|

Uisge fuar, fuar, fuar
uisge fuar air mo cheann
uisge trom frasach fuar
's e am foghar a th' ann
uisge fuar, sneachda bàn
clachan-meallain, uisge mìn
air mo cheann, air mo cheann.
Sneachda bàn, bàn,
bàn
sneachda bàn air mo cheann
sneachda tiugh sàmhach bàn
's e an geamhradh a th' ann
uisge fuar, sneachda bàn
clachan-meallain, uisge mìn
air mo cheann, air mo cheann.
Clachan-meallain cruaidh,
cruaidh
clachan-meallain air mo cheann
clachan-meallain goirt cruaidh
's e an t-earrach a th' ann
uisge fuar, sneachda bàn
clachan-meallain, uisge mìn
air mo cheann, air mo cheann.
Uisge mìn,
mìn, mìn
uisge mìn air mo cheann
uisge bog blàth mìn
's e an samhradh a th' ann
uisge fuar, sneachda bàn
clachan-meallain, uisge mìn
air mo cheann, air mo cheann.
(Bhon leabhran 'Uisge')
|