|
Ruaig na Moighe
Tha an aithris seo air a h-ath-sgrìobhadh
bhon aithris a chaidh fhoillseachadh ann an Leabhraichean-leughaidh
Blackie, leis a' Chomunn Ghaidhealach.
Chan fhaighear mòran sgeòil an eachdraidh
ar rìoghachd a tha nas taitniche nan sgeul mun oidhirp dhèin
a thug Prionnsa Teàrlach air rìgh-chathair athraichean
fhaighinn air ais, agus tha e glè iomchaidh gum biodh òigridh
na Gaidhealtachd mion-eòlach air eachdraidh Bliadhna Theàrlaich.
Faodaidh caochladh bheachdan a bhith aig daoine
mu chòir no eucoir an adhbhair far an do dhòirt ar sinnsir
fuil an cridhe rè nam mìosan buaireasach ud, ach tha
na seanchaidhean gu lèir le aon ghuth a' moladh an duinealais
is an dìlseachd leis an do lean na Gaidheil ris a' Phrionnsa
tro gach cunnart is còmhraig, eadhon gu bàs.
Ged a mheall am fortan e leis an uimhir de shoirbheachadh,
bu tric a thàinig Teàrlach faisg a bhith a' tuiteam
an làmhan nan saighdearan dearga a bha daonnan air a thòir.
B' iomadh tachartas iongantach is deuchainn chruaidh tron deach
e ann an uaigneas nam beann is an dubhar na coille bhon là
aoibhneach ud a thàinig e air tìr am Mùideart,
an àird a dhòchais, gus an là dòineach
ud air an do sheòl e bhon tràigh cheudna, a' teiche
air ais don Fhraing, is gach dùil a dh'altram e riamh a-nis
air a smàladh gu bràth.

Tha fhios aig an t-saoghal a-nis nach do dhìobair
aon duine de na Gaidheil riamh e, ged a bha deich mìle fichead
punnd Sasannach air a thairgsinn do neach sam bith a chuireadh
an sàs e. Ged bha a' chuid bu mhotha dhiubh bochd, cha robh
an duais-bhrathaidh sin riamh ann a bheireadh air na sàr
dhaoine uasal ud dolaidh a leigeil do aon fhuiltean den cheann rìoghail
ud. Tha an cliù seo na adhbhar uaill do na Gaidheil agus
bidh e a-chaoidh mar roth solais mu an eachdraidh.
Cha robh na mnathan idir air dheireadh ann a bhith
a' cuideachadh Theàrlaich an àm còmhraig is
cruadail. Bha na màthraichean a' toirt an ainm Teàrlach
air naoidheanan na bliadhna sin, agus mar sin tha an t-ainm glè
bhitheanta gus an là an-diugh an glinn an taoibh tuath. Dè
an cridhe nach las an uair a chluinnear luaidh air an tè
uasal sin, Fionnghal NicDhòmhnaill? Ach tha sgeul eile a
tha glè thaitneach mu mhnaoi urramach mhisneachail, Baintighearna
Mhic an Tòisich na Moighe. Cha leughar an sgeul seo cho tric
ann an leabhraichean eachdraidh, ach chan fhaodar a dhìochuimhneachadh.
Bha là garg sgriosail Chùil Lodair
a' tighinn dlùth, an uair a bha am breacan gu a bhith air
a shaltairt ri làr le marcaichibh Shasainn, ach aig an àm
seo bha arm a' Phrionnsa an dèidh buaidh a thoirt air an
arm-dhearg aig Blàr na h-Eaglaise Brice, air an t-seachdamh
là deug den bhliadhna ùir, 1746. Bha na cinn-fheadhna
a-nis a' bruidhinn mun ath cheum bu chòir dhaibh a ghabhail,
agus cho-dhùin iad gum b' fheàrr tilleadh air ais
don taobh tuath far an robh dùil aca gun robh mòran
dhaoine fhathast a bhiodh deònach èirigh leis a' Phrionnsa.
