|
Roinn nam Mart
Tha an sgeulachd seo air a h-ath-sgrìobhadh
bhon sgeulachd a chaidh fhoillseachadh ann an Leabhraichean-leughaidh
Blackie, leis a' Chomunn Ghaidhealach.
O chionn fhada an t-saoghail bha seann duine
agus a thriùir mhac a' fuireach ann am baile beag air taobh
siar Siorramachd Rois. B' e duine innleachdach seòlta a bh'
anns a' bhodach agus fhuair e foghlam math nuair a bha e òg.
Cha b' ann mar sin a bha na balaich. Bha an sgoil fada air falbh
bhuapa agus b' fheàrr leotha a bhith a' sealg, ag iasgach
agus a' cluiche. Bha an athair tric ag ràdh riutha gun gabhadh
iad aithreachas fhathast nach robh sgoil aca ach cha toireadh iad
feart air. Mu dheireadh leig e leotha ged nach do dhìochuimhnich
e iad.
An uair a bha e a' bàsachadh dh'iarr e air a mhic a thighinn
gu leabaidh. "Chan eil airgead agamsa a dh'fhàgas mi
agaibh," ars esan riutha. "Chan eil agam ach an sprèidh
a tha air a' bhaile seo agus roinnidh sibh mar seo iad: gheibh Dòmhnall,
on is e as sine, an leth, gheibh Donnchadh an ceathramh earrann,
agus Murchadh beag an còigeamh earrann. Gabhaibh iad le mo
bheannachd agus roinnibh gu cùramach iad."
A-nis, bha naoi mairt dheug aig a' bhodach, agus an dèidh
an tiodhlacaidh dh'fheuch na mic ri an roinn mar a dh'iarr e. Ach
a h-uile dòigh air am feuchadh iad, cha b' urrainn dhaibh
an roinn mar a dh'iarr an athair. Chunntadh iad na mairt agus roinneadh
iad iad, agus roinneadh iad a-rithist iad, ach bha e a' fàillneachadh
orra an roinn gu cothromach gun aon a ghearradh na bloighean. Cha
leigeadh an nàire leotha faighneachd don mhaighstir-sgoile
no don mhinistear no do neach sam bith eile ciamar a dhèanadh
iad mar a dh'iarr an athair.
Bha an ùine a' dol seachad agus an crodh gun an roinn. Aon
là, cò thàinig an taobh sin ach Calum Dròbhair
agus treud chruidh aige a bha e air a cheannach aig fèilltean
air feadh na dùthcha. Chunnaic e gun robh rudeigin a' cur
dragh air na balaich agus an dèidh dhaibh a bhith a' còmhradh
mu chrodh agus mu fhearann airson greis dh'innis iad dha dè
bha a' dèanamh dragh dhaibh.
"Thoiribh na naoi mairt dheug an seo," ars esan, "agus
cha bhi mise fada gan roinn dhuibh. Cuiridh mise geall gum bi barrachd
air a chuid fhèin aig gach fear agus nach bi nas lugha na
a' chuid fhèin aig duine."
Chaidh Calum a-null chun an treud aige fhèin agus thug e
bò a-nall am measg crodh nam balach. Bha an uair sin fichead
mairt ann an treud nam balach.
"Tagh thusa do leth às an fhichead, a Dhòmhnaill,
ach fàg a' bhò a chuir mise ann," arsa Calum.
Thug Dòmhnall deich leis.
"Gabh thusa, a Dhonnchaidh, do cheathramh earrann ach fàg
a' bhò agamsa," arsa Calum. Thug Donnchadh còig
leis.
"Gheibh thusa a-nis do chòigeamh, a Mhurchaidh, ach
fàg a' bhò agamsa." Fhuair Murchadh na ceithir.
Mar sin chaidh na naoi mairt dheug a roinn gu cothromach agus chùm
Calum a' bhò aige fhèin.
Dh'fhalbh Calum agus dh'fhàg e na balaich an siud. Bha na
balaich a' smaoineachadh gun tug e an car asta air dhòigh
air choreigin, ach air cho tric agus a chunntadh iad, bha barrachd
air earrann fhèin aig gach fear, ged nach do thuig iad
ciamar.
© na dealbhan Christine Campbell & GRD
|