GRD > Leabhraichean-leughaidh Blackie > Niall MacLeòid, Bheiriseigh
Beul-aithris - Leabhraichean

Niall MacLeòid, Bheiriseigh
Tha an sgeulachd seo air a h-ath-sgrìobhadh bhon sgeulachd a chaidh fhoillseachadh ann an Leabhraichean-leughaidh Blackie, leis a' Chomunn Ghaidhealach.

B' e Ruairidh MacLeòid an triath a bh' air Leòdhas mu dheireadh na siathamh linne deug, agus b' e ceann-cinnidh Leòdaich na ceàrnaidh sin. B' i Seònaid, nighean MhicCoinnich Chinn Tàile, a' chiad bhean a bh' aige, agus bha mac aca air an robh Torcall mar ainm.

Thogadh an gille seo le cuideachd a mhàthar an Srath Chonainn, agus mar sin thugadh 'Torcall Conannach' mar fhrith-ainm air. Cha do ghabh athair ri Torcall seo mar a mhac laghail, a chionn nach robh e ag aideachadh gum b' e a b' athair dha idir. Biodh sin mar a bhios e, tha e coltach nach robh cùisean rèidh eadar Ruairidh agus a mhnaoi, agus is e a thachair ach gun do dhealaich iad. Bha Ruairidh a' dèiligeadh ri Torcall is ga fhuathachadh airson 's gun do chaill e spèis da mhàthair.

Phòs e an dara h-uair, agus bha mac aige ris an canadh iad 'Torcall an t-Oighre'. Tha litir an làthair fhathast a sgrìobhadh do Thorcall le Màiri, Bànrigh na h-Alba, nì tha a' nochdadh gun robh àite aig teaghlach Ruairidh am measg maithean na rìoghachd. Ach thàinig a' chrìoch air an Torcall seo na dhuine òg, tro fheall no thubaist air choreigin.

Mar sin b' e mac na treas mnatha, nighean Mhic Ghille Eathain Dhubhaird, a roghnaich Ruairidh mar oighre. Is e Torcall an t-ainm a bha air a' ghille seo cuideachd, ach gus am biodh eadar-dhealachadh eadar e fhèin agus Torcall Conannach, thugadh 'Torcall Dubh' mar fhrith-ainm air. Bha an Conannach fad an t-siubhail den bheachd gum b' esan bu chòir a bhith na oighre air cuid athar, agus mar sin chaidh an ceòl air feadh na fìdhle nuair a rinn Ruairidh oighre de Thorcall Dubh.

Bha còignear mhac eile aig Ruairidh, agus nam measg-san b' e Niall, mu bheil an sgeulachd seo, am fear a b' ainmeile. Chan eil mòran eachdraidh againn air làithean òige, ach faodaidh sinn a bhith cinnteach nach robh e gun a chuid fhèin a bhith aige anns a' chòmhstri gheur a bha dol air adhart gach là am measg teaghlach athar, oir ma bha fàrdach riamh roinnte na h-aghaidh fhèin, bha sin fìor a thaobh taigh Ruairidh.

Nuair a dh'fhàs Niall suas, ghabh e taobh athar anns a' chòmhraig a bha eadar an dà bhràthair mun oighreachd. B' e an nàmhaid bu ghuiniche a bha aig Torcall Conannach, agus an caraid bu dìlse a bha aig Torcall Dubh. Mur biodh Niall, cha robh còir-sheilbh no eadhon beatha Thorcaill Dhuibh air a bhith glè thèarainte an Leòdhas, le cuilbheartan a' Chonannaich agus càirdean a mhàthar an Ceann Tàile.

An uair a chunnaic Torcall Conannach nach ruigeadh e a leas sùil a bhith aige ris an oighreachd air dhòigh eile, chuir e roimhe gum biodh i aige le làmhachas-làidir. Ghlac e athair, agus dhùin e suas e am prìosan cumhang, dorcha, fad cheithir bliadhna. An dèidh sin, nuair nach aontaicheadh Ruairidh leis, tharraing e gu cùirt e, agus dh'fheuch e ri gealltanas fhaighinn uaithe air a chuid oighreachdan, ach ged thug a sheann athair sin dha air beulaibh na cùirte, nuair a fhuair e à làmhan nam maor-lagha, tharraing e fhacal air ais.

