|
Sionnsar Sìthe MhicCruimein
Tha an sgeulachd seo air a h-ath-sgrìobhadh
bhon sgeulachd a chaidh fhoillseachadh ann an Leabhraichean-leughaidh
Blackie, leis a' Chomunn Ghaidhealach.
Cha chualas riamh air thalamh sionnsar bu bhrèagha ceòl
na an sionnsar airgid a fhuair MacCruimein bhon bhean-shìthe.
An uair a bha esan a' pìobaireachd na aonar, ann an lagan
uaine ris an canar gus an là an-diugh, 'Slochd nam Pìobairean',
thàinig am boireannach bu bhòidhche a chunnaic e riamh
thuige. Cho luath is a chunnaic MacCruimein am boireannach sguir
e de chluich na pìoba mòire; agus mus do a bhàsaich
mac-talla a' chiùil sna beanntan mun cuairt, thuirt i ris:
Thug do mhaise is ceòl do
phìoba
leannan-sìthe air do thòir;
sìneam dhut an sionnsar airgid
a bhios binn gun chearb dod mheòir.
Fhad gu bràth 's a nì thu chumail
cha tig cunnart ann ad chòir;
là is bliadhna triall fo gheasaibh,
is thig thu leis do Uaimh an Òir.
Bha a' mhaighdeann cho sgiamhach agus gun do ghlac
MacCruimein am feadan às a làimh. An uair sin chaidh
i às a shealladh sa bhad. Ach cho luath is a ghlac e am feadan,
chaidh e fhèin a chur fo gheasaibh. Cha dealaicheadh e a-nis
ris an t-sionnsar ùr airgid airson 'beartas an t-saoghail
mun iadh a' ghrian'.
Thuirt e ris fèin le iongnadh gur truagh nach robh a leithid
siud de mhaighdinn ra faotainn am measg an t-sluaigh. Thilg e an
seann fheadan a-mach air a' mhuir oir tha 'Slochd nam Pìobairean'
am mullach creige mòire ri taobh na mara. Dh'fheuch e am
feadan ùr airgid agus a leithid de cheòl cha chualas
riamh roimhe sin bho phìob-mhòir MhicCruimein.
Là de na làithean fhuair e cuireadh a dhol a phìobaireachd
do Chaisteal Dhùn Bheagain. Dh'èirich e tràth
an ath mhadainn, ghlac e a phìob, agus dh'fhàg e Boraraig,
far an robh e fhèin agus a chàirdean a' fuireach.
Air an t-slighe bha MacCruimein cho toilichte a bhith a' dol a chluich
air an t-sionnsar ùr airgid air feadh nan seann tùr
is nan turaidean, far an robh iomadh fear de a shinnsear gu tric
a' cluich na pìoba-mòire.
Bha moit air cuideachd an uair a smaoinich e gun tugadh e fhèin
bàrr-urraim orra uile leis an t-sionnsar iongantach a fhuair
e bho làimh na maighdinn bhòidhich. An uair a bha
seo na inntinn, cò a nochd mu choinneimh ach a' bhean-sìthe,
agus cho luath agus a chunnaic e i, thuirt i ris:
Ann an Caisteal liath Dhùn
Bheagain,
far an ciataich fleadh is ceòl,
tha bho chian fo ghlais na sìneadh
bratach-shìth as uaine sròl.
Feuch nach cluich thu an sionnsar airgid
far an tig a thoirm na còir;
cuimhnich gu bheil thu fo gheasaibh,
's thig thu leis do Uaimh an Òir.
Cho luath 's a labhair a' mhaighdeann na facail
sin chaidh i às a shealladh. Thill e dhachaigh agus cha do
chluich e a' phìob-mhòr gu bràth tuilleadh
an Caisteal Dhùn Bheagain. Goirid an dèidh sin thàinig
brath gu MacCruimein gus falbh do chogadh. Cha b' urrainn dha diùltadh,
oir cha b' e gealtachd a bu dual do MhacCruimein.