Mar sin ghabh an t-arm an rathad tro mhonaidhean Athaill agus Bhàideanach
gus an do ràinig iad dùthaich nan Catanach is nan
Tòiseach, cinnidhean lìonmhor, foghainteach, air an
robh Aonghas Mac an Tòisich, Fear Caisteal na Moighe, na
cheannard.
Tha e car duilich a dhèanamh a-mach le
cinnt dè am beachd a bh' aig Aonghas a thaobh an ar-a-mach,
ach is e as coltaiche gun robh taobh aige os ìseal ri Teàrlach.
Bha cinn-feadhna ann a thuirt le àrd-iolaich gun èireadh
iad leis a' Phrionnsa, thigeadh buaidh no bàs. Is dòcha
gun robh Aonghas den fheadhainn sin leis am b' fheàrr a bhith
air an taobh shàbhailte, biodh e ceart no ceàrr.
Feumar a ràdh nach robh an gnothach furasta
dha, oir bha e na oifigeach an seirbheis Rìgh Seòras
II, agus bha e aig an àm seo cuide ris an arm dhearg a bha
air faire ann am baile Inbhir Nis, a' cumail sìos ceannaircich
an taoibh tuath, gus an tigeadh Diùc Uilleam. Bha esan cheana
a' gluasad gu dian-chabhagach le arm mòr bhon taobh deas
agus dùil aige blàr a chur ri Teàrlach.
B' i bean Mhic an Tòisich, a' bhaintighearna
Anna, tè de Chloinn Fhionnlaigh am Bràigh Mhàirr.
Bha iad nam meòir de na Tòisich, agus ainm aca a bhith
ro-dhìleas air taobh nan Stiùbhartach. Cha robh i
ach mu fhichead bliadhna de aois aig an àm seo, ach goirid
an dèidh teachd a' Phrionnsa do Alba bha i air leth gnìomhach
ann a bhith a' cuideachadh adhbhar. Thuirt duine ainmeil a bha
eòlach oirre nach robh a h-aon de na mnathan uasal a bha
air taobh a' Phrionnsa na bu mhaisiche no na b' eudmhoire.
Chan urrainn e a bhith nach ann le fios agus aonta
a fir-chèile bha seo a' dol air adhart. Co-dhiù, chan
eil dearbhadh sam bith gun do bhac e a bhean bho a bhith a' brosnachadh
a chinnidh gu sabaid airson Theàrlaich, an uair a thigeadh
an t-àm. Tha fhios againn gun robh Clann Mhic an Tòisich
an teis-meadhan a' chatha aig blàr fuilteach Chùil
Lodair, agus gun do sheas iad gu treun daingeann ri na h-ionnsaighean
bu ghairbhe a thug na nàimhdean orra.
An uair a bha Teàrlach faisg air Caisteal
na Moighe thug e air a' mhòr-chuid de arm campachadh beagan
is astar mìle air falbh, agus chaidh e fhèin le buidheann
chompanaich chun taigh mhòir, oir bha e sgìth is iomagaineach,
agus bha e air cluinntinn gum faigheadh e fàilteachadh cridheil
on bhaintighearna.
Mar a chaidh innse roimhe, bha Morair Loudon ann
am baile Inbhir Nis, is e a-nis a' feitheamh gu aghaidh a thoirt
don Phrionnsa airson fhuadach bhon bhaile. Fhuair e fios gun robh
Teàrlach air tadhal aig Caisteal na Moighe 's gun cuide ris
ach beagan de luchd-leanmhainn, agus smaoinich e gum b' e siud a
chothrom am Prionnsa a ghlacadh. Mar sin chuireadh e crìoch
obann air a' chogadh, agus a thuilleadh air sin choisinneadh e urram
mòr dha fhèin. Tha e anns an sgeul gun do chuir e
luchd-faire a-mach ceithir thimcheall a' bhaile, gus nach biodh
dòigh aig càirdean a' Phrionnsa air sanas a chur thuige
gun robh e ann an cunnart. An sin chuir Loudon mu chòig ceud
deug saighdear an òrdugh, agus san dorchadas air oidhche
Didòmhnaich dh'fhàg iad baile Inbhir Nis gu bog balbh,
agus rinn iad dìreach air a' Mhoigh, a bha mu astar shia
mìle deug air falbh.
