Tuilleadh rannan

Ràith a' gheamhraidh


Ràith a' gheamhraidh
fliuch agus fuar
coirc anns an iodhlainn
mòine anns a' chruaich.

Ràith a' gheamhraidh
gailleanach, gaothach
lèintean a' slacadaich
air an t-sreang-aodaich.

Ràith a' gheamhraidh
reòthte, sleamhainn
sgàilean deigh
air lòn agus abhainn.

Ràith a' gheamhraidh
clachan-meallain
gnogadh air uinneagan
dannsa air an talamh.

Ràith a' gheamhraidh
dorch anns a' mhadainn
dorch tràth feasgar
dorch anns an leabaidh.

Ràith a' gheamhraidh
Santa Claus
cairtean Nollaig
cluiche le toidhs.

Ràith a' gheamhraidh
sneachda geal
sneachda domhainn
deàlrach, glan.

Ràith a' gheamhraidh
thèid i seachad
thig an uair sin
ràith an earraich.


(Bhon leabhar 'Seinn Seo')