An sin thug an Conannach a' Chòigeach air, far am biodh dìon is cobhair aige bho Chloinn Choinnich, Chinn Tàile, oir is iadsan aig an robh seilbh air a' chuid sin den dùthaich aig an àm. B' ann bha MacCoinnich ro thoilichte fasgadh a thoirt do Thorcall, a chionn gun robh e rè iomadh bliadhna ro seo an rùn e fhèin a bhith na uachdaran air Leòdhas, agus shaoil e gum b' e cothrom math a bhiodh an seo dha. Cha robh dad de seo nach robh Niall MacLeòid a' tuigsinn, agus cha bhiodh e na thosd no na thàmh, an uair a bha còir a cheannaird agus saorsa a chinnidh an cunnart, ach cha do leig e guth air an toiseach.

Cha robh Torcall Conannach fada fo dhìon MhicCoinnich anns a' Chòigich an uair a thàinig Torcall Dubh air a thòir à Leòdhas le sgioba calma de a luchd-leanmhainn, agus tha e coltach gun do rinn iad milleadh is marbhadh nach bu bheag air na nàimhdean. Lean Torcall Dubh air na b' urrainn e do dhragh is de chall a chur orra, ach mu dheireadh chùm na Conannaich coinneamh os ìosal gus beachdachadh air dè a ghabhadh dèanamh. Chaidh plana a dhealbh agus chaidh Torcall Dubh a ghlacadh le foill, agus an ùine ghoirid chaidh a chur gu bàs.

B' e Niall MacLeòid a-nis aig an robh uallach Leòdhais air a ghualainn, agus chì sinn cho dìleas, treubhach agus a chùm e suas gu crìch bratach bhuadhmhor a shinnsre. Chuir e roimhe gum biodh e na fhear-dhìona do mhic òga Thorcaill Dhuibh, oir b' e bheachd gum b' iadsan oighreachan dligheach an seanar. B' iomadh gàbhadh is spàirn tron deach e ann a bhith a' seasamh còirichean a chàirdean is a dhùthcha, ach bha dòrn cruaidh is eanchainn bheòthail aig Niall.

Anns an aimhreit fhuiltich a bh' ann, chaidh dithis mhac Thorcaill Chonannaich a mharbhadh, agus bha eagal air a-nis gum faigheadh nàimhdean làmh an uachdair air, air dhòigh agus nach fhaigheadh a theaghlach fhèin na bha e an dùil air an robh còir aca. Bha nighean dha pòsta aig bràthair do thriath Chinn Tàile, agus mar sin rinn e tiomnadh a' toirt don duine aicese nan oighreachd air an robh e a' dleasadh còir, ach cha robh e furasta a thighinn air Niall gun fhios.

Bha sùilean sanntach bho gach taobh air eilean nam fiadh is nam bradan. Shaoil Dòmhnall Gorm, an ceann-cinnidh Sgitheanach, gum faigheadh e air Leòdhas a chur ri chuid fearainn fhèin, agus thàinig e le feachd mhòir de na Dòmhnallaich. Ghairm Niall na Leòdhasaich a-mach gu bhith a' dìon an dachaighean, agus dh'fhuadaich iad air ais na Sgitheanaich, an dèidh droch dhìol a dhèanamh orra.

