|
Na Ròmanaich ann am Breatainn
Tha an sgeulachd seo air a h-ath-sgrìobhadh
bhon sgeulachd a chaidh fhoillseachadh ann an Leabhraichean-leughaidh
Blackie, leis a' Chomunn Ghaidhealach.
Is ann bho na Ròmanaich a tha sinn a' faighinn
a' chiad iomradh ann an leabhraichean air ar dùthaich fhèin.
Mu leth-cheud bliadhna ro bhreith Chrìosd bha na daoine seo
glè chumhachdach, agus bha a' chuid mhòr den t-saoghal
fo smachd aca. Air taobh an iar na Roinn Eòrpa ràinig
agus cheannsaich iad Gallaibh (Gallia), no an dùthaich ris
an can sinn An Fhraing an-diugh. Bha muinntir na dùthcha
seo an èiginn cho mòr agus gun do chuir iad fios gu
an luchd-cinnidh ann am Breatainn a dh'iarraidh cuideachadh an aghaidh
nan nàimhdean làidir a bha gan claoidh cho mòr.
Fhreagair na Breatannaich sa bhad, agus tharraing
seo sùilean nan Ròmanach gu ar n-eilean. Rinn Iulius
Ceasar, saighdear cho ainmeil 's a chunnaic an saoghal riamh, suas
inntinn gun ceannsaicheadh e na Breatannaich a bha a' cur uiread
de dhragh air, oir bha e aig an àm na cheannard air arm na
Ròimhe.
Chruinnich e bàtaichean gus a shaighdearan
a thoirt thar a' chaolais a tha eadar an Fhraing agus Breatainn,
agus thàinig iad air tìr le cruaidh spàirn,
oir bha na Breatannaich nan coinneimh. Air an turas seo cha do dh'fhuirich
Ceasar ach mu thrì seachdainean, ach an uair thàinig
e air ais an ath-bhliadhna cheannsaich e na treubhan an taobh an
ear-dheas an eilein. Thachair seo anns a' bhliadhna 55 ro bhreith
Chrìosd.
Ach cha tug na Ròmanaich oidhirp cheart
air na Breatannaich a chur fo smachd gu timcheall air ceud bliadhna
an dèidh sin. Bha iad air an tarraing, 's dòcha, le
sgeulachdan mu ionmhas mhòr an eilein. Cha robh e furasta
na h-eileanaich a cheannsachadh. Bha iad a' sabaid airson naoi bliadhna
fo Charthach (Caratacus), ceann-feadhna nan Silurach. Ach mu dheireadh
thug na Ròmanaich buaidh, agus theich Carthach gu tuath,
fo sgèith nam Brigantach. Thug Cartismandua, bànrigh
na treubha seo, suas e do nàimhdean, agus chaidh a chur ann
an geimhlean don Ròimh na phrìosanach, ach an sin
choisinn a ghiùlan duineil maitheanas agus saorsa dha.
Anns a' bhliadhna 61 AC, threòraich ceannard
arm na Ròimhe a chuid shaighdearan gu eilean Mhona, ris an
canar Anglesey an-diugh, far an do theich cuid de na Breatannaich.
Is ann an seo a bha na Draoidhean a' fuireach. An uair a bha e air
an turas sin dh'èirich Boudicca an aghaidh nan Ròmanach.
B' ise bànrigh nan Iceni, treubh a bha ag àiteach
na dùthcha an ear-thuath air Lunnainn. Agus bha adhbhar math
aice air sin a dhèanamh, oir nuair a bhàsaich an duine
aice thug na saighdearan Ròmanach bhuaipe gach saoibhreas
a bha aice agus sgiùrs iad i fhèin agus a dithis nighean.
An uair a bha i air arm làidir a chruinneachadh, thug iad
ionnsaigh gun fhios air Camulodunum, aon de bhailtean nan Ròmanach,
agus chuir iad gu bàs mu thrì fichead agus a deich
mìle de an nàimhdean.
Ach cha do mhair an soirbheas sin. Thill na Ròmanaich
gu luath agus ghabh iad dìoghaltas trom air na Breatannaich.
