Cò leis is toil uisge? Cha toil leis a' chat crathaidh e a spòg agus teichidh e a-steach.
Cò leis is toil uisge? Cha toil leis na laoigh tionndaidhidh iad an earbaill ris a' ghaoith.
Cò leis is toil uisge? Is toil le na tunnagan Bidh iad a' slupraich anns na glumagan.
Cò leis is toil uisge? Is toil leis a' chloinn bheaga a' sgudalaich 's a' luidearaich a' plubadaich 's a' breabadh.