A thuilleadh air an aimhreit a bha aig an taigh, thàinig buaireadh eile air Leòdhas bhon taobh a-muigh. Bha Rìgh Seumas VI le dìth airgid mar bu trice, agus dhèanadh e rud suarach sam bith gus nach biodh a sporan falamh. Chuala e mu shuidheachadh Leòdhais aig an àm seo, agus smaoinich e gun dèanadh e feum den eilean dha fhèin. Anns a' bhliadhna 1597 thug e air Pàrlamaid Alba Achd a chur a-mach a' toirt òrdugh do gach uachdaran fearainn an Innse Gall a shealbh air a chuid fearainn fheuchainn do oifigich an rìgh an dubh is an geal ro là àraidh, agus mur toireadh iad ùmhlachd don àithne sin, bhiodh a h-uile òirleach fearainn air a thoirt bhuapa gun dàil.

Bha fhios aig na h-uachdarain nach b' ann airson am buannachd-san a bha an reachd ud, agus bha a h-uimhir dhiubh nach tug gèill dhi. Nam measg-san bha Niall MacLeòid, agus an ùine ghoirid chaidh innse dha nach robh còir aige na b' fhaide air ploc den fhearann. Le òrdugh an Rìgh chaidh Leòdhas a thoirt thairis do luchd marsantachd à Fìobh.

Nam b' fhìor, bha na Goill seo a' tighinn airson math nan Leòdhasach borba, agus gu bhith a' toirt an àite gu sìth is rian, nuair nach robh dad nan amharc ach ceannachd is airgead. Cha robh facal gu bhith aig sluagh an àite an gnothaichean fearainn no iasgaich; bha iad gu bhith air an riaghladh anns an dòigh a chitheadh na Fìobhaich iomchaidh. Ach cha ghabhadh Niall ri na cumhachdan ainneartach sin, fhad 's bu bheò e.

Mu dheireadh na bliadhna 1598 sheòl cinn-iùil a' chomainn mharsantachd seo à Lìte, is mu mhìle saighdear nan cois, agus an ceann seachdain chaidh iad air tìr an Leòdhas. Champaich iad far a bheil baile Steòrnabhaigh an-diugh, agus tha e coltach gun do thog iad uiread de thaighean is a rinn baile beag an sin, ach cha mhòr foise a fhuair iad, oir bha Niall MacLeòid nam badaibh a là agus a dh'oidhche.

An uair a ghlac na Fìobhaich seann chaisteal Steòrnabhaigh, chaill cuid de a chompanaich an tapadh, agus theich iad do Thìr-mòr, ach sheas Niall gu misneachail an aghaidh nan nàimhdean. Fad trì bliadhna lean e air a' sabaid airson saorsa a dhùthcha, uaireannan a' cosnadh an là agus uaireannan eile ga chall, ach bha e a' creidsinn gum b' fhaide an là na am bruthach. Is iomadh teintean an Eilean an Fhraoich aig an cluinnear air an aithris, eadhon fhathast, na h-euchdan a rinneadh le Niall agus le na laoich a bha a' cumail cùil ris.

Mu dheireadh rinn na Fìobhaich an-àirde an inntinn a bhith a' fagail Leòdhais, agus a' tilleadh don dùthaich fhèin. Tha an seanfhacal ag ràdh gur fheàrr teicheadh math na droch fhuireach, agus mar sin mu mheadhan a' gheamhraidh, 1601, thog na bha beò dhiubh an siùil, agus is cinnteach gum b' ann toilichte a bha iad air an turas air ais thar a' Mhaoil gu na machraichean aca fhèin.

Bha corraich gheur air Rìgh Seumas gun deach innleachdan a thilgeil bun os cionn, agus le cuideachadh bho feadhainn de Mhorairean Alba thug e oidhirp an dèidh oidhirpe air a bhith a' cur Leòdhais fo chìs, gus a thoirt thairis do luchd-malairt, agus mar sin chaidh an tuasaid air adhart. Ged fhuair Niall barrachd air aon tairgse bhon Rìgh a bhiodh gu a bhuannachd fhèin, ach gu call do luchd-dùthcha, cha chuireadh e a chlaidheamh san truaill fhad 's a bha saorsa a dhùthcha an cunnart.

