Tuilleadh rannan

Cha toil leam an geamhradh

Cha toil leam an geamhradh
le uisge ‘s le gaoith
a’ sracadh nan duilleagan uile bhon chraoibh.

Cha toil leam an geamhradh
le giorrad an latha
bidh iad gam chur dhan leabaidh ro thràth.

Cha toil leam an geamhradh
tha an aimsir cho fuar
nach math gu bheil mòine gu leòr anns a’ chruaich.

(Bhon leabhar ‘Caoran ann an Cliabh’ le Mairead Hulse)