Ach a dh'aindeoin faiceall is seòltachd
a' Mhorair chaidh aig càirdean a' Phrionnsa air teachdaire
a chur thuige, cho luath is a chuala iad gun robh a nàimhdean
air an aghaidh a chur air a' Mhoigh. Tha cuid ag ràdh gum
b' i seanmhair Mhic an Tòisich a chuir an teachdaireachd
seo air dòigh. Bha i a' còmhnaidh an Inbhir Nis, agus
nuair a chuala i mun turas a bh' air aire Loudon, chuir i balach
na dheann ruith gus rabhadh a thoirt do mhuinntir na Moighe. Cha
robh fios aig a' Bhaintighearna òig air dad sam bith de seo,
ach bha i fo chùram mu thèarainteachd a' Phrionnsa,
oir dh'fhaodadh brathadairean a bhith mun cuairt, agus bha luchd-tòir
air a h-uile taobh. Dh'fheumadh i gach nì a bha na comas
a dhèanamh gus nach èireadh càil do a h-aoigh
rìoghail.
Thachair do ghobha na sgìre a bhith mun
Taigh Mhòr an oidhche sin, duine làidir, treun, dom
b' ainm Dòmhnall Friseal. Nuair a chaidh am Prionnsa a laighe,
chuir i an ceatharnach seo le ceathrar dhaoine calma eile a-mach
mu astar dà mhìle bhon taigh mar fhreiceadan, gus
nach biodh dòigh aig luchd-feall air a thighinn an rathad
gun fhios. Chuir an gobha an fheachd bheag aige an òrdugh,
gach fear dhiubh is a mhusgaid fo achlais, agus an doille is an
tost na h-oidhche, chaidh iad air falach ri taobh an rathaid mhòir.
Tha e air a ràdh gun robh an gobha na shìneadh air
an fheur fo chraoibh dharaich, gus am fairicheadh e am fuaim bu
lugha. Cha b' fhada bha iad an sin an uair a chunnaic iad mar gum
biodh neul dorcha a' gluasad air fàire, agus ann an ùine
ghoirid chuala iad fuaim feachd Loudoin a' tighinn faisg orra. Air
ball chuir na seòid na musgaidaen air làn-ghleus,
agus air do luchd a' chlò-ruaidh a bhith mu uidh urchair
dhaibh, loisg an gobha orra air thuairmeas, agus rinn an ceathrar
eile an aon rud.
An sin thòisich iad a' ruith is a' leum
thall 's a-bhos 's iad a' dèanamh tòrr fuaim. Bha
an gobha a' gairm àird a chinn air Dòmhnallaich is
Catanaich nach robh idir ann ionnsaigh a dhèanamh air na
nàimhdean. Bha fear eile a' cluich na pìoba, agus
bha càch a' glaodhaich na gaoire-catha gu fiadhaich. Air
a' mhòintich aig taobh an rathaid bha cruachan mòna
nan seasamh, agus anns an dorchadas is math dh'fhaodte gun smaoinicheadh
na nàimhdean gum b' e buidhnean luchd-feachd a bha annta
sin.
Shaoil leis an arm-dhearg gun robh na Fineachan
Gaidhealach uile a' brùchdadh a-mach orra o bhad is o choill,
bho gach cnoc is coire, agus gum biodh iad gun dàil air am
muin. Ghlac uamhann feachd Loudoin gu lèir, agus is ann a
thill iad air ais sa bhad air a' cheart shlighe air an tàinig
iad. Anns a' chabhaig is an aimlisg a bha ann, bha iad a' tuiteam
agus a' saltairt air càch a chèile, air chor is gun
robh feadhainn dhiubh air am marbhadh, agus mòran eile air
am bruthadh is air am pronnadh.
