Tuilleadh rannan

Cò mi?

Tha mi anns a' mhuir
agus tha mi anns an abhainn
tha mi anns an tap
agus tha mi anns an adhar
Cò mi? cò mi? cò mi?
Uisge.

Their iad rium deigh
nuair a bhios mi cruaidh reòthte
thèid mi air ghoil
agus their iad rium ceò
Cò mi? cò mi? cò mi?
Uisge.


(Bhon leabhran 'Uisge')