"Tha mi ruith," ars an rabaid,
"tha mi ruith"
"tha mi ruith," ars an rabaid, "tha mi ruith"
"tha mi ruith sìos a' mhachair, lorg curran son
mo bhracaist
tha mi ruith," ars an rabaid, "tha mi ruith."
"Tha mi leum,"
ars an losgann, "tha mi leum"
"tha mi leum," ars an losgann, "tha mi leum"
"tha mi leum air an duilleig, ach an dùil an
glac mi cuileag
tha mi leum," ars an losgann, "tha mi leum."
"Tha mi streap,"
ars an fheòrag, "tha mi streap"
"tha mi streap," ars an fheòrag, "tha
mi streap"
"tha mi streap suas a' chraobh, dh'ithe cnothan ann
an sin
tha mi streap," ars an fheòrag, "tha mi streap."
"Tha mi snàmh,"
ars an t-iasg, "tha mi snàmh"
"tha mi snàmh," ars an t-iasg, "tha
mi snàmh"
"tha mi snàmh anns an abhainn, na mo rus is na
mo chabhaig
"tha mi snàmh," ars an t-iasg, "tha
mi snàmh."
"Tha mi sgèith,"
ars an t-isean, "tha mi sgèith"
"tha mi sgèith," ars an t-isean, "tha
mi sgèith,"
"tha mi sgèith anns an adhar, shuas gu h-àrd
's a-mach à sealladh.
tha mi sgèith," ars an t-isean, "tha mi sgèith."