Tuilleadh rannan

Tha cuilean beag agamsa

Tha cuilean beag agamsa
cuilean beag, bàn,
's chan eil taobh an toir mi m' aghaidh
nach bi e rim shàil.

Nuair dh'fhalbhas mise dhan sgoil
air madainn mhoich Dimàirt
bidh an cuilean beag cho tùrsach
's e na laighe air an làr.

Nuair a thig mi dhachaigh feasgar
ruithidh e gun dàil
na mo choinneimh chun a' gheata
a chur ormsa fàilte.

(Bhon leabhar 'Seillean sa Bhotal')