Chuir Boudicca às dhi fhèin, air eagal gun deigheadh
a tarraing tron bhaile an dèidh carbadan nan Ròmanach,
oir b' e seo an cleachdadh. Aon mu seach chaidh na treubhan a cheannsachadh,
agus airson an cumail fo smachd chaidh dùin a thogail air
feadh na dùthcha ris an can sinn Sasainn an-diugh. Chaidh
rathaidean-mòra leathan a dhèanamh eadar na daingnichean
sin, gus am faigheadh na saighdearan gu luath gu àite sam
bith air am biodh na treubhan a' toirt ionnsaigh.
Ach ged a cheannsaich na Ròmanaich ceann
a deas Bhreatainn, cha robh ceann a tuath an eilein fhathast fo
smachd aca. Bha aca ri bhith faiceallach an-còmhnaidh, oir
rinn muinntir na dùthcha sin iomadh ruaig gu deas, a chionn
's gun robh e a' fàs na bu bheartaiche a h-uile bliadhna
fo riaghladh na Ròimhe.
Dh'fhàs na ruaigean agus na creachan sin
na bu trice agus na bu trioblaidiche, agus mu dheireadh anns a'
bhliadhna 78 AC thàinig Agricola, ceannard nan Ròmanach,
le arm gus na treubhan seo a thoirt fo smachd. Is ann bho eachdraidh
an turais seo agus tursan eile a rinn e an dèidh sin a tha
sinn a' faighinn ar ciad eòlais chinntich air an dùthaich
ris an can sinn Alba an-diugh.
Feumaidh sinn cuimhneachadh gun robh ainmean Ceilteach
air a h-uile treubh a bha an Alba aig an àm ud, bho cheann
a tuath Shasainn gu Arcaibh. B' e an t-seann chainnt Bhreatannach
an cànan a bha aca. Feumaidh sinn cuideachd cuimhneachadh
nach robh na daoine seo borb agus aineolach mar tha leabhraichean
eachdraidh na Beurla Shasannaich a cumail a-mach. Bha taighean-còmhnaidh
aca agus bhiodh iad ag àiteach an fhearainn. Bha iad air
leth ealanta an iomadh ceàrd, an obair iarainn, an obair
umha, an obair airgid agus an obair òir. Bha iad ri obair
ghlainne. Bha iad glè mhath air maise agus snas a chur air
an obair sin le caochladh dhealbh grinn, agus le dealtradh gach
datha, gu h-àraidh dath uaine. Tha e coltach nach robh sluagh
air an talamh a b' fheàrr a chuireadh loinn air a leithid
seo de dh'obair. Cha leigear a leas a ràdh gun robh iad ealanta
am fighe agus an obair-ghrèis.
Dhèanadh iad lannan is claidheamhan is
sleaghan agus gach gnè airm eile a bha a dhìth orra.
Bha eich chruidhte aca, agus carbadan cogaidh. Chithear fhathast
an Dùn Èideann cuid de rothan nan carbad, is iad air an cur
ri chèile cho ealanta agus a dhèanadh saor sam bith
an-diugh, le roth iarainn ceangailte mun timcheall. A thuilleadh
air an sin bha iad nan daoine gaisgeil fearail, agus ro-dhèidheil
air saorsa. An uair a chunnaic iad an cunnart a thaobh nan Ròmanach,
rinn iad, mar a chì sinn, co-chòrdadh eatarra fhèin
gus iad fhèin a dhìon bho na nàimhdean treuna
sin.
Thug Agricola dà bhliadhna a' ceannsachadh
nan treubhan a bha deas air Abhainn Chluaidh, agus mus deach e na
b' fhaide gu tuath, thog e sreath dhùn eadar inbhir Abhainn
Chluaidh agus inbhir Abhainn Foirthe. Bha Sruighlea na sheasamh
air an abhainn seo airson an dùthaich a chuir e ri ìompaireachd
na Ròimhe a dhìon.