Anns a' bhliadha 1607 bha buidheann de mharsantan Gallda air tuineachadh an Leòdhas le ùghdarras an Rìgh. Ghabh Niall air gun robh e a-nis a' creidsinn gum biodh an obair a bha iad a' cur air adhart buannachdail don t-sluagh, ach b' ann a bha e a' feitheamh ri cothrom fhaighinn orra. Shaoil leotha gun robh Niall air tionndadh air an taobh, agus b' ann a rinn iad fear-dreuchd dheth. Cha b' fhada a lean an t-sìth mheallta seo, oir aon oidhche, am marbh na h-oidhche, thàinig Niall orra le trì cheud de a cheatharnaich. Chuireadh na taighean aca nan teine, agus bha mòran dhiubh air an losgadh, is mòran eile air am marbhadh, an uair a bha iad a' teicheadh le maoim.

Cha do dhìochuimhnich Triath carach Chinn Tàile mar chaidh Leòdhas a ghealltainn dha bhràthair le Torcall Conannach, agus rinn e còrdadh ris an Rìgh gun glacadh e Niall agus gun cuireadh e stad air ceannairc nan Leòdhasach. Bha dùil aige ri cuid mhath den chuirm a bhiodh a' dol aig crìch na h-obrach.

Thachair seo anns a' bhliadhna 1610, agus tha e coltach gun d' fhuair e còir riaghlaidh air Leòdhas mun àm seo, oir gheibh sinn e a' cur a bhràthar don Eilean air ceann àireimh mhòir de na daoine bu treuna a bha aige. A dh'aindeoin gaisge is cruadail Chloinn MhicLeòid, bha iad air an sàrachadh gu bàs an dèidh nan deuchainnean tron tàinig iad, agus bha mòran de na gaisgich a sheasadh air an taobh a-nis nan cadal fon fhòid. Chunnaic iad gum biodh e do-dhèante dhaibh seasamh an aghaidh an armailt làidir a bha a-nis mun coinneimh, agus mar sin strìochd iad.

Ach cha ghèilleadh Niall MacLeòid, ged nach robh dòigh aige a-nis air cath a chur, agus is ann a dh'aisig e am beagan ghaisgeach nach dealaicheadh ris gu eilean creagach Bheiriseigh an Loch Ròdhaig, an taobh an iar de Leòdhais. Tha seo a' toirt nar cuimhne mar sheas Hereward, an Sasannach an aghaidh Uilleim, Diùc Normandaidh, an uair a ghabh e sealbh air Sasainn.

Greis ron seo bha e an rùn Nèill an t-eilean seo a bhith na dhìdean aige, agus bha e a' tasgadh gach nì ann air am faodadh feum a bhith aige nam biodh e air a chuairteachadh le na nàimhdean. A thuilleadh air seo bha biadh is deoch is aodach gu leòr a' tighinn da ionnsaigh bho a chàirdean anns gach ceàrn mun cuairt. Bha eathraichean aige cuideachd, agus tha e coltach gum biodh e uaireannan a' dol gu muir agus a' spùilleadh nan long a bhiodh a' gabhail seachad. Bha caolas fiadhaich, làn de bhodhaichean meallta, air an taobh a b' fhaisge den eilean, agus le sin cha deach aig na nàimhdean air an daingneach a ghlacadh rè thrì bliadhna. Tha sgeul air a h-innse air nach urrainn làn chinnt a bhith againn, mun dòigh a ghabh Fear Chinn Tàile gu bhith a' toirt air Niall strìochdadh, agus b' ann caran mar seo a thachair.

Chaidh aige air làn eathair de mhnathan agus de chloinn a sguabadh leis gu h-obann, agus chuir e iad air tìr air eilean beag faisg air làimh, far am biodh iad uile air am bàthadh aig muir-làn. An sin chuir e fios gu Niall gum fàgadh e an siud iad mur gèilleadh e fhèin agus a chuideachd. Ged bu shearbh leis e, is e gèilleadh a rinn Niall, mus biodh a' mhuinntir lag neo-chiontach ud air an call.

