|

Tha strianagan de dh'uisge trom
a' sruthadh sìos nan uinneagan
tha sruthain mhòra ruith dhan allt
's tha an abhainn làn de thunnagan.
Tha uisge mòr
a-muigh an-diugh
's tha Dòmhnall a-staigh gu muladach
chan fhaigh e mach an-diugh co-dhiù
mus tuit e dha na glumagan.
(Bhon leabhran 'Uisge')
|