Tuilleadh rannan

Sìde fhuar

Sìde fhuar againn anns a' gheamhradh
sìde fhuar ann a h-uile là
sìde fhuar ann a là 's a dh'oidhche
b' fheàrr leam gun tigeadh beagan sìde bhlàth!

Sèist: Fuar, fuar, òrdagan is corragan
fuar, fuar, cluasan is ceann
cuir ort miotagan is stocainnean
còta mòr is brògan, is bonaid blàth teann.

Sneachda fuar shuas air na beanntan
sneachda fuar shìos air an t-sràid
sneachda fuar laighe anns a' ghàrradh
sneachda 's deigh is reothadh anns a h-uile h-àite.

Clachan-meallain bualadh air an uinneig
clachan-meallain bualadh air an taigh
clachan-meallain bualadh air an doras
tha mi nis cho toilichte gu bheil mi blàth a-staigh!


(Bhon leabhar 'Dòtaman')