Dh'fhaodadh seo uile tachairt anns na h-aimsirean cèine, dorcha ud, ach co-dhiù, thàinig Niall gu bhith an teanntachd, agus thug e suas a dhaingneach. Sgaoil e a luchd-leanmhainn, agus chaidh aige fhèin air teicheadh do Na Hearadh, far an d' fhuair e fasgadh is fàrdach bho Ruairidh Mòr MacLeòid, an triath ainmeil a bha an sin aig an àm. Ged thug Ruairidh Mòr aoigheachd dha an toiseach, tha amharas nach do chùm e suas aig a' cheann mu dheireadh an deagh chliù airson onoir as dual don Ghaidheal.

Cha b' ann aon uair a dh'fheuch Rìgh Seumas ri a bhith rèidh ris a' churaidh a bha a' milleadh a chuid innleachdan an Leòdhas, agus bha dùil aig Niall, nan rachadh e do Lunnainn, gum faigheadh e maitheanas bhon Rìgh. Bha Ruairidh Mòr deònach a dhol còmhla ri Niall air an turas seo, agus gheall e cuideachd gun dèanadh e eadar-ghuidhe ris an Rìgh às a leth. Ach is e as coltaiche gur ann bha sùil aige ri duais bhon Rìgh a chionn gun robh e a' cur a' cheannaircich choirbte ud na làmhan.

Co-dhiù nuair a ràinig iad Glaschu, chuir maoir a' chrùin Niall an sàs, agus chaidh a thoirt do Dhùn Èideann, far an robh e air a ghlasadh anns an toll-dhubh rè shia mìosan. An dèidh sin thugadh air beulaibh cùirte-lagha e, far an robh binn bàis air a thoirt a-mach air, agus chrochadh e mu mheadhan an Earraich 1613. Ann an litir a sgrìobh fear de luchd-riaghlaidh a' bhaile gun Rìgh tha e ag ràdh gun do choinnich Niall ris a' bhàs gun eagal, coltach ri fìor Chrìosdaidh.

Bha gaisgich curanta eile de Shìol Thorcaill a dh'fheuch ri bratach an sinnsre a thogail an Leòdhas, ach cha robh iad a' faighinn a' chùil-thaic a b' àbhaist dhaibh, oir fo riaghladh smachdail Mhorair Chinn Tàile bha eagal air na Leòdhasaich èirigh leotha. Mar sin, uidh air n-uidh, thàinig là cinn-chinnidh threuna ar sgeòil gu ceann an Leòdhas.

Feumaidh sinn aideachadh nach robh cliù Nèill MhicLeòid gu h-iomlan gun smal, ni mò bha a chleachdaidhean an-còmhnaidh neo-choireach. B' e lagh do nàimhdean 'sùil airson sùla, is fiacail airson fiacla', agus dhèanadh e dochair eadhon air a chàirdean nam biodh iad a' cur bacadh air gnothach sam bith a bha air aire. Dhèanadh e le foill no le seòltachd an rud nach deigheadh leis le treubhantas. Is e duine borb, àrdanach, a bha an Niall, ach feumar a chumail nar cuimhne gun robh e beò an làithean garbha, buaireasach.

Ach a dh'aindeoin sin uile, tha Niall airidh air meas is urram airson a ghràidh do thìr a bhreith. Chuir e an Rìgh fhèin agus na Morairean a bha an co-bhoinn ris gu dùbhlan air sgàth saorsa a luchd-cinnidh. Chòmhraig e gu seasmhach, gaisgeil, rè iomadh bliadhna gus nach biodh a dhùthaich fo chasan choigreach. Dh'fhaodadh Leòdhas a bhith sona soirbheachail, ged bhiodh na Deasaich air fantainn ann. Chan eil fios air sin. Ach tha fhios gun do ghlèidh Niall Leòdhas gu bhith na àite-àraich do ghineal a rinn seirbheis chomharraichte don Rìoghachd air muir is air tìr, an cogadh is an sìth.

© na dealbhan Christine Campbell & GRD