars an duine òg, "tillidh sibh gu
bhur taigh fhèin, agus bheir sibh leibh de thoradh na tìre
seo, agus de a clachaibh luachmhor, uiread is a ghabhas bhur long."
Rinn iad sin; chaidh iad air bòrd; sgaoil
iad na siùil, thriall iad, agus mu dheireadh ràinig
iad Èirinn. Sin agaibh bloigh bheag de sgeul 'Iomram Bhrianainn'.
Chaidh an sgeul seo a sgaoileadh air feadh na Roinn Eòrpa,
agus cha mhòr cànan anns nach faighear i. Chaidh mòran
a sgrìobhadh mu dhèidhinn le daoine foghlaimte, mar
a chaidh sgrìobhadh mu 'Artair is am Bòrd Cruinn',
agus mu 'Thòrachd na Cailis Naoimhe'. Chan eil fios againn
le cinnt dè cho fìor agus a tha iad uile, ach faodar
a chreidsinn gu cinnteach gun do rinn Brianainn astar cuain gu tìrean
cèine, mar a rinn iomadh fear de na seann naoimh Ghaidhealach
na dhèidh. Tha fhios againn gum bu mhath leotha a bhith a'
dèanamh a leithid sin, a' sireadh àitean iomallach,
is gu h-àraidh eileanan beaga, anns an dèanadh iad
còmhnaidh airson greis, ri adhradh do Dhia anns na h-àiteachan
uaigneach sin, gun duine a' tighinn nan còir. Is ann air
a leithid sin de thursan a bhiodh cuid dhiubh a' dol gu Arcaibh
agus gu Sealtainn, agus chan e a-mhàin sin ach gu Innis Tìle.
Tha e air aithris gun deach Brianainn an dèidh
sin gu Breatainn mu Dheas, a thadhal air na naoimh Bhreatannach,
agus gun d' fhuair e fàilte is urram uapa. Rinn e tàmh
air taobh siar Alba, is shuidhich e dà mhanachainn, tè
dhiubh an Tiriodh, agus an dara tè air eilean eile. Tha Adhamhnan
uasal, a sgrìobh eachdraidh Choluim Chille, ag innse dhuinn
gun do choinnich Brianainn agus triùir ainmeil eile ri Colum
Cille air eilean àraidh, agus gun do ghabh iad Suipear an
Tighearna le chèile an sin, agus gum b' e Colum Cille a chuireadh
air leth a fhrithealadh na Suipeire dhaibh.
Shuidhich e manachainn mhòr an Èirinn,
ris an abrar Cluain Fearta, agus air sgàth sin canar 'Brianainn
Chluain Fearta' ris glè thric. Chaochail an duine ainmeil
seo anns a' bhliadhna 577 A.C. Is ann às a dhèidh
a dh'ainmichear sgìre Chille Bhrianainn an Earra-Ghaidheal,
agus bha a leithid de urram air aig muinntir Bhòid gur e
'na Brianannaich' a chanar riutha o chionn fhada.
Chan eil fhios againn càite ann an Tiriodh
anns an do thogadh a' mhanachainn, ach tha na seann sgrìobhaidhean
ag innse gur ann an àite dom b' ainm 'Ailech' a bha an tèile
air a suidheachadh. Is e a' chiall a th' aig ail anns an t-seann
Ghàidhlig 'carraig': b' e Ail Cluade an seann ainm a bha
air Dùn Breatainn, 's e sin 'Carraig Chluaidhe'. Tha 'aileach'
no 'eil-each' a' ciallachadh àite creagach; canaidh sinn
an-diugh 'eileach' ri amar muilinn, is cò nach cuala cath-ghairm
nan Granndach, "Seas buan, a Chreag-eileachaidh!" gairm
a bheireadh nan cuimhne a' chreag mhòr àrd a tha faisg
air an Aghaidh Mhòr, nan dùthaich fhèin. Gheibhear
'aileach' no 'eileach' gu cumanta an ainmean-àite air a'
Ghaidhealtachd.
