Bidh sinn ag obair anns a' chidsin
gu trang a h-uile là
a' cuideachadh ar Mamaidh
's gu tric dol anns an rathad.
Sèist: Teth, teth,
teth - thoir an aire dhan a' chucar
teth, teth, teth - thoir an aire dhan an stòbh
teth, teth, teth - thoir an aire dhan a' chucar
ma loisgeas tu do chrògan, cha chluinn sinn ach "Obh!
Obh!"
Nì sinn cèicichean
is briosgaidean
sgonaichean le ìm
aran-coirce is càise
rudan math airson ar tì.
Glanaidh sinn na soithichean
's na panaichean gu lèir
is canaidh Mamaidh an uair sin
"nach math a rinn sibh fhèin!"
Bidh sinn ag obair
anns a' chidsin
gu trang a h-uile là
a' cuideachadh ar Mamaidh
's gu tric dol anns an rathad.