Trì bliadhna an dèidh sin rinn Acricola
oidhirp shònraichte air na Cruithnich a chur fo smachd. B'
e 'Cruithnich' a chanadh na Gaidheil ri na seann Bhreatannaich.
Ghluais e gu tuath a' cumail ris an taobh sear agus bha a' chabhlach
ag obrachadh còmhla ris an arm-thìre. Chaidh a' chabhlach
timcheall taobh tuath Alba; thadhail iad an Arcaibh, ràinig
iad Sealtainn, agus tha e coltach gun do sheòl iad gu deas
air an taobh an iar gu Abhainn Chluaidh. An sin thill iad air ais
an rathad a thàinig iad. Feumaidh gun robh seo na shealladh
iongantach uabhasach do na Leòdhasaich, na Sgitheanaich agus
na h-eileanaich eile. Is e seo an turas air an d' fhuair na Ròmanaich
fios cinnteach gum b' e eilean a bh' ann am Breatainn.
Choinnich an dà arm aig monadh àraidh
air an robh an t-ainm Laidinn 'Mons Graupius'. Chan eil fios cinnteach
againn càite an robh an t-àite seo, ach tha sinn den
beachd gur ann an siorramachd Pheairt a bha e. Bha treubhan nan
Cruithneach air an cruinneachadh fo Chalgach (Calgacus), ceann-feadhna
a bha na bu ghaisgeile agus na b' uaisle na càch. A rèir
sin feumaidh gun robh teaghlach uasal no rìoghail am measg
nan Cruithneach. A rèir eachdraidh nan Ròmanach bha
deich mìle fichead saighdear aig Calgach, uiread agus a bha
aig a' chiad Rìgh Raibeart aig Blàr Allt a' Bhonnaich,
còrr agus dà cheud deug bliadhna an dèidh sin.
Coimheadaidh sinn ri na dòighean anns an
robh an dà chath coltach ri chèile. B' iad seo an
dà chath bu mhotha a chaidh riamh a chur air fearann Alba,
agus is ann air sgàth saorsa bho choigrich a chaidh na dhà
a chur. Anns a' chiad chath, b' iad Ceiltich na h-Alba gu lèir
a sheas còir an dùthcha; anns an dara cath b' e Gaidheil
is Ceiltich eile a' chuid bu mhotha den arm a rinn spàirn
airson saorsa. A rèir eachdraidh nan Ròmanach chaill
Calgach an cath. 'S dòcha gun do chaill, ach cha deach na
Ròmanaich na b' fhaide air adhart. Is e seo a' chiad chath
a chaidh a chur air fearann Alba air a bheil fios againn.
Thill Agricola gu fasgadh nan dùn a thog
e, agus beagan ùine an dèidh sin shiubhail e don Ròimh
agus cha do thill e air ais. Cho luath agus a dh'fhalbh e, bhrùchd
na Cruithnich tro na dùin don mhachair mu dheas. Mu dhà
fhichead bliadhna an dèidh sin thàinig Ròmanach
mòr eile gu Breatainn - an t-Ìompaire Hadrian. An uair a ràinig
e Breatann a tuath, no Alba, chunnaic e nach cuireadh na dùin
bacadh sam bith air nàimhdean dian. Air sgàth sin
thill e gu deas, agus thog e balla tarsainn air taobh tuath Bhreatainn
a deas, no Shasainn. Ach cha do chuidich seo e, oir bhris na Cruithnich
tron bhalla agus bha iad a' sabaid an aghaidh nam Breatannach a
bha a' còmhnaidh gu sìtheil fo riaghladh nan Ròmanach.
Timcheall air fichead bliadhna eile an dèidh
sin chaidh feachd a chur a ghlacadh na dùthcha cho fada gu
tuath ri dùin Agricola. Rinneadh seo, agus an àite
nan dùn thogadh balla làidir. B' e obair iongantach
a bh' anns a' bhalla seo, agus tha e follaiseach gun robh e am beachd
nan Ròmanach grèim a chumail air Breatainn a tuath.
