GRD > Leabhraichean-leughaidh Blackie > Sgrìob Chloinn Uisnigh
Beul-aithris - Leabhraichean

Sgrìob Chloinn Uisnigh
Tha an sgeulachd seo air a h-ath-sgrìobhadh bhon sgeulachd a chaidh fhoillseachadh ann an Leabhraichean-leughaidh Blackie, leis a' Chomunn Ghaidhealach.

Thug daoine aire glè thràth nan eachdraidh do iongantasan nan speur an uair a thuiteadh an oidhche. Thug iad aire do gach grunnan no cruinn-mheall a bu bhoillsgeile is a bu so-fhaicsinniche na chèile. Bha cuid dhiubh air beachdachadh orra gu tomhais na h-ùine, cuid gu comharrachadh nan aimsirean, is cuid, bhathas a' smaoineachadh, a bha a' toirt rabhadh mun àm a bha fathast air thoiseach orra. Le sin gach buidheann fa leth am measg nan rionnag air a choimeas ri beathach no ri nì sònraichte, agus a chèin-sheanchas fhèin co-cheangailte ri gach aon dhiubh.

Bha a' ghealach gun teagamh, còmhla ris a' ghrèin, comharraichte os cionn uile chruinn-mheall soillseach nan speur, is bha a cèin-sheanchas fhèin co-cheangailte rithese. Ach is ann an uair a bhiodh an ràth-dorcha ann, is a' ghealach gun fhios càite, ga h-ath-ùrachadh fhèin, a bu mhotha maise is a b' àirde meas nan reul is nan rionnag eile.

Bha iadsan an uair sin mar gum biodh iad a' gabhail fàth air grian is gealach, is gam foillseachadh fhèin nan làn ghlòir; agus aig an àm sin cha robh a h-aon aca, reul no rionnag, a bheireadh bàrr air Sgrìob Chloinn Uisnigh. Dè a th' ann an Sgrìob Chloinn Uisnigh no càite bheil i?

Is e strìoch iongantach is ro-chomharraichte tro na speuran a tha ann an Sgrìob Chloinn Uisnigh. An cànanan eile canar 'Via Lactea', 'Galaxy', 'Milky Way', is mar sin air aghaidh rithe; agus chanadh Gaidheil Èirinn uaireannan 'An Làir Bhàn' rithe. Tha an crios soillseach seo ri fhaicinn gach oidhche rionnagach, an crochadh bho fhàire gu fàire anns an speur. Tha e a' crioslachadh a' chruinne-chè, air chor is gu bheil e ri fhaicinn an Dùn Èideann an Sealainn Nuadh cho math ri Dùn Èideann an Alba. Is ann sa gheamhradh tha e ri fhaicinn na làn ghlòir.

Tha a mhòr-shoillseachd dha-rìribh a' tighinn bho na mìltean de rionnagan de bheil e air a dhèanamh suas, ach tha iad uile a leithid de astar air falbh is gu bheil an t-soillse sin air a co-mheasgadh mar aon bhrat geal solais. Is e astar solais na shìor shiubhal mu dhà mhillean deug mìle gach mionaid. Bheir gath solais ochd mionaidean a' tighinn bhon ghrèin gus an talamh seo againne; ach bheir solas fichead, no eadhan ceud bliadhna, a' leum an astair a tha eadar cuid de na reultan ud an Sgrìob Chloinn Uisnigh is an talamh seo.

Feumar cuimhneachadh cuideachd gu bheil cuid de na reultan ud fada air thoiseach ann am meud is ann an soillseachd ris a' ghrèin. Ach fàgaidh sinn na nithean mòra seo an làmhan nan reuladairean.
Tha na h-astair seo dha-rìribh os cionn ar breithneachaidh, oir tha an duine buailteach air a bhith ga mheas fhèin nas suaraiche na cnuimh an duslaich, no mar neoni. Ach fhathast is e as iongantaich mun duine, gun tèid aig inntinn air na h-astair mhòra ud a thuigsinn, air dhòigh is gun dearbh e gu neo-mhearachdach iad.

Anns na seann làithean bha smuaintean is beachdan fa leth aig atharrachadh shluagh is chinneach mu Sgrìob Chloinn Uisnigh, agus tha iomadh sgeul neònach co-cheangailte rithe. Bha seann sgeul aig na Greugaich is b' e a brìgh gun do leig Phaethon rionnag àraidh às a h-àite an uair a las e suas na h-iarmailtean, agus gun do shoillsich i seo am mòr-chearcall anns an do shiubhail i fhèin mun cuairt nan speur.

Bha cuid de shluagh na h-Àirde an Ear a thug don Sgrìob an t-ainm 'Abhainn Nèimh'. Bha iad am beachd gur ann aiste a bha na h-aibhnichean mòra sin a' sruthadh a bha a' dèanamh an fhearainn torrach, mar a tha abhainn na h-Èiphit.

