Tuilleadh rannan

Uisge air cùl m' amhaich


Uisge air an uinneig
uisge a nì brag
boinneag bho bhoinneag
a’ sruthadh gun stad.
Uisge air an rathad
uisge a nì danns
mar dhaoine beaga bìdeach
a' buiceil nan deann.

Uisge anns an t-similear
uisge a nì siss
nuair bhuaileas e an teine
bidh èibhleagan glas.
Uisge air an rathad
uisge a nì danns
mar dhaoine beaga bìdeach
a' buiceil nan deann.

Uisge air cùl m' amhaich
uisge a tha fuar
a' sruthadh sìos m' aodainn
's a' fliuchadh mo ghruaidh.
Uisge air an rathad
uisge a nì danns
mar dhaoine beaga bìdeach
a' buiceil nan deann.

Uisge air an lòn
uisge a nì splais
a' dèanamh nan cearcall
a sgaoileas a-mach.
Uisge air an rathad
uisge a nì danns
mar dhaoine beaga bìdeach
a' buiceil nan deann.