Ràinig iad baile Inbhir Nis, nan culaidhean
truais don càirdean, ach gu cinnteach nan culaidhean-magaidh
dhaibhsan a bha air taobh a' Phrionnsa - armailt air a ruagadh le
dòrnan dhaoine! Thuirt fear de chinn-feadhna Loudoin gun
robh e ann an iomadh cath is gàbhadh ro siud, ach nach robh
e riamh ann an suidheachadh cho tur dhòrainneach ri Ruaig
na Moighe. An uair a bha seo a' tachairt a-muigh ràinig an
teachdaire à Inbhir Nis, ach bha an cunnart a-nis air a dhol
seachad, agus mun cheart uair sin thàinig an gobha don taigh
le a naidheachd shòlasaich fhèin.
An ath là bha am Prionnsa air ceann fheachd
air an t-slighe gu sunndach siùbhlach, a' dèanamh
air Inbhir Nis. Cha robh Loudon air faighinn thairis air a' chrith-eagail
fhathast, agus cha robh de chridhe aige aghaidh a thoirt air na
Gaidheil. An uair a bha Teàrlach a' tighinn dlùth
don bhaile ann an òrdugh catha, bha Loudon le dian chabhaig
ag aiseag a chuid dhaoine thar Port Cheiseig, a' teiche do Shiorramachd
Rois. Mar sin ghabh Teàrlach seilbh air prìomh-bhaile na
Gaidhealtachd gun lann a tharraing. Tha e coltach gun do chaill
Dòmhnall Bàn MacCruimein a bheatha mu àm Chùil
Lodair, agus nach do thill e tuilleadh, ach chan eil dearbh chinnt
againn càite no ciamar a thachair sin. Tha cuid de sheanchaidhean
ag aithris gun deach a mharbhadh anns an Ruaig seo.
An uair a chunnaic feadhainn de na cinn-cinnidh
nach robh airgead no daoine aig a' Phrionnsa às an Fhraing,
dhiùlt iad èirigh leis, agus bha MacLeòid,
Triath Dhùn Bheagain, air fear dhiubh sin. Mu dheireadh is
ann a thàinig MacLeòid air ceann buidhne de chinneadh
do Inbhir Nis, far an robh e cuide ri feachd Loudoin.
B' e Dòmhnall Bàn pìobair
MhicLeòid, agus ma ghabhas e seachd ginealaich dùthchais
gus deagh phìobaire a dhèanamh, bu chòir gum
biodh teòmachd am meòirean Dhòmhnaill, oir
bha na daoine bhon tàinig e, Clann MhicCruimein Bhoraraig,
nam pìobairean fìor ainmeil rè iomadh linn.
A rèir an sgeòil chuir Dòmhnall MacCruimein
air mhanadh nach tilleadh e gu bràth, agus is ann an uair
a bha Clann MhicLeòid a' fàgail Dhùn Bheagan
a chluich e am port ceutach, drùidhteach sin ris an canar
'Cumha MhicCruimein', anns a bheil e a' gabhail a chead deireannach
do Eilean a' Cheò.
Tha cuid ag ràdh gum b' e seòrsa
de bhan-fhamhair dhalma a bha am Baintighearna na Moighe, agus gun
do mharcaich i air muin eich ghil gu Blàr Chùil Lodair,
ach chan eil an sin ach faoin-sgeul, oir ged a chanar Coirneal Anna
rithe, tha fhios againn gur e tè bheag a bha innte, is i
suairc, grinn, fìnealta, cuide ri bhith tapaidh, misneachail.
Chithear fhathast an Talla na Moighe an leabaidh anns an do chaidil
am Prionnsa, agus mar an ceudna an t-innean air am biodh gàirdean
làidir a' ghobha a' dealbhadh an iarainn. Mun Mhoigh 's e
Caiptean nan Còig a chanar ris a' ghobha gus an là
an-diugh.
© na dealbhan Christine Campbell
& GRD
|