Tuilleadh rannan

Boinneagan mòra

Boinneagan mòra mòra
dòrtadh às na neòil
boinneagan mòra mòra
lìonadh suas na lòin.

Iain beag is còta air
le eathar bheag na dhòrn
ga seòladh anns an t-sruthan
nach e tha air a dhòigh.


(Bhon leabhran 'Uisge')