Ged a bha a chàirdean brònach, rinn esan deiseil airson
falbh. Cha dealaicheadh e ris an fheadan ùr airgid airson
ionmhas an t-saoghail. Mu dheireadh thall dh'fhalbh e, ach air an
t-slighe cò thàinig a bhruidhinn ris ach a' mhaighdeann
sgiamhach, agus thug i misneachd dha an uair a thuirt i ris:
Dèan an sionnsar ùr
a chumail,
is cha tig cunnart ann ad chòir,
slàn gum falbh thu, slàn gun till thu,
is chì mi thu an Uaimh an Òir.
Chùm e air chun a' bhlàir. Ged a
bha an nàmhaid lìonmhor agus treun, cha do thachair
càil do MhacCruimein. Far am bu chruaidhe an t-sabaid, sin
far an cluinnte ceòl faramach an fheadain airgid oir bha
MacCruimein sgairteil gun eagal, fo sheun na mnatha-sìthe.
Ach aon là, an uair a b' àirde a bha fuaim a' bhlàir,
bha pongan an fheadain airgid a' sgaoileadh thairis air an raon
chatha agus thàinig an ceòl gu cluasan an rìgh.
An uair a bha an cath seachad, thug esan òrdugh MacCruimein
a thoirt na làthair. Dh'fhaighnich an rìgh dha càite
an d' fhuair e an sionnsar iongantach a bu bhrèagha ceòl
na sionnsar sam bith a chuala e riamh. Dh'innis MacCruimein dha
gun d' fhuair bho bhean-shìthe Uaimh an Òir.
Thairg an rìgh ceud bonn airson an fheadain shìthe,
ach fhreagair MacCruimein nach dealaicheadh e ris an t-sionnsar
ùr airgid airson na rìoghachd agus a' chrùin.
An uair sin chuir an rìgh urram mòr air, oir shìn
e a-mach a làmh do MhacCruimein airson a pògadh. An
oidhche sin fhèin rinn MacCruimein port a chluinnear aig
na pìobairean gus an là an-diugh; agus is iad seo
facail a' phuirt:
Cha do shèid an craiceann
caorach
aon neach a rinn siud ach mi -
thug mi pòg, is pòg, is pòg,
's gun tug mi pòg do làmh an rìgh.
Chuala chluas-san ceòl neo-chearbach,
sionnsar airgid na bean-sìth;
shìn e mach a làmh ra pògadh,
is thug mi pòg do làmh an rìgh.
Mu dheireadh thàinig MacCruimein dhachaigh
às a' chogadh. Bha a chàirdean uabhasach toilichte
an uair a thill e gu slàn fallain. Bha muinntir na dùthcha
gu lèir a' tighinn a choimhead le iongnadh air an fhear a
thug a' phòg do làmh an rìgh. Mhothaich iad
uile gun dh'fhàs esan neònach na chòmhradh
agus na chleachdaidhean seach mar a b' àbhaist dha a bhith.
Ach is beag a bha fhios aca dè a bha a' dol a thachairt do
MhacCruimein goirid an dèidh sin.
Mu dheireadh thall thàinig an t-àm anns am feumadh
MacCruimein soraidh a leigeil le chàirdean agus a dhol gu
Uaimh an Òir às nach tilleadh e gu bràth. Is iomadh
deur a chaidh a shileadh an uair a ghabh e soiridh bhuan le companaich
òige, agus air an t-slighe chluich e gu muladach air an t-sionnsar
ùr airgid:
Cha tig mise;
cha till mise;
mun tig mise à Uaimh an Òir,
bidh na minn bheaga,
nan gobhair chreagach,
's a' chlann laga nam fir àir
is cianail mise,
triall fo gheasaibh
bidh mi am feasd an Uaimh an Òir!
© na dealbhan Christine Campbell & GRD |