|
Sgeulachdan mu Cholum Chille
Tha an aithris seo air a h-ath-sgrìobhadh
bhon aithris a chaidh fhoillseachadh ann an Leabhraichean-leughaidh
Blackie, leis a' Chomunn Ghaidhealach.
Sgeulachd 1:
Bha Mo-Chua agus Colum Cille beò aig
an aon àm, agus an uair a bha Mo-Chua na aonar anns an fhàsach,
cha robh de ionmhas saoghalta aige ach coileach is luchag is cuileag.
Is e am feum a dhèanadh an coileach dha, a bhith a' goireil
ri uair ùrnaigh mu mheadhan-oidhche.
Cha leigeadh an luchag dha ach còig uairean
de chadal a dhèanamh, agus an uair a bha e ag iarraidh barrachd
cadail a dhèanamh, agus e sgìth bho iomad a shleuchdaidh,
thòisicheadh an luchag ri slìobadh a chluaise, gus
an dùisgeadh i mar sin e.
A thaobh na cuileig, bhiodh ise a' siubhal air
gach sreath da Shaltair, mar a bhiodh e a' leughadh, agus an uair
a dh'fhàsadh e sgìth a' leughadh nan Salm, dh'fhanadh
a' chuileag air an t-sreath gus an tilleadh e ga leughadh a-rithist.
Là de na làithean, thachair gun
do bhàsaich na trì seòid sin, agus sgrìobh
Mo-Chua litir gu Colum Cille ann an I, agus rinn e gearan air a'
chall a fhuair e. Sgrìobh Colum Cille fios-freagairt thuige
agus is e a thuirt e:
"A bhràthair," arsa Colum Cille, "cha bu chòir
dhut iongnadh a bhith ort a thaobh na chaidh bhuat, oir cha bhi
an tubaist ach far am bi an sprèidh." Bhon fhealla-dhà
seo, tha mi a' meas nach robh suim aig na fìor-naoimh sin
ann an seilbh saoghalta; chan ionann sin agus mòran de dhaoine
an là an-diugh. (Seathrùn Cèitinn)

Sgeulachd 2:
Is iomadh ceum a thug Colum Cille feadh Gaidhealtachd
na h-Alba, a' searmonachadh soisgeul na sìthe do na treubhan
borba. Aon uair bha e anns an Eilean Sgitheanach, ann an àite
àraidh a bha faisg air a' mhuir. Thug e buille le a bhata
- no a bhachall - don fhòd air an robh e na sheasamh, agus
thuirt e ri a mhuinntir, "Ged a tha e iongantach a ràdh
an-diugh, a mhaca ionmhainn, thig duine aosta de na cinnich chun
an àite seo, a ghlèidh a mhaitheas nàdarra
fad a bheatha, agus baistear e, agus bàsaichidh e air an
fhòd seo, agus thèid adhlaiceadh anns an àite
seo."
Beagan ùine an dèidh sin, thàinig
eathar gu caladh, agus na toiseach seann duine lag, a bha na cheannard
air feadhainn de na h-eileanan. Thog dà dhuine òg
e às an eathar, is leig iad sìos e mu choinneimh Choluim
Chille. Cha b' e an aon chànan a bha aig an t-seann dhuine
uasal agus aig Colum Cille, agus air an adhbhar sin b' fheudar eadar-theangaire
fhaighinn.
Fhuaras sin; labhair Colum Cille briathran Dhè;
chreid an seann duine onarach, agus chaidh a bhaisteadh sa bhad.
An uair a chaidh crìoch a chur air seirbheis a' bhaistidh,
bhàsaich an duine air an aona fhòd, a rèir
mar a thuirt Colum Cille. Chuir a luchd-frithealaidh càrn
chlach ri chèile, agus dh'adhlaic iad an sin e.
Thachair seo, ma-dh'fhaoidte, mu thimcheall na
bliadhna 570A.C., agus tha Adhamhnan uasal, a sgrìobh an
eachdraidh seo mu thimcheall na bliadhna 700A.C., ag ràdh
gum faicte ri linn fhèin an càrn an cois na mara,
agus a chionn 's gum b' e Artbhranan ainm an fhir a chaidh a bhaisteadh,
gun tug muinntir an àite 'Dobhar Artbhranain' air an allt
a bha - agus a tha, a rèir coltais - a' dol seachad chun
na mara an sin. Tha am facal 'dobhar' a' ciallachadh uisge no sruthan.
(Bho sgrìobhaidhean Adhamhnain)
Sgeulachd 3:
Là eile bha Colum Cille a' siubhal
le cuid de a mhuinntir air taobh an ear Dhruim Albainn ri taobh Loch
Nis. Gu h-obann thug e fa-near oibreachadh an Spioraid Naoimh na
inntinn; thionndaidh e ri mhuinntir is thuirt e riutha, "Rachamaid
gu grad an coinneimh nan aingeal naomha, oir tha iad air an cur
a-nuas o nèamh gu bhith nan cinn-iùil do anam dhuine
àraidh de na cinnich a tha gu bàs fhaotainn anns an
àite seo, agus tha iad a' feitheamh òirnne gus am baist sinn
e. Oir ged nach eil an duine seo na Chrìosdaidh, ghlèidh
e a mhaitheas nàdarra, agus tha e iomchaidh gun deigheadh
a bhaisteadh mus caochail e."
Air dha sin a ràdh, ghabh e roimhe mar
bu luaithe a b' urrainn dha, air thoiseach air an fheadhainn eile,
gus an àite ris an canar Urchadan an-diugh (is e sin Gleann
Urchadain), ri taobh Loch Nis, agus an sin fhuaradh seann duine
dom b' ainm Iomchadh (Emchatus). Dh'èist esan ri briathran
Choluim Chille, agus chreid e. Chaidh a bhaisteadh, agus an dèidh
sin shiubhail e le aoibhneas a dh'ionnsaigh an Tighearna. A thuilleadh
air sin, bha mac aig an t-seann duine, dom b' ainm Fearolach (Virolecus),
agus chreid esan agus a theaghlach uile, agus bhaisteadh iad.
Tha a' chiad sgeulachd dhiubh seo a' nochdadh dhuinn
an gràdh a bha aig cuid de na naoimh air na h-ainmhidhean
neo-lochdach. Tha e air aithris mu Cholum Cille mar a leighis e
cas chorra a chaidh a bhriseadh, agus mar a dh'altraim e an t-eun
gus an robh e slàn. A thaobh an dà sgeul mu dheireadh,
cha leig a leas amharas sam bith a bhith òirnn
nach e an fhìrinn ghlan a tha anns gach facal dhiubh. (Bho
sgrìobhaidhean Adhamhnain)
© na dealbhan Christine Campbell & GRD
|