|

Dànaidh beag an dràgon
bidh e dol gu mòine
bidh e dol dhan bhaile agus bidh e dol dhan sgoil.
Tha e math air cleasachd,
tha e math air danns'
thig e dha na cròileagain a chluiche leis a' chloinn.
Dànaidh beag an dràgon
a' gàireachdainn le spòrs
a' roiligeadh air ùrlar 's a' dannsa air a' bhòrd.
Cluiche fad an là
gus am fàs e sgìth
thèid e dhan leaba agus gheibh e cupa tè.
(Bhon leabhran 'Rannan'
le Ceiteag Mhoireasdan)
(© na dealbhan
Christine Campbell & GRD)
|