Ach tha aon àite sònraichte anns
a' Chuan Shiar ris an canar 'na h-Eileacha Naomha', agus is ann
an sin gun amharas a shuidhich Brianainn a mhanachainn. Tha na h-Eileacha
Naomha air aon de cheithir eileanan beaga creagach ri taobh ear-dheas
Mhuile, mar a ghabhas bàta às an Òban gu Eilean Cholbhasa,
mu letheach slighe eadar an dà àite, agus fa chomhair
Chill Bhrianainn air tìr-mòr. Tha na ceithir eileanan
a' sìneadh nan sreath, mu cheithir mìle air fad, bhon
iar-dheas gus an ear-thuath, agus chan eil a h-aon dhiubh nas motha
na leth mhìle air leud, is iad uile creagach, gu h-àraidh
air an taobh shiar. Is gann gum bi duine idir a' còmhnaidh
orra, ach bidh caoraich is crodh ag ionaltradh annta.
Tha làrach seann dùin air an eilean
bheag as fhaide ri tuath, ris an canar Dùn Chonaill. Thatar
ag ràdh gur e a bha a' fuireach anns an dùn seo, Conall
Ceàrnach, sàr fhear de churaidhean Ulaidh anns an t-seann
aimsir. Bha Conall beò ri linn Chuchullain, is tha iomadh
sgeul ag aithris air a ghaisge is air a thapachd. A rèir
nan sgeul sin, bha e eòlach air taobh siar Alba. Tha aon
de na sgeulachdan ag innse gum biodh 'Conall cruaidh cosgrach cath-bhuadhach
claidheamh-dhearg a' togail a chìs is a chàine an
crìochaibh Leòdhais, an innsibh Chat, agus an innsibh
Orc', no mar a their sinn an-diugh, ann an Sealtainn agus ann an
Arcaibh. Chan iongnadh mar sin ged a theirte Dùn Chonaill
ris an dùn seo.
Is e an ath eilean as motha dhiubh uile, agus
a chionn 's gu bheil e cho creagach fiadhaich, theirear an Garbh-eileach
ris. Eadar an Garbh-eileach agus an t-eilean as fhaide ri deas dhiubh,
tha eilean beag, mu leth mhìle air fad ris an canar Cùil
Bhrianainn, glè choltach a chionn gum biodh Brianainn a'
tadhal ann an uair bu mhiann leis bhith na aonar. Tha an t-eilean
ìseal, ach tha cnoc beag ann, ceud gu leth troigh air àirde,
far am biodh e ma dh'fhaoidte gu tric na shuidhe, mar a bhiodh Colum
Cille air Cnoc nan Aingeal an I, a' sealltainn a-mach air an fhairge
agus a' beachdachadh air obair iongantach a' Chruitheir.
Aig ceann iar-dheas an t-sreatha, mar a thuirt
sinn, tha na h-Eileacha Naomha, beagan is mìle air fad agus
mu chairteal na mìle air leud. Faodar a thuigsinn bhon ainm
a thug an sluagh air an eilean seo gun robh e air leth urramach
aca, agus cha b' ann gun adhbhar, oir bha eaglais ann mus tàinig
Colum Cille gu Alba.
Tha cala beag air an taobh an ear, far am faod
bàta thighinn gu tìr. An cois na mara chithear dà
bhothan cloiche air chumadh cruinn, an dara fear ceithir troighean
deug troimhe san taobh a-staigh, agus am fear eile beagan nas lugha.
Tha iad air an suidheachadh ri taobh a chèile, is an aon
bhalla eatarra, agus tha doras anns a' bhalla bho aon bhothan chun
a' bhothain eile. Tha am mullach aca a' tighinn a steach gu cruinn
corrach, coltach ri sgeap, agus cha robh crèadh no aol air
a chleachdadh sa chlachaireachd. Tha doras orra le chèile
gun aon uinneig orra.
Tha an aon seòrsa ri na bothain seo rim
fhaighinn an Èirinn. Bha an leithid an sin mus tàinig an
creideamh Crìosdaidh, agus lean na seann naoimh ris an aon
dòigh aitreibh a bha aig an sinnsir. Faodaidh e bhith, mar
sin, gur iad seo na bothain - no, mar a chanar riutha, na clochain
- anns an robh Brianainn, no a mhuinntir, a' còmhnaidh. Air
beulaibh nam bothan tha creag a' seasamh na h-aonar, ris an can
an sluagh a' chrannag, no a' chùbaid.
