Tuilleadh rannan

Àm an earraich

Àm an earraich thig a’ ghrian,
siuthad thusa cuir an sìol.
Àm an earraich thig a’ ghrian
cuir am fras, ‘s bidh againn biadh.

Cuiridh sinn buntàta is càl,
cuiridh sinn buntàta is càl,
cuiridh sinn buntàta is càl
le todhar gheibh sinn air an traigh.

Fàsaidh lusan bòidheach, brèagha,
fàsaidh lusan bòidheach, brèagha,
fàsaidh lusan bòidheach, brèagha
is dìthean buidhe, geal is liath.