Uisge fuar no uisge blàth
uisge dòrtadh às an adhar
uisge san abhainn ruith na dheann
uisge gu cas a' tighinn le beann
uisge bualadh air an uinneig
uisge drùidheadh ort ann am mionaid
ach an t-uisge sa choire goil son tì
's e sin an t-uisge as fheàrr leam fhìn.
(Bhon leabhran 'Uisge')