An uair a thèid sinn a-steach beagan don
eilean, gheibhear gleannan bòidheach uaine, cho tosdach sàmhach
agus ged a bhiodh an cuan mìltean de astar air falbh. Chithear
an seo seann eaglais de sglèat air an cur ri chèile
gu h-ealanta; tha i mu chòig troighean fichead air fad, ach
ged a tha na ballachan nan seasamh, dh'fhalbh am mullach. Air cho
sean agus a tha an eaglais seo, chan eil i idir cho sean ris na
bothain chloiche. Tha làraichean eile faisg air an eaglais
nach leigear a leas ainmeachadh an seo, agus tha àite adhlacaidh
faisg oirre air a bheil coltas glè aosta agus a chaidh a
cleachdadh o chionn fada.
A rèir gach coltais is ann sa ghleann seo
a bha an t-seann eaglais air a suidheachadh, ged nach eil cinnt
againn gum mair dad de na seann làraichean an-diugh. Is ann
de fhiodh, mar as trice, a bha na taighean agus na h-eaglaisean
air an togail aig an àm ud, agus air sgàth sin chan
eil mòran chomharraidhean air fhàgail dhiubh a-nis
an àite sam bith.
Tha tobar faisg air na bothain chloiche ris an
canar Tobar Choluim Chille, agus tha e air a ràdh gun robh
beul-aithris am measg an t-sluaigh gun robh màthair Choluim
Chille air a h-adhlacadh anns an t-seann chladh a dh'ainmich sinn
- nì nach gabh a chreidsinn. Ach tha e glè choltach
gum biodh Colum Cille a' tadhal anns na h-Eileacha Naomha, agus
tha cuid den bheachd gun do shuidhich e manachainn ùr air
an eilean an dèidh do Bhrianainn an t-eilean fhàgail.
Shuidhich e iomadh manachainn, ach cha b' àbhaist
dha àite beag cumhang mar sin a thaghadh, ach àite
far am biodh cothrom aig an t-sluagh air gach seòrsa obrach
a dhèanamh, agus far am b' urrainn dhaibh fàs nas
lìonmhoire. A dh'aindeoin sin, faodar a chreidsinn nach do
leig Colum Cille, no idir muinntir Idhe na dhèidh, dìochuimhne
air an àite naomh. Bhiodh iad a' tadhal ann uaireannan, agus
bhiodh cuid dhiubh a' tàmh ann mar dhìthreabhaich.
Bha Brianainn agus Colum Cille le chèile
nan daoine a bha làn de ghràs Dhè agus de chumhachd
an Spioraid Naoimh, ach bha am beatha agus an obair tur eadar-dhealaichte.
Bhuineadh Colum Cille do fhreumh rìoghail Èireann agus Alba.
Chleachd e an àrd inbhe sin mar mheadhan airson soisgeul
Chrìosd a sgaoileadh am measg nan cinneach. Ged chuir e cùl
ri ionmhas an t-saoghail, chunnaic e gun robh obair aige ri dhèanamh
anns an t-saoghal; ghabh e cuid is pàirt an gnothaichean
na rìoghachd fad a bheatha; sheas e an cùirtean nan
rìgh gun eagal duine a bhith air, na fhianais air an t-soisgeul.
Air an làimh eile, bu bheag le Brianainn
nithean aimsireil seach cùram anma fhèin is anman
a mhuinntire. Bu mhath leis cùl a thoirt don t-saoghal, is
rinn e sin cho tric agus a b' urrainn dha. Faodar a ràdh
gun do theich e bhon t-saoghal, chan ann air ghealtachd, ach a chionn
gun robh e ga mheas mar neoni. Cha do rinn esan obair mar a rinn
Colum Cille, ach bha a bheatha airson feum agus cliù na h-eaglaise,
agus is còir ainm a chuimhneachadh le urram.
© na dealbhan Christine Campbell
& GRD
|