Tha cuid den bhalla seo na sheasamh gus an là an-diugh, agus
tha e ri fhaicinn eadar Glaschu agus Dùn Èideann. Bha e dà
throigh dheug air àirde agus ceithir troighean deug air leud
aig an stèidh, agus bha bunait cloiche aige. Air an taobh
tuath aige bha clais dhomhainn, agus air an taobh deas bha rathad
mòr leathan, gus an gluaiseadh na saighdearan gu luath gu
àite sam bith air am biodh na nàimhdean a' bagairt.
Aig astar gach dà mhìle, cuideachd, bha dùin
làidir air an togail. Thug na Gaidheil 'Cladh na Muice' mar
ainm air a ' bhalla-dhìon seo.
Ach an ceann beagan bhliadhnaichean chaill na
treubhan an t-uabhas a bha aca roimhe, agus anns a' bhliadhna 208
ghabh an t-Ìompaire Severus os làimh an cur fodha. Gheàrr
e sìos na coilltean agus rinn e rathaidean-mòra agus
drochaidean, agus rinn e a shlighe gu slaodach ach gu cinnteach
cho fada gu tuath ri Cuan Mhoiribh. An sin thill e, agus tha seann
eachdraidh ag innse dhuinn gun do chaill e air an turas barrachd
agus leth de arm. Rinn e ath-thogail air balla Hadrian, agus thug
e thairis a bhith a' feuchainn ri Breatainn a tuath a chur fo smachd.
Bha aig na Ròmanaich mu dheireadh ri Breatainn
a deas fhàgail gus an Ròimh fhèin a dhìon
bho nàimhdean. Dh'fhàg iad an t-eilean mun bhliadhna
410, an dèidh a bhith ann timcheall air trì cheud
bliadhna gu leth. Chan eil teagamh nach do rinn na Ròmanaich
feum mhath do Bhreatainn, gu h-àraidh do Bhreatainn a deas.
An sin, thog iad bailtean eireachdail a tha a' toirt dhuinn eòlas
air an caitheamh-beatha an àm sìthe cho math ri àm
cogaidh. Rinn iad rathaidean-mòra air feadh na tìre.
Thog iad sgoiltean agus dh'ionnsaich iad an cànain fhèin,
an Laideann, do na Breatannaich.
An Alba, air an làimh eile, cha do dh'fhàg
iad ach beagan chomharraidhean gun robh iad a' fuireach an sin.
Bha campaichean aca aig Cathair Mhaothail, Innis Tuathail, agus
Dealgan-ròs, an Siorramachd Pheairt, agus aon cho fada gu
tuath ri siorramachd Obar-Dheathain. Ciamar tha fhios againn gun
robh iad an sin? A chionn 's gun d' fhuaradh bho àm gu àm
clogadan, lannan, agus beartan airm a dh'fhàg iad nan dèidh.
Tha aon nì eile nach fhaod sinn a dhìochuimhneachadh.
Thug na Ròmanaich an creideamh Crìosdaidh do Bhreatainn.
Beagan bhliadhnaichean an dèidh dhaibh an t-eilean fhàgail,
bha an Naomh Pàdraig a' searmonachadh an t-soisgeil an Èirinn.
A rèir seann sgrìobhaiche, rugadh Pàdraig an
Ail Cluade, no mar a chanas sinn an-diugh Dùn Breatainn,
ach chan eil cinnt air sin. Ach faodaidh sinn a chreidsinn gun do
rugadh e an Srath Chluaidh, agus feumaidh gun robh an creideamh
Crìosdaidh an sin na là-san.
Cuimhnichibh, ma-tà, nach robh an sluagh
bhon tàinig sibh lag no aineolach, agus leigibh fhaicinn
don t-saoghal gu bheil an clann mar bha iadsan, fearail agus seasmhach:
Is i an fhuil bha an cuislibh
ar sinnsridh
is an innsgin a bha nan aigne
a dh'fhàg dhuinne mar dhìlib
bhith rìoghail: O sin ar paidir!
© na dealbhan Christine Campbell & GRD |