B' e beachd Innseanaich Ameireagaidh mu Thuath gum b' e an crios soillseach seo cascheum anman dhaoine, air an gabhadh iad an turas gu saoghal nan spiorad. Mar a thuirt Longfellow an dàn Hiawatha:

Fhuair e aithris bho Nokomis
mu na reultan anns an adhar;
mu cheum leathann, geal nan speuran,
cascheum air an triall na spioraid,
a' ruith gu Nèamh gu rèidh 's gu dìreach.

A-nis a rèir cèin-sheanchas is beul-aithris nan Gaidheal cha robh an sgrìob ainmeil seo daonnan ri a faicinn anns an speur; oir b' ann air oidhche ro-shònraichte sna làithean a dh'fhalbh a chunnaic daoine an toiseach i. Mar a tha a h-ainm a' leigeil ris, tha i an dlùth-cheangal ri eachdraidh thriùir mhac Uisnigh.

Tha an eachdraidh sin air a h-innse air caochladh dhòighean. Tha i air a toirt dhuinn an dòigh a tha anabarrach tlachdmhor an Leabhar Dheirdre leis an Ollamh MacIlleMhìcheil, ach tha beagan eadar-dhealachaidh ri fhaotainn anns gach dòigh a dh'innsear i air feadh na Gaidhealtachd. Chan eil iomradh idir air an Sgrìob seo mar a fhuair MacIlleMhìcheil an sgeul an Eilean Bharraigh.

Is e sgeul Dheirdre an sgeul as sine agus as ainmeile de 'Thrì Bhròn-sgeòil' Gaidheil na h-Èireann. Tha iomradh air an leabhar cho sean ri Leabhar Laighean, anns a bheil e air a ràdh gun robh e air aon de na prìomh-sgeòil air am feumadh na bàird a bhith mion-eòlach.

Ach is e maise sgeòil gum biodh na feartan a b' fheàrr a' faighinn buaidh thar gach droch chumhachd a dh'èireadh nan aghaidh. Is e sin a bhith air chall an eachdraidh Dheirdre, mar a tha i air a h-innse am bitheantas, a dh'fhag i air a h-àireamh mar seo air aon de 'Bhròn-sgeòil' Èireann.

Tha seòl eile air a h-aithris, is a rèir an t-seòil sin chuireadh mu dheireadh thall an droch rìgh, Conchobhar, gu a dhùbhlan, is thug Naois is Deirdre buaidh a dh'aindeoin droch ghnìomhan, eadhon nam bàs.

'An uair a thiormaich Gacha Draoi a' bhailc (tha an Leabhar ag ràdh) bha triùir Mhac Uisnigh nan laighe còmhla marbh, taobh ri taobh, air a' mhachair mhìn, ghuirm, agus Deirdre crom os an cionn a' sileadh nan deur.'

Chladhaicheadh uaigh is shìneadh an triùir bhràithrean taobh ri taobh innte. An uair sin thuirt Deirdre:
"Teann a-nall, a Naois, a ghràidh;" is an uair a rinn na mairbh àite dhi, leum ise sìos don uaigh, shìn i i fhèin ri taobh Naois, dh'fhàg an anail i, is cha robh i beò. Ach chan fhuilingeadh an rìgh a fàgail san aon uaigh ri Naois, agus chaidh Deirdre adhlaiceadh leatha fèin air taobh eile an locha.

Dh'fhàs an uair sin craobh giuthais às gach uaigh, is ri ùine choinnich an cuid mheanglan, is chuir iad snaim os cionn meadhan an locha. Gheàrr Conchobhar iad sìos le chèile, ach dh'fhàs iad an dara h-uair is chuir iad snaim. Gheàrr an rìgh iad a-rithist, ach cha do chinn iad an treas uair. Cha d' fhàs na craobhan giuthais na bu mhò. Ach an oidhche sin a chaidh an gearradh sìos an dara h-uair, air oidhche rionnagach chiùin, gun mhòran sgòthan san adhar, mu mheadhan oidhche, no mun àm sam biodh daoine a' gabhail mu thàmh, chunnacas boillsgeadh anabarrach san adhar.

Bha strìoch shoilleir gheal a' dìreadh an dà àird an adhair a bha co-choimeas ris an dà thaobh far an robh Deirdre is Naois nan laighe, is iad a' coinneachadh nan solas blàth an àirde na h-iarmailte os cionn meadhan an locha. Sgrìob Chloinn Uisnigh! B' e sin a h-ainm a' chiad oidhche a chunnacas i; agus is e sin a h-ainm a-nochd.

B' ann an uair sin a chunnaic Conchobhar nach robh e gu feum dha a bhith a' strì ri Naois is Deirdre a sgaradh bho chèile, is leig e dheth a dhroch obair. Am beul-aithris nan Gaidheal, tha cuimhne fhathast air maise is màldachd Dheirdre, air neart is air gaisge Naois. Cuideachd tha Sgrìob Chloinn Uisnigh ri a faicinn gach oidhche mar chrios mun cuairt a' chruinne-chè, is gach gath solais a chithear a' boillsgeadh innte mar phlosgaibh gaoil a' sìor-shiubhal is ag ath-shiubhal eadar an spioradan, nach fhaodar an sgaradh bho chèile ri là no linn.

© na dealbhan Christine Campbell & GRD