Tuilleadh rannan

Geamhradh, samhradh agus foghar

"An geamhradh a' tighinn," ars am brùdhearg,
"an sneachd a' tuiteam gu mìn,
a' danns anns an adhar sìos, sìos, splut, splut,
a' leaghadh sa mhionaid às an t-sealladh."

"An samhradh a' tighinn," ars am brùdhearg,
"a' ghrian a' deàrrsadh
's a' dol às an t-sealladh."
"Hurrah!" ars a' chlann, "'s i a' nochdadh a-rithist."

"Am foghar a' tighinn," ars am brùdhearg,
"duilleach a' tuiteam bho gheugan
's gach ainmhidh gu lèir
sna tuill nan cadal."