|

Splis! splais! cuir ort do bhòtannan
tha e fliuch an-diugh
splis! splais! cuir ort do bhòtannan
tha e fliuch an-diugh.
Tha an t-uisge air an uinneig
piotair, patair, piotair, patair
tha an t-uisge air an uinneig
fad an là an-diugh.
Splis! splais! cuir ort
do bhonaid
tha e fliuch an-diugh
splis! splais! cuir ort do bhonaid
tha e fliuch an-diugh.
Tha an t-uisge air an doras
piotair, patair, piotair, patair
tha an t-uisge air an doras
fad an là an-diugh.
Splis! splais! cuir ort
do sheacaid
tha e fliuch an-diugh
splis! splais! cuir ort do sheacaid
tha e fliuch an-diugh.
tha an t-uisge air an talamh
piotair, patair, piotair, patair
tha an t-uisge air an talamh
fad an là an-diugh.
Splis! splais! cuir ort
do mhiotagan
tha e fliuch an-diugh
splis! splais! cuir ort do mhiotagan
tha e fliuch an-diugh.
tha an t-uisge air
an talamh
piotair, patair, piotair, patair
tha an t-uisge air an talamh
fad an là an-diugh.
(Bhon leabhran 'Uisge')
|